ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

90: Martin Martin 90: Màrtainn MacIlleMhàrtainn

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Màrtainn MacIlleMhàrtainn

Gaelic Gàidhlig

Sgrìobh Màrtainn MacIlleMhàrtainn an leabhar A Description of the Western Islands of Scotland. Nochd an leabhar ann an seachd ceud deug ’s a trì (1703). Bha MacIlleMhàrtainn ann an Uibhist. Sgrìobh e mu mar a bha daoine a’ cleachdadh ròin.

Bha iad ag ithe nan ròn. Bha iad a’ cumail na feòla thairis air a’ gheamhradh. Ach, as t-earrach, bha samh uabhasach air an fheòil.

Bha bian an ròin feumail. Bha feadhainn a’ cur pìos de bhian orra mar leigheas airson siataig. Agus bha iad a’ ceangal crann treabhaidh ri each le stiallan de bhian ròin – an àite ròp.

Sgrìobh MacIlleMhàrtainn mun dòigh anns an robh na daoine ann an Heisgeir a’ glacadh ròn. ’S e Heisgeir eileanan beaga gu siar air Uibhist. Chan eil duine a’ fuireach ann an-diugh. Ach bha daoine a’ fuireach ann uaireigin. Bha crodh aca. Bha arbhar aca. Ach cha robh mòine no fiodh aca. Bha iad a’ cleachdadh buachair thioram no feamainn thioram mar chonnadh.

Bha muinntir Heisgeir a’ dèanamh lìon de ghaoisid eich – ’s e sin horse hair. Gaoisid eich. Bha an lìon mar phoca. Bha iad a’ ceangal aon cheann dheth le bhith a’ tarraing air sreangan. Chuir iad an lìon anns a’ mhuir. Nuair a chaidh ròn a-steach ann, dhùin iad an lìon.

Sgrìobh MacIlleMhàrtainn mu chòmhradh eadar dithis – fear Pròstanach agus fear Caitligeach. Bha iad a’ deasbad an diofair eadar iasg is ròn. Bha na Caitligich anns na h-eileanan ag ithe feòil ròin aig àm a’ Charghais – no Lent. Bha am Pròstanach ag ràdh gun robh an Caitligeach a’ briseadh riaghailtean na h-Eaglaise aige fhèin. Carson? Uill, thuirt e, chan e ròn iasg.

Thuirt am fear Caitligeach nach robh ròn ag ithe dad ach iasg. Mar sin, ’s e iasg a bh’ ann. Cha do dh’aontaich am fear Pròstanach. Tha an ròn muir-thìreach, thuirt e – sin amphibious – muir-thìreach. Bidh ròn a’ cur seachad mòran ùine air tìr. Cha bhi iasg a’ dèanamh sin. Cuideachd – thuirt e – mar gun robh seo a’ dearbhadh na cùise – bidh ròn a’ dèanamh braidhm fuaimneach!

Faclan is abairtean: Màrtainn MacIlleMhàrtainn: Martin Martin; nochd an leabhar: the book appeared; mu mar a bha daoine a’ cleachdadh ròin:about how people were using seals; ag ithe nan ròn: eating the seals; a’ cumail na feòla thairis air a’ gheamhradh: keeping the meat over the winter; as t-earrach, bha samh uabhasach air an fheòil: in the spring there was a terrible smell on the meat; pìos de bhian orra mar leigheas airson siataig: a piece of [seal] skin on them as a cure for sciatica; a’ ceangal crann treabhaidh ri each le stiallan: tying a plough to a horse with strips; an àite ròp: in place of rope; mun dòigh anns an robh na daoine ann an Heisgeir a’ glacadh ròn: about the way in which the people in Heisker were catching seals; bha daoine a’ fuireach ann uaireigin: people used to live there; crodh: cattle; arbhar: corn; cha robh mòine no fiodh aca: they did not have peat or wood; buachair thioram no feamainn thioram mar chonnadh: dried cow dung or dried seaweed as fuel; lìon de ghaoisid eich: a net of horse hair; a’ ceangal aon cheann dheth le bhith a’ tarraing air sreangan: closing one end of it by pulling on strings; dhùin iad an lìon:they closed the net; mu chòmhradh eadar dithis: about a conversation between two people; Pròstanach: Protestant; Caitligeach: Catholic; bha iad a’ deasbad an diofair eadar iasg is ròn: they were debating the difference between a fish and a seal; ag ithe feòil ròin aig àm a’ Charghais: eating seal meat at the time of Lent; a’ briseadh riaghailtean na h-Eaglaise aige fhèin:breaking the rules of his own church; chan e ròn iasg: a seal is not a fish; nach robh ròn ag ithe dad ach iasg: that the seal ate nothing but fish; muir-thìreach: amphibious; a’ cur seachad mòran ùine air tìr: spending much time on land; mar gun robh seo a’ dearbhadh na cùise: as if this were proving the issue; bidh ròn a’ dèanamh braidhm fuaimneach: a seal breaks wind loudly.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 394

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile