ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

655: Schiehallion  655: Sìth Chailleann (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Sìth Chailleann (1)

Gaelic Gàidhlig

Dhìrich mi Sìth Chailleann as t-samhradh am-bliadhna. Tha a’ bheinn àrd ainmeil sin ann an teis-meadhan na h-Alba ann an Siorrachd Pheairt. Bha i aig cridhe deuchainn saidheansail anns an ochdamh linn deug. Tha mi airson innse dhuibh mu dheidhinn na deuchainne.

Chuir an Reultair Rìoghail, Nevil Maskelyne, seachad seachd seachdainean deug a’ fuireach ann am bothan air a’ bheinn. Bha e ann airson cuideam an t-saoghail a thomhas. Cha robh fios aig an àm sin an robh an Talamh falamh sa mheadhan no làn rudeigin.

Bha Maskelyne ag iarraidh beinn a lorg a bha furasta gu leòr a thomhas a thaobh a meud-lìonaidh. Bha e a’ dol a thomhas dè a’ bhloigh dhen t-saoghal a bha a’ bheinn a’ riochdachadh. Bhiodh e an uair sin a’ tomhas cuideam na beinne a rèir a h-iom-tharraing, no gravity. Às a sin, gheibheadh e cuideam na cruinne gu lèir.

B’ e a’ chiad rud beinn fhreagarrach a lorg. Chuir an Comann Rìoghail fear Teàrlach Mason gu ruige Gàidhealtachd na h-Alba. Lorg e Sìth Chailleann.

Cha robh e furasta do Nevil Maskelyne faighinn ann. Bha na rathaidean truagh agus cha robh rathaidean-iarainn ann. Chaidh Maskelyne ann air soitheach-mara gu ruige Peairt. Ràinig e a’ bheinn air an latha mu dheireadh dhen Ògmhios, seachd ceud deug, seachdad ʼs a ceithir (1774). Thug e obair do mhuinntir an àite. Thog iad dà ionad-deuchainne air a’ bheinn.

Chleachd e na rionnagan airson a bhith a’ tomhas fìor-dhìreachdas no ‘ true vertical’. Chuir e crochadain an sàs agus rinn e tomhas air tarraing na beinne orra don taobh. Às a sin, fhuair e dùmhlachd na beinne. An uair sin thomhais e meud-lìonaidh na beinne airson a cuideam fhaighinn.

Fhuair e taic ann an sin bho fhear-matamataig, Teàrlach Hutton. Chuir Hutton roimhe gur e an dòigh as fheàrr airson tomhas-lìonaidh a dhèanamh air Sìth Chailleann a bhith a’ roinneadh na beinne ann an sliseagan còmhnard. Airson sin, chruthaich e loidhnichean co-àirde nocontour lines . B’ e sin a’ chiad turas a chleachd daoine loidhnichean co-àirde airson mapa a dhèanamh de bheinn. Càite am biodh ar mapaichean às aonais na leithid an-diugh?!

Schiehallion 

English Beurla

I ascended Schiehallion in the summer this year. That famous high mountain is in the dead centre of Scotland in Perthshire. It was at the heart of a scientific experiment in the eighteenth century. I want to tell you about the experiment.

The Astronomer Royal, Nevil Maskelyne, spent seventeen weeks living in a bothy on the mountain. He was there to measure the mass of the world. It wasn’t known at that time if the Earth was hollow in the middle or full of something.

Maskelyne was wanting to find a mountain whose volume was easy enough to measure. He was going to measure what fraction of the earth the mountain was representing. He would then measure the weight of the mountain according to its gravitational pull. From that, he would get the weight of the entire Earth.

The first thing was to find a suitable mountain. The Royal Society sent Charles Mason to the Highlands of Scotland. He found Schiehallion.

It wasn’t easy for Nevil Maskelyne to get there. The roads were poor and there were no railway lines. Maskelyne travelled by sea to Perth. He reached the mountain on the last day of June 1774. He gave work to the local people. They built two experimental stations on the mountain.

He used the stars to measure the true vertical. He used pendulums and he measured the sideways gravitational pull of the mountain. From that, he obtained the density of the mountain. Then he measured the volume of the mountain to get its weight.

He obtained assistance in that from the mathematician, Charles Hutton. Hutton decided that the best way to measure the volume of Schiehallion was to divide the mountain into horizontal slices. For that, he created lines of equal altitude, contour lines. That was the first time that people [had] used contour lines to map a mountain. Where would our maps be without such things today?!

Show English

Sìth Chailleann (1)

Gaelic Gàidhlig

Dhìrich mi Sìth Chailleann as t-samhradh am-bliadhna. Tha a’ bheinn àrd ainmeil sin ann an teis-meadhan na h-Alba ann an Siorrachd Pheairt. Bha i aig cridhe deuchainn saidheansail anns an ochdamh linn deug. Tha mi airson innse dhuibh mu dheidhinn na deuchainne.

Chuir an Reultair Rìoghail, Nevil Maskelyne, seachad seachd seachdainean deug a’ fuireach ann am bothan air a’ bheinn. Bha e ann airson cuideam an t-saoghail a thomhas. Cha robh fios aig an àm sin an robh an Talamh falamh sa mheadhan no làn rudeigin.

Bha Maskelyne ag iarraidh beinn a lorg a bha furasta gu leòr a thomhas a thaobh a meud-lìonaidh. Bha e a’ dol a thomhas dè a’ bhloigh dhen t-saoghal a bha a’ bheinn a’ riochdachadh. Bhiodh e an uair sin a’ tomhas cuideam na beinne a rèir a h-iom-tharraing, no gravity. Às a sin, gheibheadh e cuideam na cruinne gu lèir.

B’ e a’ chiad rud beinn fhreagarrach a lorg. Chuir an Comann Rìoghail fear Teàrlach Mason gu ruige Gàidhealtachd na h-Alba. Lorg e Sìth Chailleann.

Cha robh e furasta do Nevil Maskelyne faighinn ann. Bha na rathaidean truagh agus cha robh rathaidean-iarainn ann. Chaidh Maskelyne ann air soitheach-mara gu ruige Peairt. Ràinig e a’ bheinn air an latha mu dheireadh dhen Ògmhios, seachd ceud deug, seachdad ʼs a ceithir (1774). Thug e obair do mhuinntir an àite. Thog iad dà ionad-deuchainne air a’ bheinn.

Chleachd e na rionnagan airson a bhith a’ tomhas fìor-dhìreachdas no ‘ true vertical’. Chuir e crochadain an sàs agus rinn e tomhas air tarraing na beinne orra don taobh. Às a sin, fhuair e dùmhlachd na beinne. An uair sin thomhais e meud-lìonaidh na beinne airson a cuideam fhaighinn.

Fhuair e taic ann an sin bho fhear-matamataig, Teàrlach Hutton. Chuir Hutton roimhe gur e an dòigh as fheàrr airson tomhas-lìonaidh a dhèanamh air Sìth Chailleann a bhith a’ roinneadh na beinne ann an sliseagan còmhnard. Airson sin, chruthaich e loidhnichean co-àirde nocontour lines . B’ e sin a’ chiad turas a chleachd daoine loidhnichean co-àirde airson mapa a dhèanamh de bheinn. Càite am biodh ar mapaichean às aonais na leithid an-diugh?!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 959

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile