FaclairDictionary EnglishGàidhlig

550: Pronouncing ‘Feadhainn’ 550: Fuaimneachadh ‘Feadhainn’

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Fuaimneachadh ‘Feadhainn’

Gaelic Gàidhlig

Ciamar a tha sibh fhèin a’ fuaimneachadh an fhacail F-E-A-D-H-A-I-N-N? Tha ceithir diofar dhòighean ann. Seo iad – feƔin, fyeoin, feoin agus fyeƔin. Ma tha sibh ag ionnsachadh na Gàidhlig, ciamar a chanas sibh fhèin e? ’S dòcha gum bi sibh a’ leantainn dòigh ur tidseir. ’S dòcha gum bi sibh a’ leantainn na dualchainnt anns an sgìre agaibh.

Ach dè mu dheidhinn àiteachan far an robh dualchainnt Ghàidhlig ann gu o chionn ghoirid? Ciamar a bhios fios agaibh air an fhuaimneachadh a bha ann? Uill, tha Dùghlas Friseal air làrach-lìn a chruthachadh le fiosrachadh mar sin oirre. Tha mapaichean ann de dh’Alba co-cheangailte ri suirbhidhean na Gàidhlig. Bha na suirbhidhean air an dèanamh eadar naoi ceud deug is caogad (1950), agus naoi ceud deug, seasgad ’s a trì (1963). Aig an àm sin, bha dualchainntean sgìreil fhathast beò cha mhòr air feadh na Gàidhealtachd.

A thaobh an fhacail ‘feadhainn’, tha Dùghlas air mapa a dhèanamh dhen dòigh a bha aig daoine anns gach sgìre am facal fhuaimneachadh. Thathar ag ràdh ‘ feƔin’ ann an Leòdhas agus timcheall Gheàrrloch. Anns an Eilean Sgitheanach, agus ann an Uibhist, Barraigh, Canaigh, pàirtean de dh’Earra-Ghàidheal is Siorrachd Pheairt, thathar ag ràdh ‘fyeoin’. Thathar ag ràdh ‘feoin’ ann am Muile, Àird nam Murchan is pàirtean de Shiorrachd Rois. Agus gheibhear ‘fyeƔin’ anns Na Hearadh agus ceann an iar-thuath tìr-mòr, ann an Asainte agus Dùthaich MhicAoidh.

’S e fuaimneachadh ‘feadhainn’ dìreach aon rud air an tug Dùghlas sùil. Thug e sùil cuideachd air fuaimneachadh a’ ‘bh’ ann am meadhan facail. Mar eisimpleir, a’ chiad fhacal ann an ainm Colaiste na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach – Sabhal Mòr Ostaig. Bidh cuid ag ràdh ‘sa-val’, a’ fuaimneachadh a’ ‘bh’ mar ‘v’ – ach tha sin fìor dìreach ann an ceann a deas Earra-Ghàidheal. Anns a’ chòrr dhen dùthaich, bithear ag ràdh ‘so-al’ no ‘sow-al’, gun a bhith a’ fuaimneachadh a’ ‘bh’ mar ‘v’.

Tha tòrr fiosrachaidh eile air an làraich-lìn. Gheibh sibh an seòladh air a son anns a’ chunntas sgrìobhte dhen Litir seo air làrach-lìn a’ BhBC no làrach-lìn LearnGaelic.scot. Mo bheannachd air Dùghlas airson a chuid obrach.

Pronouncing ‘Feadhainn’

English Beurla

How do you yourself pronounce the word F-E-A-D-H-A-I-N-N? There are four different ways. Here they are – feƔin, fyeoin, feoin and fyeƔin. If you’re learning Gaelic, how do you say it? Perhaps you’ll be following your teacher’s way. Perhaps you’ll be following the dialect in your geographical area.

But what about places where there was a Gaelic dialect until recently. How will you know what the pronunciation was? Well, Douglas Fraser has created a website with information like that on it. There are maps on it of Scotland connected to surveys of Gaelic. The surveys were done between 1950 and 1963. At that time, local dialects were still alive in almost the whole Highlands.

With regard to the word feadhainn , Douglas has created a map of the way in which people in each area were pronouncing the word. ‘feƔin’ is said in Lewis and around Gairloch. On Skye and in Uist, Barra, Canna, parts of Argyll and Perthshire, ‘ fyeoin’ is said. ‘feoin’ is said on Mull, Ardnamurchan and parts of Ross-shire. And ‘fyeƔin’ is obtained in Harris and the north-west of the mainland, in Assynt and the Mackay Country [of North Sutherland].

The pronunciation of feadhainn is only one thing that Douglas looked at. He also examined the pronunciation of the ‘bh’ in the middle of a word. For example, the first word in the name of the Gaelic College on Skye – Sabhal Mòr Ostaig. Some people say ‘sa-val’, pronouncing the ‘bh’ like a ‘v’ – but that’s only true in southern Argyll. In the rest of the country, ‘so-al’ or ‘sow-al’ is said, without pronouncing the ‘bh’ as a ‘v’.

There is much other information on the website. You’ll get the address for it in the written version of this Litir on the BBC’s website or the LearnGaelic.scot website. My felicitations to Douglas for his work.

Fuaimneachadh ‘Feadhainn’

Gaelic Gàidhlig

Ciamar a tha sibh fhèin a’ fuaimneachadh an fhacail F-E-A-D-H-A-I-N-N? Tha ceithir diofar dhòighean ann. Seo iad – feƔin, fyeoin, feoin agus fyeƔin. Ma tha sibh ag ionnsachadh na Gàidhlig, ciamar a chanas sibh fhèin e? ’S dòcha gum bi sibh a’ leantainn dòigh ur tidseir. ’S dòcha gum bi sibh a’ leantainn na dualchainnt anns an sgìre agaibh.

Ach dè mu dheidhinn àiteachan far an robh dualchainnt Ghàidhlig ann gu o chionn ghoirid? Ciamar a bhios fios agaibh air an fhuaimneachadh a bha ann? Uill, tha Dùghlas Friseal air làrach-lìn a chruthachadh le fiosrachadh mar sin oirre. Tha mapaichean ann de dh’Alba co-cheangailte ri suirbhidhean na Gàidhlig. Bha na suirbhidhean air an dèanamh eadar naoi ceud deug is caogad (1950), agus naoi ceud deug, seasgad ’s a trì (1963). Aig an àm sin, bha dualchainntean sgìreil fhathast beò cha mhòr air feadh na Gàidhealtachd.

A thaobh an fhacail ‘feadhainn’, tha Dùghlas air mapa a dhèanamh dhen dòigh a bha aig daoine anns gach sgìre am facal fhuaimneachadh. Thathar ag ràdh ‘ feƔin’ ann an Leòdhas agus timcheall Gheàrrloch. Anns an Eilean Sgitheanach, agus ann an Uibhist, Barraigh, Canaigh, pàirtean de dh’Earra-Ghàidheal is Siorrachd Pheairt, thathar ag ràdh ‘fyeoin’. Thathar ag ràdh ‘feoin’ ann am Muile, Àird nam Murchan is pàirtean de Shiorrachd Rois. Agus gheibhear ‘fyeƔin’ anns Na Hearadh agus ceann an iar-thuath tìr-mòr, ann an Asainte agus Dùthaich MhicAoidh.

’S e fuaimneachadh ‘feadhainn’ dìreach aon rud air an tug Dùghlas sùil. Thug e sùil cuideachd air fuaimneachadh a’ ‘bh’ ann am meadhan facail. Mar eisimpleir, a’ chiad fhacal ann an ainm Colaiste na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach – Sabhal Mòr Ostaig. Bidh cuid ag ràdh ‘sa-val’, a’ fuaimneachadh a’ ‘bh’ mar ‘v’ – ach tha sin fìor dìreach ann an ceann a deas Earra-Ghàidheal. Anns a’ chòrr dhen dùthaich, bithear ag ràdh ‘so-al’ no ‘sow-al’, gun a bhith a’ fuaimneachadh a’ ‘bh’ mar ‘v’.

Tha tòrr fiosrachaidh eile air an làraich-lìn. Gheibh sibh an seòladh air a son anns a’ chunntas sgrìobhte dhen Litir seo air làrach-lìn a’ BhBC no làrach-lìn LearnGaelic.scot. Mo bheannachd air Dùghlas airson a chuid obrach.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 854

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile