ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

428: Birlinn Chlann Raghnaill - Part 2 428: Birlinn Chlann Raghnaill - Pàirt 2

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Birlinn Chlann Raghnaill - Pàirt 2

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun bhàrd ainmeil Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, agus mar a sgrìobh e Birlinn Chlann Raghnaill . Bha e fo shlige bàta a bha bun-os-cionn ann an Canaigh.

Nuair a chuala mi an stòiridh sin, bha mi a’ faireachdainn na bu thoilichte mu thogalach Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann. ’S e an t-ailtire Catalan, Enric Miralles nach maireann, a dhealbh an togalach. Tha am mullach, ann an aon phàirt dheth, a’ riochdachadh bhàtaichean a tha bun-os-cionn air cladach eilein. Dè an t-eilean? Lindisfarne, ann an ceann a tuath Shasainn.

Bha sin riamh annasach dhomh. Bha Miralles ag ràdh gun robh an togalach a’ riochdachadh Alba ‘ùr’. Ach thagh e ìomhaigh Shasannach. Ceart gu leòr, bha ceanglaichean ann eadar Lindisfarne agus Eilean Ì. Ach nach robh gu leòr de rudan ann an Alba fhèin, gun a bhith a’ dol a Shasainn airson ìomhaigh nam bàtaichean bun-os-cionn?

Às dèidh dhomh an stòiridh mu Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair a chluinntinn, bha mi a’ faireachdainn na b’ fheàrr mu Thaigh na Pàrlamaid. Tha ìomhaigh ùr agam a-nise nam cheann. Fo mhullach na Pàrlamaid, bidh smuaintean cruthachail a’ tighinn gu luchd-poilitigs, dìreach mar a bha do Mhac Mhaighstir Alasdair.

Chan e dàn sam bith a chruthaich am bàrd fon bhàta, ach Birlinn Chlann Raghnaill. ’S e mòr-sgeul filidheach a tha ann. A rèir cuid, tha e a’ riochdachadh na strì aig na Gàidheil anns an ochdamh linn deug airson an neart is cumhachd fhaighinn air ais. Rinn am bàrd tuairisgeul de dh’fhear-stiùiridh na birlinn mar cudromach, garbh, socair … lùthmhor, eirmseach, foighidneach. Saoil an robh e a’ smaoineachadh air ceannardan na h-Alba? Agus dè mu dheidhinn luchd-poilitigs an latha an-diugh?!

Tha Mac Mhaighstir Alasdair cuideachd a’ dèanamh soilleir gur e an sgioba, ag obair còmhla, a thug an soitheach gu sàbhailteachd ann an Èirinn. Co-obrachadh anns an stoirm. ’S dòcha gur e sin deagh ìomhaigh a bhith a’ cur ann an inntinn luchd-poilitigs na h-Alba, nuair a tha iad fo mhullach nan sligean bhàtaichean ann an Taigh na Pàrlamaid.

Birlinn Chlann Raghnaill - Part 2

English Beurla

I was telling you about the famous bard, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, and how he wrote Birlinn Chlann Raghnaill. He was under the hull of an upturned boat in Canna.

When I heard that story, I was feeling happier about the Scottish Parliament building in Edinburgh. It’s the Catalan architect, the late Enric Miralles, that designed the building. The roof, in one part of it, represents boats that are upside-down on the shore of an island. What island? Lindisfarne, in northern England.

That was always strange to me. Miralles was saying that the building was representing a ‘new’ Scotland. But he chose an English image. Certainly, there were links between Lindisfarne and Iona. But weren’t there enough things in Scotland itself, without going to England for the images of the upside-down boats?

After I heard the story of Mac Mhaighstir Alasdair, I was feeling better about the House of Parliament. I have a new image in my head now. Under the roof of the parliament, politicians will get creative thoughts, just as Mac Mhaighstir Alasdair did.

It wasn’t just any old poem that the bard created under the boat, but Birlinn Chlann Raghnaill. It’s a poetic epic. According to some people, it represents the efforts of the Gaels in the eighteenth century to recover their energy and power. The poet described the galley’s helmsman as serious, rugged, steady ... vigorous, expert, patient. Do you reckon he was thinking of the leaders of Scotland? And what about the politicians of today?!

Mac Mhaighstir Alasdair also makes it clear that it is the crew, working together, that took the vessel to safety in Ireland. Co-operation in the storm. Perhaps that’s a good image to put in the minds of Scotland’s politicians, when they are under the roof of the boat hulls in the House of [the] Parliament.

Show English

Birlinn Chlann Raghnaill - Pàirt 2

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun bhàrd ainmeil Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, agus mar a sgrìobh e Birlinn Chlann Raghnaill . Bha e fo shlige bàta a bha bun-os-cionn ann an Canaigh.

Nuair a chuala mi an stòiridh sin, bha mi a’ faireachdainn na bu thoilichte mu thogalach Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann. ’S e an t-ailtire Catalan, Enric Miralles nach maireann, a dhealbh an togalach. Tha am mullach, ann an aon phàirt dheth, a’ riochdachadh bhàtaichean a tha bun-os-cionn air cladach eilein. Dè an t-eilean? Lindisfarne, ann an ceann a tuath Shasainn.

Bha sin riamh annasach dhomh. Bha Miralles ag ràdh gun robh an togalach a’ riochdachadh Alba ‘ùr’. Ach thagh e ìomhaigh Shasannach. Ceart gu leòr, bha ceanglaichean ann eadar Lindisfarne agus Eilean Ì. Ach nach robh gu leòr de rudan ann an Alba fhèin, gun a bhith a’ dol a Shasainn airson ìomhaigh nam bàtaichean bun-os-cionn?

Às dèidh dhomh an stòiridh mu Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair a chluinntinn, bha mi a’ faireachdainn na b’ fheàrr mu Thaigh na Pàrlamaid. Tha ìomhaigh ùr agam a-nise nam cheann. Fo mhullach na Pàrlamaid, bidh smuaintean cruthachail a’ tighinn gu luchd-poilitigs, dìreach mar a bha do Mhac Mhaighstir Alasdair.

Chan e dàn sam bith a chruthaich am bàrd fon bhàta, ach Birlinn Chlann Raghnaill. ’S e mòr-sgeul filidheach a tha ann. A rèir cuid, tha e a’ riochdachadh na strì aig na Gàidheil anns an ochdamh linn deug airson an neart is cumhachd fhaighinn air ais. Rinn am bàrd tuairisgeul de dh’fhear-stiùiridh na birlinn mar cudromach, garbh, socair … lùthmhor, eirmseach, foighidneach. Saoil an robh e a’ smaoineachadh air ceannardan na h-Alba? Agus dè mu dheidhinn luchd-poilitigs an latha an-diugh?!

Tha Mac Mhaighstir Alasdair cuideachd a’ dèanamh soilleir gur e an sgioba, ag obair còmhla, a thug an soitheach gu sàbhailteachd ann an Èirinn. Co-obrachadh anns an stoirm. ’S dòcha gur e sin deagh ìomhaigh a bhith a’ cur ann an inntinn luchd-poilitigs na h-Alba, nuair a tha iad fo mhullach nan sligean bhàtaichean ann an Taigh na Pàrlamaid.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 732

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile