ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

167: The Three Green Dogs 167: Na Trì Coin Uaine

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Na Trì Coin Uaine

Gaelic Gàidhlig

Thòisich mi an t-seachdain sa chaidh air an sgeulachd “Na Trì Coin Uaine”. Thill am prionnsa agus na trì coin, Fios, Luaths agus Trom, don bheinn-sheilg. Shuidh am prionnsa air cnoc. Bha fios aig Fios far an robh na fèidh. Rug Luaths orra. Thug Trom dhachaigh iad.

Dh’iarr piuthar a’ phrionnsa air a bràthair dhol don uaimh agus trì glaodhan a thoirt aig an doras. Chaidh am prionnsa agus na coin don uaimh. Thug am prionnsa na trì glaodhan. Thàinig na famhairean a-mach. Mharbh na coin fear de na famhairean.

Feasgar an ath latha, thill am prionnsa agus na coin don uaimh. Thug am prionnsa trì glaodhan aig an doras. Thàinig na famhairean a-mach. Mharbh na coin famhair eile. Bha dìreach aon fhamhair air fhàgail beò.

An ath latha a-rithist, thill am prionnsa agus na coin don uaimh. Ghlaodh am prionnsa trì uairean aig an doras. Thàinig am famhair a-mach. Mharbh na coin am famhair. Chaidh am prionnsa agus na coin a-steach don uaimh. Fhuair iad òr is airgead.

Chaidh am prionnsa dhachaigh. Bha a phiuthar a’ feitheamh ris le deoch phuinnsein. “Siuthad, a ghaoil,” ars ise, “agus òl an deoch seo.”

Dh’òl e an deoch agus thuit e marbh. Thòisich na coin air caoineadh. Dh’fhalbh iad. Ràinig iad tobar. Bha dithis aig an tobar. Bha fear a’ lìonadh soitheach le uisge. Bha am fear eile ag amharc air.

“Dè tha sibh a’ dèanamh?” arsa Fios.

“O,” fhreagair am fear a bha a’ lìonadh an t-soithich, “’s e tobar leigheis a tha seo. Tha mi a’ toirt uisge don duine seo.”

“Bu toigh leam,” arsa Fios, “uisge fhaighinn dhomh fhìn.”

Fhuair e uisge. Thill na coin gu taigh a’ phrionnsa. Dhòirt iad an t-uisge air a’ phrionnsa. Dh’èirich am prionnsa gu slàn, fallain.

“A-nis,” arsa Fios, “tha mi fhìn agus na coin eile a’ falbh.” Cha robh am prionnsa toilichte. “Feumaidh sinn falbh,” thuirt Fios. Dh’fhalbh iad. Agus an ath sheachdain chì sinn mar a tha an stòiridh a’ tighinn gu crìch.

The Three Green Dogs

English Beurla

I started last week on the story “The Three Green Dogs”. The prince and the three dogs, Fios, Luaths and Trom, returned to the hunting mountain. The prince sat on a hill. Fios knew where the deer were. Luaths caught them. Trom took them home.

The prince’s sister asked her brother to go to the cave and give three shouts at the door. The prince and dogs went to the cave. The prince gave the three shouts. The giants came out. The dogs killed one of the giants.

On the afternoon of the next day, the prince and dogs returned to the cave. The prince gave three shouts at the door. The giants came out. The dogs killed another giant. There was just one giant left alive.

The following day [next day again], the prince and dogs returned to the cave. The prince shouted three times at the door. The giant came out. The dogs killed the giant. The prince and dogs went into the cave. They got gold and silver.

The prince went home. His sister was waiting with a drink of poison. “Here you are, love,” she said, “drink this drink.”

He drank the drink and he fell dead. The dogs started to cry. They left. They reached a well. There were two men at the well. One man was filling a vessel with water. The other man was watching him.

“What are you doing?” said Fios.

“Oh,” said the man who was filling the vessel, “this is a healing well. I am giving this man water.”

“I’d like,” said Fios, “to get water for myself.”

He got water. The dogs returned to the prince’s house. They poured the water on the prince. The prince arose hale and hearty.

“Now,” said Fios, “myself and the other dogs are leaving.” The prince wasn’t pleased. “We must leave,” said Fios. They left. And next week we’ll see how the story ends.

Show English

Na Trì Coin Uaine

Gaelic Gàidhlig

Thòisich mi an t-seachdain sa chaidh air an sgeulachd “Na Trì Coin Uaine”. Thill am prionnsa agus na trì coin, Fios, Luaths agus Trom, don bheinn-sheilg. Shuidh am prionnsa air cnoc. Bha fios aig Fios far an robh na fèidh. Rug Luaths orra. Thug Trom dhachaigh iad.

Dh’iarr piuthar a’ phrionnsa air a bràthair dhol don uaimh agus trì glaodhan a thoirt aig an doras. Chaidh am prionnsa agus na coin don uaimh. Thug am prionnsa na trì glaodhan. Thàinig na famhairean a-mach. Mharbh na coin fear de na famhairean.

Feasgar an ath latha, thill am prionnsa agus na coin don uaimh. Thug am prionnsa trì glaodhan aig an doras. Thàinig na famhairean a-mach. Mharbh na coin famhair eile. Bha dìreach aon fhamhair air fhàgail beò.

An ath latha a-rithist, thill am prionnsa agus na coin don uaimh. Ghlaodh am prionnsa trì uairean aig an doras. Thàinig am famhair a-mach. Mharbh na coin am famhair. Chaidh am prionnsa agus na coin a-steach don uaimh. Fhuair iad òr is airgead.

Chaidh am prionnsa dhachaigh. Bha a phiuthar a’ feitheamh ris le deoch phuinnsein. “Siuthad, a ghaoil,” ars ise, “agus òl an deoch seo.”

Dh’òl e an deoch agus thuit e marbh. Thòisich na coin air caoineadh. Dh’fhalbh iad. Ràinig iad tobar. Bha dithis aig an tobar. Bha fear a’ lìonadh soitheach le uisge. Bha am fear eile ag amharc air.

“Dè tha sibh a’ dèanamh?” arsa Fios.

“O,” fhreagair am fear a bha a’ lìonadh an t-soithich, “’s e tobar leigheis a tha seo. Tha mi a’ toirt uisge don duine seo.”

“Bu toigh leam,” arsa Fios, “uisge fhaighinn dhomh fhìn.”

Fhuair e uisge. Thill na coin gu taigh a’ phrionnsa. Dhòirt iad an t-uisge air a’ phrionnsa. Dh’èirich am prionnsa gu slàn, fallain.

“A-nis,” arsa Fios, “tha mi fhìn agus na coin eile a’ falbh.” Cha robh am prionnsa toilichte. “Feumaidh sinn falbh,” thuirt Fios. Dh’fhalbh iad. Agus an ath sheachdain chì sinn mar a tha an stòiridh a’ tighinn gu crìch.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 471

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile