ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

518: Story 518: Sgeulachd

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Sgeulachd

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh, an t-seachdain sa chaidh, mun Phinguin – long Ghearmailteach ri linn an Dàrna Cogaidh. Tharraing mi an sgeulachd sin à leabhar a thàinig a-mach o chionn beagan mhìosan – ‘Casan Searraich’ le Calum MacFhearghuis. Buinidh Calum don Rubha ann an Eilean Leòdhais.

’S e leabhar fìor mhath a tha ann. Tha e làn spòrs agus làn Gàidhlig bhrèagha. Anns an leabhar, tha Calum a’ sgrìobhadh mu Mhurchadh Sròineach. Cò bha ann am Murchadh Sròineach? Uill, innsidh mi dhuibh.

Bha Calum na ghille òg. Bha e tinn. Bha e sa leabaidh le brochan na bhroilleach. Thàinig a mhàthair a-steach agus chuir i a’ cheist air, ‘Am faod Sgeadaidh agus Murchadh Sròineach a thighinn a-nuas a shealltainn ort?’

Thuirt Calum gum faodadh. Bha e eòlach air Sgeadaidh – fear de mhuinntir an àite. Ach cha robh e eòlach air Murchadh Sròineach.

Thàinig Sgeadaidh a-steach don t-seòmar. Cha robh duine eile còmhla ris, ge-tà.

‘Càite a bheil Murchadh Sròineach?’ dh’fhaighnich Calum.

Thug Sgeadaidh eun a-mach. Bha an t-eun beò. Bha e mu mheud eireig – cearc òg. Bha e brèagha is iomadh-dhathte. Bha gob mòr air.

Bhruidhinn Sgeadaidh. ‘Seo agad Murchadh Sròineach. Nise, dè do bheachd? Nach eil e eireachdail?’

‘Tha e bòidheach,’ dh’aontaich Calum.

‘Bha e feidhir air grèim a ghabhail air baoit fhad ’s a bha sinn a’ tarraing an lìn-bhig,’ mhìnich Sgeadaidh.

An do dh’obraich sibh a-mach fhathast gu dè an t-eun a bha ann? Feumaidh nach robh ainm aca do a leithid anns an Rubha, chan eil fhios a’m. Ach dh’inns màthair Chaluim dha gun robh ainm Gàidhlig aig fear Tirisdeach, Dougaidh MacCaluim, dha – buthaid. ’S e sin an t-eun beag bòidheach ris an canar puffin ann am Beurla.

Bha iad dhen bheachd gur e fear òg a bha ann. Cha bhiodh fear aig ìre inbhich a’ gabhail grèim le a bheul air dubhan le baoit air.

Agus dè thachair do Mhurchadh Sròineach? Uill, thug Sgeadaidh sìos don chladach e. Leig e às e gus am faigheadh e dhachaigh ‘gu a mhàthair’. Ged a tha amharas agam nach robh for aig màthair Mhurchaidh don ‘ghille’ aice!

Story

English Beurla

I was telling you, last week, about the Pinguin – a German ship at the time of the Second [World] War. I drew that story from a book that came out some months ago – ‘Casan Searraich’ by Calum Fergusson. Calum belongs to Point on the Isle of Lewis.

It’s an excellent book. It’s fool of fun and full of beautiful Gaelic. In the book, Calum writes about Conky [big-nosed] Murdo. Who was Conky Murdo? Well, I’ll tell you.

Calum was a young lad. He was ill. He was in bed with a chest infection. His mother came in and she asked him, ‘Can Skeddy and Conky Murdo come and see you?’

Calum said they could. He knew Skeddy – a local. But he didn’t know Conky Murdo.

Skeddy came into the room. There was nobody with him, however.

‘Where is Conky Murdo?’ asked Calum.

Skeddy brought out a bird. The bird was alive. It was about the size of a pullet – a young hen. It was beautiful and multi-coloured. It had a big beak.

Skeddy spoke. ‘Here is Conky Murdo. Now, what do you think? Isn’t he handsome?’

‘He is beautiful,’ agreed Calum.

‘He had just bitten on bait when we were pulling in the small line,’ explained Skeddy.

Have you worked out yet what bird it was? It must be that they didn’t have a name for the like in Point, I don’t know. But Calum’s mother told him that a Tiree man, Dougie MacCallum, had a Gaelic name for it – buthaid. That’s the beautiful wee bird called ‘puffin’ in English.

They reckoned it was a young one. An adult one wouldn’t have bitten on a baited hook.

And what happened to Conky Murdo? Well, Skeddy took him down to the shore. He let him go so he’d find his way home ‘to his mother’. Although I suspect Murdo’s mother was quite unaware of his existence!

Show English

Sgeulachd

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh, an t-seachdain sa chaidh, mun Phinguin – long Ghearmailteach ri linn an Dàrna Cogaidh. Tharraing mi an sgeulachd sin à leabhar a thàinig a-mach o chionn beagan mhìosan – ‘Casan Searraich’ le Calum MacFhearghuis. Buinidh Calum don Rubha ann an Eilean Leòdhais.

’S e leabhar fìor mhath a tha ann. Tha e làn spòrs agus làn Gàidhlig bhrèagha. Anns an leabhar, tha Calum a’ sgrìobhadh mu Mhurchadh Sròineach. Cò bha ann am Murchadh Sròineach? Uill, innsidh mi dhuibh.

Bha Calum na ghille òg. Bha e tinn. Bha e sa leabaidh le brochan na bhroilleach. Thàinig a mhàthair a-steach agus chuir i a’ cheist air, ‘Am faod Sgeadaidh agus Murchadh Sròineach a thighinn a-nuas a shealltainn ort?’

Thuirt Calum gum faodadh. Bha e eòlach air Sgeadaidh – fear de mhuinntir an àite. Ach cha robh e eòlach air Murchadh Sròineach.

Thàinig Sgeadaidh a-steach don t-seòmar. Cha robh duine eile còmhla ris, ge-tà.

‘Càite a bheil Murchadh Sròineach?’ dh’fhaighnich Calum.

Thug Sgeadaidh eun a-mach. Bha an t-eun beò. Bha e mu mheud eireig – cearc òg. Bha e brèagha is iomadh-dhathte. Bha gob mòr air.

Bhruidhinn Sgeadaidh. ‘Seo agad Murchadh Sròineach. Nise, dè do bheachd? Nach eil e eireachdail?’

‘Tha e bòidheach,’ dh’aontaich Calum.

‘Bha e feidhir air grèim a ghabhail air baoit fhad ’s a bha sinn a’ tarraing an lìn-bhig,’ mhìnich Sgeadaidh.

An do dh’obraich sibh a-mach fhathast gu dè an t-eun a bha ann? Feumaidh nach robh ainm aca do a leithid anns an Rubha, chan eil fhios a’m. Ach dh’inns màthair Chaluim dha gun robh ainm Gàidhlig aig fear Tirisdeach, Dougaidh MacCaluim, dha – buthaid. ’S e sin an t-eun beag bòidheach ris an canar puffin ann am Beurla.

Bha iad dhen bheachd gur e fear òg a bha ann. Cha bhiodh fear aig ìre inbhich a’ gabhail grèim le a bheul air dubhan le baoit air.

Agus dè thachair do Mhurchadh Sròineach? Uill, thug Sgeadaidh sìos don chladach e. Leig e às e gus am faigheadh e dhachaigh ‘gu a mhàthair’. Ged a tha amharas agam nach robh for aig màthair Mhurchaidh don ‘ghille’ aice!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 822

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile