ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

782: Lady Lindsay 782: A’ Bhaintighearna Liondsaidh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

A’ Bhaintighearna Liondsaidh

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air Gleann Eireachd ann an Siorrachd Pheairt? Tha Uisge Eireachd a’ sruthadh troimhe. Sin an abhainn a tha a’ dol tro Bhlàr Ghobharaidh.

Tha Uisge Eireachd a’ tòiseachadh aig Drochaid Challaidh, far a bheil Uisge Àrdail agus an t-Uisge Dubh a’ tighinn còmhla. Deas air Drochaid Challaidh, tha an abhainn a’ sruthadh tro mhòr-chlais. An sin, tha Creag an Fhithich. Air na mapaichean, tha seo sgrìobhte far a bheil a’ chreag: Lady Lindsay’s Castle (remains of).

Cò bha ann am Baintighearna Liondsaidh? Uill, seo agaibh a sgeul. Timcheall na bliadhna ceithir cheud deug, ochdad ʼs a naoi (1489), bha dithis bhràithrean ann an caisteal ann an Srath Àrdail. B’ iad Alasdair Liondsaidh, am mac a bu shine aig a’ cheann-chinnidh – Iarla Chrawford – agus a bhràthair, Iain.

Chaidh na bràithrean a-mach air a chèile. Thog iad buill-airm an aghaidh a chèile. Bha Alasdair air a leòn. Bha e na laighe san leabaidh an dèidh làimhe. Chuir a bhean cluasag air aodann airson a mhùchadh.

B’ i a bhean Seònaid Ghòrdan, nighean aig Iarla Hunndaidh. Bha a màthair na nighinn aig Rìgh Seumas I. Cho luath ʼs a bha Alasdair Liondsaidh a-mach às an rathad, phòs Seònaid fear eile. Cha robh esan beò fada. Goirid an dèidh a bhàis, bha treas pòsadh aice.

Bha i saor bho chasaidean eucoir airson còrr is deich bliadhna. Ach anns a’ bhliadhna còig ceud deug (1500), bha i air a dìteadh airson murt Alasdair. B’ e a peanas a bhith air a glasadh ann an tùr air mullach Creag an Fhithich, trì cheud troigh os cionn na h-aibhne.

Bha a’ Bhaintighearna Liondsaidh sa phrìosan fad a’ chòrr de a beatha. Gach latha, bha i a’ snìomh snàithlean. Nuair a ruigeadh an snàithlean an abhainn, gheibheadh a’ bhaintighearna biadh.

Lean i oirre mar sin, latha an dèidh latha, seachdain an dèidh seachdain, bliadhna an dèidh bliadhna, gus an robh i còrr is ceud bliadhna a dh’aois. Mu dheireadh, chaochail i. Ach, mar a chì sinn an-ath-sheachdain, nochd i a-rithist mar thaibhs, agus rinn i rudeigin math.

Lady Lindsay

English Beurla

Do you know Glen Ericht in Perthshire? The River Ericht flows through it. That’s the river that goes through Blairgowrie.

The River Ericht starts at Bridge of Cally, where the River Ardle and the Black Water come together. South of Bridge of Cally, the river flows through a ravine. There, there is ‘the raven’s crag’. On the maps, this is written where the crag is: ‘Lady Lindsay’s Castle (remains of)’.

Who was Lady Lindsay? Well, here is her story. Around the year 1489, two brothers were in a castle in Strathardle. They were Alexander Lindsay, the eldest son of the clan chief – the Earl of Crawford – and his brother, John.

The brothers fell out with each other. They wielded weapons against each other. Alexander was wounded. He was lying in his bed afterwards. His wife put a pillow on his face to suffocate him.

His wife was Janet Gordon, a daughter of the Earl of Huntly. Her mother was a daughter of King James I. As soon as Alexander Lindsay was out of the way, Janet married another man. He wasn’t alive long. Shortly after that, she had a third marriage.

She was free from accusations of crime for more than ten years. But in the year 1500, she was convicted of Alexander’s murder. Her punishment was to be locked in a tower on the top of the raven’s crag, three hundred feet above the river.

Lady Lindsay was in prison for the rest of her life. Every day, she was spinning a thread. When the thread reached [would reach] the river, the lady would receive food.

She continued like that, day after day, week after week, year after year, until she was more than a hundred years old. In the end, she died. But, as we’ll see next week, she appeared again as a ghost, and she did something good.

Show English

A’ Bhaintighearna Liondsaidh

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air Gleann Eireachd ann an Siorrachd Pheairt? Tha Uisge Eireachd a’ sruthadh troimhe. Sin an abhainn a tha a’ dol tro Bhlàr Ghobharaidh.

Tha Uisge Eireachd a’ tòiseachadh aig Drochaid Challaidh, far a bheil Uisge Àrdail agus an t-Uisge Dubh a’ tighinn còmhla. Deas air Drochaid Challaidh, tha an abhainn a’ sruthadh tro mhòr-chlais. An sin, tha Creag an Fhithich. Air na mapaichean, tha seo sgrìobhte far a bheil a’ chreag: Lady Lindsay’s Castle (remains of).

Cò bha ann am Baintighearna Liondsaidh? Uill, seo agaibh a sgeul. Timcheall na bliadhna ceithir cheud deug, ochdad ʼs a naoi (1489), bha dithis bhràithrean ann an caisteal ann an Srath Àrdail. B’ iad Alasdair Liondsaidh, am mac a bu shine aig a’ cheann-chinnidh – Iarla Chrawford – agus a bhràthair, Iain.

Chaidh na bràithrean a-mach air a chèile. Thog iad buill-airm an aghaidh a chèile. Bha Alasdair air a leòn. Bha e na laighe san leabaidh an dèidh làimhe. Chuir a bhean cluasag air aodann airson a mhùchadh.

B’ i a bhean Seònaid Ghòrdan, nighean aig Iarla Hunndaidh. Bha a màthair na nighinn aig Rìgh Seumas I. Cho luath ʼs a bha Alasdair Liondsaidh a-mach às an rathad, phòs Seònaid fear eile. Cha robh esan beò fada. Goirid an dèidh a bhàis, bha treas pòsadh aice.

Bha i saor bho chasaidean eucoir airson còrr is deich bliadhna. Ach anns a’ bhliadhna còig ceud deug (1500), bha i air a dìteadh airson murt Alasdair. B’ e a peanas a bhith air a glasadh ann an tùr air mullach Creag an Fhithich, trì cheud troigh os cionn na h-aibhne.

Bha a’ Bhaintighearna Liondsaidh sa phrìosan fad a’ chòrr de a beatha. Gach latha, bha i a’ snìomh snàithlean. Nuair a ruigeadh an snàithlean an abhainn, gheibheadh a’ bhaintighearna biadh.

Lean i oirre mar sin, latha an dèidh latha, seachdain an dèidh seachdain, bliadhna an dèidh bliadhna, gus an robh i còrr is ceud bliadhna a dh’aois. Mu dheireadh, chaochail i. Ach, mar a chì sinn an-ath-sheachdain, nochd i a-rithist mar thaibhs, agus rinn i rudeigin math.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1086

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile