ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

120: Cuchulainn 120: Cuchulainn

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Cuchulainn

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu chrios Chuchulainn. ’S e sin an lus air a bheil meadowsweet ann am Beurla. A bheil sibh eòlach air? Agus cò tha ann an Cuchulainn? Uill, ’s e gaisgeach a bha ann. Bha e ainmeil ann an Èirinn agus Alba.

Seo stòiridh mu dheidhinn Chuchulainn à Alba. Bha uaireigin ann an Alba rìgh. ’S e Cumhal an t-ainm a bha air. Bha cù mòr aige. Bha an cù a’ cumail sùil air a chrodh. Bha e a’ toirt a’ chruidh a-mach sa mhadainn. Bha e a’ toirt a’ chruidh dhachaigh feasgar.

Bha daoine a’ fuireach faisg air taigh an rìgh. Bha mac aca. Feasgar a bha seo, bha an gille a’ dol gu taigh an rìgh air gnothach. Bha caman is ball aige. Bha e a’ cluich leis a’ chaman is ball. Thachair e ri cù an rìgh. Thog an cù am ball na bheul. Ruith e air falbh.

Chaidh an gille an tòir air a’ chù. Bhuail e am ball leis a’ chaman. Bha am ball fhathast ann am beul a’ choin. Mharbh e an cù. Cha robh cù aig an rìgh an uair sin, airson sùil a chumail air a chrodh. Ghabh an gille àite a’ choin. Bha e a’ toirt a’ chruidh a-mach gach madainn. Bha e a’ toirt a’ chruidh dhachaigh gach feasgar.

Bidh cuimhne agaibh gur e Cumhal ainm an rìgh. Leis gun robh an gille air àite a’ choin a ghabhail, ’s e Cù Chumhail a bha daoine a’ gabhail air. Chaidh sin atharrachadh gu Cuchulainn.

Uill, sin an stòiridh le dreach Albannach air. Ann an Èirinn chan e Cumhal a bha air an duine, ach Culann, agus chan e rìgh a bha ann. ’S e Setanta an t-ainm-baistidh a bha air Cuchulainn. Fhuair e an t-ainm ùr aige nuair a mharbh e an cù-faire fiadhaich aig Culann. Leis nach robh cù aig Culann tuilleadh, ghabh Setanta àite a’ choin. Bha e fhèin an uair sin mar chù-faire dha – “Cù Chulainn”.

Faclan is abairtean: Bha mi ag innse dhuibh mu chrios Chuchulainn: I was telling you about meadowsweet [lit. Cuchullin’s belt]; a bheil sibh eòlach air?:do you know it?; ’s e gaisgeach a bha ann: he was a [legendary] hero; bha uaireigin ann an Alba rìgh: there was at one time in Scotland a king; a’ cumail sùil air a chrodh: keeping an eye on the cattle; bha e a’ toirt a’ chruidh dhachaigh feasgar: he was taking the cattle home in the afternoon; bha an gille a’ dol gu taigh an rìgh air gnothach: the lad was going to the king’s house on a matter; caman is ball: a shinty stick and ball; thachair e ri: he met; thog an cù am ball na bheul: the dog picked up the ball in his mouth; an tòir air a’ chù: in pursuit of the dog; beul a’ choin: the dog’s mouth; mharbh e an cù: he killed the dog; ghabh an gille àite a’ choin: the lad took the dog’s place; ’s e Cù Chumhail a bha daoine a’ gabhail air: people called him Cù Chumhail; ’s e Setanta an t-ainm-baistidh a bha air Cuchulainn: Cuchullin’s given (baptism) name was Setanta; an cù-faire fiadhaich aig Culann: Culann’s savage watch-dog; leis nach robh cù aig Culann tuilleadh: as Culann no longer had a dog.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 424

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile