ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

27: Reverend Norman MacLeod 27: An t-Urramach Tormod MacLeòid

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

An t-Urramach Tormod MacLeòid

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mu na Cuimrich a chaidh a dh’fhuireach ann an Argentina. Dh’fhàg iad Argentina agus chaidh iad a dh’fhuireach ann an Saskatchewan. Uill, bha buidheann de Ghàidheil ann, agus rinn iadsan an aon seòrsa rud. Ach chaidh iadsan na b’ fhaide na na Cuimrich. Bho Alba gu Canada, gu Astràilia is gu New Zealand. B’ iad sin na Normanites. B’ e an ceannard Norman McLeod – an t-Urramach Tormod MacLeòid.

Rugadh Tormod MacLeòid ann an Asainte. Bha sin ann an seachd ceud deug is ochdad (1780). Bha a phàrantan ri croitearachd is iasgach. Bha Tormod na sgoilear math. Aig aois fichead ’s a seachd (27), chaidh e a dh’Oilthigh Obair Dheathain. Cheumnaich e ann an ochd ceud deug ’s a dhà-dheug (1812).

Chaidh e dhachaigh a dh’Asainte. Phòs e a leannan, Màiri NicLeòid. An uair sin chaidh e a Dhùn Èideann. Bha e a’ dol a dhèanamh cùrsa ann an Diadhachd. Bha e a’ dol a bhith na mhinistear. Ach dh’fhàs Tormod mì-thoilichte leis na ministearan anns an Eaglais. Bha e a’ smaoineachadh gu robh barrachd ùidh aca ann an gnothaichean saoghalta na bha aca ann an gnothaichean spioradail. Rinn Tormod co-dhùnadh mòr. Leig e seachad a’ mhinistrealachd.

Fhuair e obair mar thidsear. Bha sin anns an sgoil ann an Ulapul. Bha e ag obair do bhuidheann air an robh The Society for Promoting Christian Knowledge. Bha e cuideachd a’ leughadh nan Sgriobtaran do mhuinntir an àite air an t-Sàbaid. Bha sin nuair nach robh am ministear, an t-Ollamh Ross, a’ searmonachadh ann an Ulapul.

Chaidh Tormod agus am ministear a-mach air a chèile. Sguir Tormod a dhol don Eaglais nuair a bha an t-Oll. Ross a’ searmonachadh. Bha am ministear mì-thoilichte. Sàbaid a bha seo, bha an t-Oll. Ross a’ searmonachadh ann an Ulapul. Dh’iarr e air daoine a bha taiceil don tidsear falbh. Agus dh’iarr e air pàrantan a’ chlann aca a thoirt a-mach à sgoil Thormoid. Ach cha d’ fhuair e taic bho na pàrantan. Thug a’ chuid a bu mhotha dhiubh an taic do Thormod.

Dh’iarr am ministear air an tidsear dhol gu seisean na h-Eaglais. Innsidh mi dhuibh dè thachair ann an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean: bha mi ag innse dhuibh mu na Cuimrich: I was telling you about the Welsh people; chaidh iad a dh’fhuireach ann an Saskatchewan: they went to live in Saskatchewan; rinn iadsan an aon seòrsa rud: they did the same sort of thing; na b’ fhaide: further; an t-Urramach Tormod MacLeòid: Rev. Norman McLeod; Asainte: Assynt; bha a phàrantan ri croitearachd is iasgach: his parents were involved in crofting and fishing; chaidh e a dh’Oilthigh Obair Dheathain: he went to Aberdeen University; cheumnaich e:he graduated; phòs e a leannan: he married his sweetheart; Diadhachd: Theology; bha e a’ dol a bhith na mhinistear: he was going to be a minister; gu robh barrachd ùidh aca ann an gnothaichean saoghalta na bha aca ann an gnothaichean spioradail:that they were more interested (had more interest) in worldly matters than spiritual matters; leig e seachad a’ mhinistrealachd:he gave up the ministry; a’ leughadh nan Sgriobtaran do mhuinntir an àite air an t-Sàbaid:reading the Scriptures to the local people on the Sabbath; a’ searmonachadh ann an Ulapul: preaching in Ullapool; An t-Ollamh Ross:Dr. Ross; chaidh Tormod agus am ministear a-mach air a chèile: Norman and the minister fell out; sguir Tormod a dhol don Eaglais:Norman stopped attending church; dh’iarr e air daoine a bha taiceil don tidsear falbh: he asked people who supported the teacher to leave; dh’iarr e air pàrantan a’ chlann aca a thoirt a-mach à sgoil Thormoid:he asked parents to take their children out of Norman’s school; thug a’ chuid a bu mhotha dhiubh an taic do Thormod:most of them supported Norman; dh’iarr am ministear air an tidsear dhol gu seisean na h-Eaglais: the minister asked the teacher to go to the Kirk session; innsidh mi dhuibh dè thachair ann: I’ll tell you what happened there.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 331

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile