ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

148: The Beggar’s Death 148: Bàs a'Bhaigeir

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Bàs a'Bhaigeir

Gaelic Gàidhlig

Bu mhath leam stòiridh innse dhuibh air a bheil Bàs a’ Bhaigeir no The Beggar’s Death. Tha e à Siorrachd Pheairt. Tha e a’ tachairt taobh Loch Tatha anns an taigh aig fear Donncha MacPhàrlain. Oidhche a bha seo, bha Donncha a’ leughadh a’ Bhìobaill. Bha e na shuidhe aig an teine. Bha a bhean san leabaidh.

Thàinig neul dorch, dubh a-steach air an doras. Thuit dà chathair don làr. Dh’èigh a bhean, “O Dhonncha, tha cudrom uabhasach orm.” Stad an gleoc. Thuit an gleoc don ùrlar. Bha e annasach. Bha e eagallach. Ach dè bha e a’ ciallachadh?

Beagan làithean an dèidh sin, fhuair duine bàs anns an taigh. ’S e feasgar samhraidh a bha ann. Bha am baigear bochd a bha seo anns an sgìre. Bha daoine eòlach air. Ach, an latha a bha seo, cha robh e gu math. Bha coltas a’ bhàis air.

Chaidh e gu taigh Dhonncha. Bha anail na uchd. Bha e aig an doras. Airson ùine cha b’ urrainn dha bruidhinn. Choimhead Donncha air a’ bhaigear bhochd. Bha fios aige nach robh an truaghan gu bhith fada beò. Ach ’s e duine còir a bha ann an Donncha. Dh’fhosgail e an doras.

“Thig a-steach,” thuirt e. Chaidh am bodach a-steach. Ach, mar a bha dùil, chaochail e air an oidhche sin. Nuair a dh’fhàg e an taigh, bha e ann an ciste.

Bha ciallachadh nan nithean a thachair an oidhche eile a-nise soilleir. Bha Donncha a’ tuigsinn carson a stad an gleoc is carson a thuit an gleoc. Oir fhuair e a-mach rudeigin inntinneach mun bhaigear. ’S e uaireadairiche a bha ann. A bheil sibh eòlach air an fhacal sin – uaireadairiche? Tha e a’ ciallachadh fear a bhios a’ dèanamh uaireadairean – a watchmaker or clockmaker. ’S e uaireadairiche a bha anns an duine mharbh. Bha Donncha cinnteach gur e rabhadh a bhàis a fhuair e air an oidhche roimhe.

Faclan is abairtean: Siorrachd Pheairt: Perthshire; Donncha MacPhàrlain: Duncan MacFarlane; bha Donncha a’ leughadh a’ Bhìobaill: Duncan was reading the Bible; na shuidhe aig an teine: sitting by the fire; bha a bhean san leabaidh: his wife was in bed; neul dorch: a dark cloud; a-steach air an doras: in through the door; thuit dà chathair don làr: two chairs fell onto the floor; dh’èigh: shouted; tha cudrom uabhasach orm: there is a terrible burden upon me; stad an gleoc: the clock stopped; eagallach: frightening; dè bha e a’ ciallachadh?: what was it meaning?; beagan làithean an dèidh sin: a few days after that; fhuair duine bàs anns an taigh: a man died in the house; baigear bochd: a poor beggar; bha coltas a’ bhàis air: the look of death was upon him; bha anail na uchd: he was out of breath; cha b’ urrainn dha bruidhinn: he couldn’t speak; nach robh an truaghan gu bhith fada beò: that the poor man wasn’t going to be alive long; ’s e duine còir a bha ann an Donncha: Duncan was a good man; mar a bha dùil, chaochail e air an oidhche sin: as was expected, he died that night; nuair a dh’fhàg e an taigh, bha e ann an ciste: when he left the house, he was in a coffin; ciallachadh nan nithean a thachair an oidhche eile:the meaning of the things that happened the other night; fhuair e a-mach rudeigin inntinneach mun bhaigear: he found out an interesting thing about the beggar; ’s e uaireadairiche a bha ann: he was a watchmaker/clockmaker; gur e rabhadh a bhàis a fhuair e: that it was a warning of his death he had; air an oidhche roimhe: [on] the other/previous night.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 452

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile