ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

12: Androcles and the Lion 12: Androcles agus an Leòmhann

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Androcles agus an Leòmhann

Gaelic Gàidhlig

Tha am facal “Spion” a’ nochdadh gu tric ann an ainmean-àite. Càite? Uill, air feadh an t-saoghail. Tha am facal Gàidhlig spìon a’ ciallachadh pluck no tug. Ma tha sibh a’ toirt iteagan à cearc, tha thu “a’ spìonadh na circe”. Agus bidh daoine a’ spìonadh luibhean – lusan nach eil iad ag iarraidh.

Anns a’ Mhonadh Ruadh tha cnoc ann air a bheil Spion Rocks. ’S e ainm Beurla a th’ ann. Agus tha e am measg ainmean Gàidhlig. Ach an ann às a’ Ghàidhlig a tha an Spion ann an Spion Rocks? Tha mi a’ smaoineachadh nach ann. Tha mi a’ smaoineachadh gur ann à Afrikaans a tha e.

Nuair a thàinig daoine dhachaigh à Afraga a Deas, thug iad ainmean leotha. Ainmean mar Spion Kop. Tha baile air a bheil Spion Kop mar ainm ann an meadhan Shasainn. Tha fear eile ann an Astràilia. Tha toll anns an raon-ghoilf ann an Àrasaig air a bheil Spion Kop. ’S e Spion Kop a bh’ air an “Kop” ann an Liverpool an toiseach. Sin pairt dhen stadium aig sgioba ball-coise Liverpool.

Agus cò na daoine a thug an t-ainm sin dhachaigh à Afraga a Deas? Saighdearan. Bha batail air Spion Kop eadar na Boers agus na Breatannaich. Bhuannaich na Boers. Bha sin anns a’ bhliadhna naoi ceud deug (1900).

Ann an Afrikaans tha Spion Kop a’ ciallachadh “cnoc-faire”.’S e sin àite far a bheil sealladh ann. Cnoc-faire. Dh’ainmich na voortrekkers e ann an ochd ceud deug, trithead ’s a còig (1835).

Chan eil mi cinnteach a bheil leòmhainn anns an sgìre sin an-diugh. No an robh leòmhainn anns an sgìre sin nuair a bha na voortrekkers ann. Ach tha leòmhainn gu leòr ann an Afraga a Deas. Agus, a’ bruidhinn air leòmhainn, a bheil cuimhne agaibh air an t-seann sgeulachd mu dheidhinn leòmhann agus tràill? Sin a’ Ghàidhlig air slave. Tràill.

Bha an leòmhann agus an tràill còmhla. Bha iad ann airson sabaid. Bha na daoine an dòchas gun robh an leòmhann a’ dol a mharbhadh an tràill. Ach cha do mharbh. Dh’imlich an leòmhann làmhan an tràill!

Carson? Uill, bha an leòmhann ag aithneachadh an duine. Chuidich an duine an leòmhann là roimhe. ’S e Androcles an t-ainm a bh’ air an duine. Agus dè rinn e? Thug e droigheann a-mach à spog an leòmhainn. Spìon e an droigheann.

Faclan is abairtean: a’ nochdadh gu tric ann an ainmean-àite: appears often in place names; air feadh an t-saoghail: throughout the world; ma tha sibh a’ toirt iteagan à cearc: if you are taking feathers from a hen; a’ spìonadh na circe: plucking the hen; luibhean – lusan nach eil iad ag iarraidh: weeds – plants they don’t want; anns a’ Mhonadh Ruadh tha cnoc ann: in the Cairngorms there is a hill; tha mi a’ smaoineachadh gur ann à Afrikaans a tha e: I think it is from Afrikaans; thug iad ainmean leotha: they took/brought names with them; tha fear eile ann an Astràilia: there is another in Australia; tha toll anns an raon-ghoilf ann an Àrasaig: there is a hole on the golf-course in Arisaig; an toiseach: to begin with; cò na daoine a thug an t-ainm sin dhachaigh: who [were] the people who took that name home ; bhuannaich na Boers: the Boers won; cnoc-faire: lookout-hill; àite far a bheil sealladh ann: a place where there is a view; dh’ainmich X e: X named it; a bheil leòmhainn anns an sgìre sin an-diugh: are there lions in that area today; tha leòmhainn gu leòr ann an Afraga a Deas: there are plenty of lions in South Africa; a bheil cuimhne agaibh air an t-seann sgeulachd?: do you remember the old story?; mu dheidhinn leòmhann agus tràill: about a lion and a slave; bha na daoine an dòchas:the people were hoping; gun robh an leòmhann a’ dol a mharbhadh an tràill: that the lion was going to kill the slave; ach cha do mharbh:but he didn’t [kill]; dh’imlich an leòmhann làmhan an tràill: the lion licked the hands of the slave; ag aithneachadh: recognising; chuidich an duine an leòmhann là roimhe: the man helped the lion on a previous occasion [a day before]; ’s e Androcles an t-ainm a bh’ air an duine: Androcles was the man’s name; dè rinn e?: what did he do?; thug e droigheann a-mach à spog an leòmhainn: he took a thorn out of the lion’s paw; spìon e an droigheann: he plucked the thorn.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 316

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile