ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

613: Saint Munnu (2) 613: Naomh Munnu (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Naomh Munnu (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Mhunnu, seann naomh Ceilteach. B’ e Finten ainm-baistidh. Dhiùlt Aba Ì, Baithéne, Finten a ghabhail mar mhanach. Bha Calum Cille air a ràdh ris gum biodh Finten na aba, seach na mhanach.

Fhuair Finten beannachd bho Bhaithéne agus sheòl e a dh’Èirinn. Thàinig an cunntas sin à Beatha Chaluim Chille. Chaidh a sgrìobhadh le Eònan, naoidheamh aba Ì.

Tha cunntasan às Èirinn mu Fhinten. Nuair a bha e na ghille, bha e ri buachailleachd. Bha e a’ fàgail a chruidh anns a’ choille fhad ʼs a bha e ag ionnsachadh ann am manachainn. Ach bha a’ choille làn mhadaidhean-allaidh.

Thug athair trod dha. ‘Na gabhaibh dragh, athair,’ thuirt Finten. ‘Ma leigeas sibh leam a bhith ag ionnsachadh, cha chaill sibh gin dhen chrodh agaibh.’ Air an làrna-mhàireach, chunnaic athair dà mhadadh-allaidh anns a’ choille. Bha iad a’ coimhead às dèidh a’ chruidh mar a bhiodh dà chù dròbhaidh!

Tha Finten – no Munnu – air a chuimhneachadh ann an ainmean pearsanta ann an Alba. Anns an t-seann aimsir, ghabh feadhainn an t-ainm Gille Mhunnu orra mar urram dha. Mar sin, nochd an t-ainm-cinnidh Mac Gille Mhunnu. Ann an dreach na Beurla, tha sin a’ nochdadh mar Makilmone, Mckilmoun, Makmun, McIlmune, Mackilune agus eile.

Anns an latha an-diugh, tha na h-ainmean-cinnidh MacMunn agus Munn cumanta gu leòr. ʼS ann à Mac Mhunnu a thàinig iad. Bidh sibh a’ cuimhneachadh gum b’ e Finten – no Fiontan – ainm-baistidh an naoimh. Mar sin, nochd an t-ainm Gille Fhiontain Às a sin, thàinig na h-ainmean-cinnidh a th’ againn an-diugh – MacClinton agus McAlinden. Tha dùil cuideachd gu bheil MacClintock – Mac Gill’ Fhionntaig – a’ comharrachadh an dearbh dhuine. Ma dh’fhaodte gu bheil McLentick a’ tighinn bhon aon fhreumh – agus gun deach ainmean dhen t-seòrsa seo a ghiorrachadh gu Lindsay.

An do mhothaich sibh do dh’aon rud? Tha an t-ainm MacClinton – agus Clinton – a’ cuimhneachadh Finten. Mar sin, tha ainm an naoimh Ghàidhealaich seo air a chuimhneachadh anns an tè a bha a’ strì o chionn ceithir mìosan airson ceannas nan Stàitean Aonaichte. ʼS dòcha gur e Hillary Nic Gill’ Fhiontain a bu chòir dhuinn a bhith a’ gabhail oirre ann an Gàidhlig!

Saint Munnu (2)

English Beurla

I was telling you about Munnu, an old Celtic saint. His baptismal name was Finten. The Abbot of Iona, Baithéne, refused to take Finten as a monk. St Columba had said to him that Finten would be an abbot, rather than a monk.

Finten received a blessing from Baithéne and he sailed to Ireland. That account came from Vita Columbae. It was written by Adamnan, the ninth abbot of Iona.

There are accounts of Finten from Ireland. When he was a lad, he was involved in herding. He was leaving his cattle in the forest while he was learning at a monastery. But the forest was full of wolves.

His father scolded him. ‘Don’t be upset, father,’ said Finten. ‘If you permit me to be learning, you will not lose any of your cattle.’ Next day, his father saw two wolves in the forest. They were looking after the cattle as if they were two droving dogs.

Finten – or Munnu – is remembered in personal names in Scotland. In olden times, some people adopted the name Gille Mhunnu to show devotion to him. Thus, the surname Mac Gille Mhunnu appeared. In Anglicised form, that appears as Makilmone, Mckilmoun, Makmun, McIlmune, Mackilune and others.

Today, the surnames MacMunn and Munn are common enough. They came from Mac Mhunnu. You will recall that Finten – or Fiontan – was the saint’s baptismal name. Thus, the name Gille Fhiontain appeared. From that came the surnames we have today – MacClinton and McAlinden. I also imagine that MacClintock – Mac Gill’ Fhionntaig – marks the very same man. Perhaps McLentick comes from the same root – and that names of this type were shortened to Lindsay.

Did you notice something [one thing]? The name MacClinton – and Clinton – remember Finten. Thus, the name of this Gaelic saint is remembered in the woman who was struggling four months ago for the leadership of the United States. Perhaps we should be calling her Hillary Nic Gill’ Fhiontain in Gaelic!

Show English

Naomh Munnu (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Mhunnu, seann naomh Ceilteach. B’ e Finten ainm-baistidh. Dhiùlt Aba Ì, Baithéne, Finten a ghabhail mar mhanach. Bha Calum Cille air a ràdh ris gum biodh Finten na aba, seach na mhanach.

Fhuair Finten beannachd bho Bhaithéne agus sheòl e a dh’Èirinn. Thàinig an cunntas sin à Beatha Chaluim Chille. Chaidh a sgrìobhadh le Eònan, naoidheamh aba Ì.

Tha cunntasan às Èirinn mu Fhinten. Nuair a bha e na ghille, bha e ri buachailleachd. Bha e a’ fàgail a chruidh anns a’ choille fhad ʼs a bha e ag ionnsachadh ann am manachainn. Ach bha a’ choille làn mhadaidhean-allaidh.

Thug athair trod dha. ‘Na gabhaibh dragh, athair,’ thuirt Finten. ‘Ma leigeas sibh leam a bhith ag ionnsachadh, cha chaill sibh gin dhen chrodh agaibh.’ Air an làrna-mhàireach, chunnaic athair dà mhadadh-allaidh anns a’ choille. Bha iad a’ coimhead às dèidh a’ chruidh mar a bhiodh dà chù dròbhaidh!

Tha Finten – no Munnu – air a chuimhneachadh ann an ainmean pearsanta ann an Alba. Anns an t-seann aimsir, ghabh feadhainn an t-ainm Gille Mhunnu orra mar urram dha. Mar sin, nochd an t-ainm-cinnidh Mac Gille Mhunnu. Ann an dreach na Beurla, tha sin a’ nochdadh mar Makilmone, Mckilmoun, Makmun, McIlmune, Mackilune agus eile.

Anns an latha an-diugh, tha na h-ainmean-cinnidh MacMunn agus Munn cumanta gu leòr. ʼS ann à Mac Mhunnu a thàinig iad. Bidh sibh a’ cuimhneachadh gum b’ e Finten – no Fiontan – ainm-baistidh an naoimh. Mar sin, nochd an t-ainm Gille Fhiontain Às a sin, thàinig na h-ainmean-cinnidh a th’ againn an-diugh – MacClinton agus McAlinden. Tha dùil cuideachd gu bheil MacClintock – Mac Gill’ Fhionntaig – a’ comharrachadh an dearbh dhuine. Ma dh’fhaodte gu bheil McLentick a’ tighinn bhon aon fhreumh – agus gun deach ainmean dhen t-seòrsa seo a ghiorrachadh gu Lindsay.

An do mhothaich sibh do dh’aon rud? Tha an t-ainm MacClinton – agus Clinton – a’ cuimhneachadh Finten. Mar sin, tha ainm an naoimh Ghàidhealaich seo air a chuimhneachadh anns an tè a bha a’ strì o chionn ceithir mìosan airson ceannas nan Stàitean Aonaichte. ʼS dòcha gur e Hillary Nic Gill’ Fhiontain a bu chòir dhuinn a bhith a’ gabhail oirre ann an Gàidhlig!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 917

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile