ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

400: Extinct Beasts 400: Beathaichean a chaidh à bith

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Beathaichean a chaidh à bith

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mu ainmhidhean, a chaidh à bith, ach a tha air mapaichean na h-Alba. Dè mun torc, ma-thà? An torc-nimhe no torc-allaidh – the wild boar. Tha ainmean-àite ann mar An Torc, Allt nan Torc, Allt nan Torcan, An Torc-choire, Allt an Tuirc, Beinn an Tuirc agus Loch an Tuirc.

Tha mòran ann. Ach a bheil sin a’ ciallachadh gun robh an torc fhèin pailt aig aon àm? A bheil na h-ainmean gu lèir a’ riochdachadh an tuirc-nimhe? ’S dòcha nach eil.

Tha am facal torc cuideachd a’ ciallachadh cleft, notch, indentation. Tha torcan a’ ciallachadh little cleft. Tha Allt nan Torcan faisg air an Acha Mhòr ann an Leòdhas. ’S dòcha gu bheil sin a’ ciallachadh the burn of the little clefts seach the burn of the little boars. A bheil fios aig neach-èisteachd sam bith?

Chì daoine Meall an Torcain bhon rathad eadar Gairbh agus Ullapul. Tha e air taobh thall Loch a’ Ghlas Chàrnaich. Ach dè tha Meall an Torcain a’ ciallachadh? Thuirt Uilleam Mac-Bhàtair ann am Place Names of Ross and Cromarty gu bheil e a’ ciallachadh the hill of the young boar. Nach biodh e math a bhith cinnteach!

Agus dè mu dheidhinn Allt nan Torc deas air Tobar Mhoire ann am Muile? The burn of the boars? No the burn of the clefts? Tha Tòrr an Tuirc tuath air cladach Loch Shubhairne. The hill of the wild boar? ’S dòcha.

Faisg air Meall an Tuirc ann an Ros an Ear, tha Cnoc Cèislein. Tha Uilleam MacBhàtair ag innse dhuinn gu bheil Cnoc Cèislein a’ ciallachadh cnoc na muice no the hill of the sow. Torc agus muc. Nuair a tha paidhreachadh ann de dh’ainmean mar sin, tha e coltach gu bheil ‘torc’ a’ buntainn ri cumadh na beinne. Tha druim oirre a bha a’ cur ann an cuimhne nan daoine druim an tuirc-nimhe. Bha ar sinnsearan eòlach air an torc. Ach chan eil an t-ainm a’ ciallachadh gun robh an torc-nimhe pailt anns a’ cheàrnaidh sin.

Ri taobh rathad mòr an A9 aig Druim Uachdair, tha beinn mhòr air a bheil An Torc, no ann am Beurla, The Boar of Badenoch. Innsidh mi tuilleadh dhuibh mu dheidhinn sin an-ath-sheachdain.

Extinct Beasts

English Beurla

I was speaking last week about animals that became extinct but are on the maps of Scotland. What about the boar, then? The wild boar. There are place names like An Torc, Allt nan Torc, Allt nan Torcan, An Torc-choire, Allt an Tuirc, Beinn an Tuirc and Loch an Tuirc.

There are many of them. But does that mean that the boar itself was once plentiful? Do all of the names represent the wild boar? Perhaps not.

The word torc also means cleft, notch, indentation. Torcan means little cleft. There is Allt nan Torcan near Achmore in Lewis. Perhaps that means the burn of the little clefts rather than the burn of the little boars. Does any listener know?

People see Meall an Torcain from the road between Garve and Ullapool. It’s on the far side of Loch Glascarnoch. But what does Meall an Torcain mean? William Watson in Place Names of Ross and Cromarty said it means the hill of the young boar. Wouldn’t it be good to be certain!

And what about Allt nan Torc south of Tobermory on Mull? The burn of the boars? Or the burn of the clefts? Tòrr an Tuirc is north of the shore of Loch Hourn. The hill of the wild boar? Perhaps.

Near Meall an Tuirc in Easter Ross is Cnoc Cèislein. William Watson tells us that Cnoc Cèislein means the hill of the sow. Boar and sow. When there is pairing of names like that, it appears that ‘torc’ is concerned with the mountain’s shape. It has a ridge that reminded people of the back of a wild boar. Our ancestors were familiar with the boar. But the name doesn’t mean that the wild boar was plentiful in that area.

Beside the A9 at Drumochter, there is a large hill called An Torc, or in English The Boar of Badenoch. I’ll tell you more about that next week.

Show English

Beathaichean a chaidh à bith

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mu ainmhidhean, a chaidh à bith, ach a tha air mapaichean na h-Alba. Dè mun torc, ma-thà? An torc-nimhe no torc-allaidh – the wild boar. Tha ainmean-àite ann mar An Torc, Allt nan Torc, Allt nan Torcan, An Torc-choire, Allt an Tuirc, Beinn an Tuirc agus Loch an Tuirc.

Tha mòran ann. Ach a bheil sin a’ ciallachadh gun robh an torc fhèin pailt aig aon àm? A bheil na h-ainmean gu lèir a’ riochdachadh an tuirc-nimhe? ’S dòcha nach eil.

Tha am facal torc cuideachd a’ ciallachadh cleft, notch, indentation. Tha torcan a’ ciallachadh little cleft. Tha Allt nan Torcan faisg air an Acha Mhòr ann an Leòdhas. ’S dòcha gu bheil sin a’ ciallachadh the burn of the little clefts seach the burn of the little boars. A bheil fios aig neach-èisteachd sam bith?

Chì daoine Meall an Torcain bhon rathad eadar Gairbh agus Ullapul. Tha e air taobh thall Loch a’ Ghlas Chàrnaich. Ach dè tha Meall an Torcain a’ ciallachadh? Thuirt Uilleam Mac-Bhàtair ann am Place Names of Ross and Cromarty gu bheil e a’ ciallachadh the hill of the young boar. Nach biodh e math a bhith cinnteach!

Agus dè mu dheidhinn Allt nan Torc deas air Tobar Mhoire ann am Muile? The burn of the boars? No the burn of the clefts? Tha Tòrr an Tuirc tuath air cladach Loch Shubhairne. The hill of the wild boar? ’S dòcha.

Faisg air Meall an Tuirc ann an Ros an Ear, tha Cnoc Cèislein. Tha Uilleam MacBhàtair ag innse dhuinn gu bheil Cnoc Cèislein a’ ciallachadh cnoc na muice no the hill of the sow. Torc agus muc. Nuair a tha paidhreachadh ann de dh’ainmean mar sin, tha e coltach gu bheil ‘torc’ a’ buntainn ri cumadh na beinne. Tha druim oirre a bha a’ cur ann an cuimhne nan daoine druim an tuirc-nimhe. Bha ar sinnsearan eòlach air an torc. Ach chan eil an t-ainm a’ ciallachadh gun robh an torc-nimhe pailt anns a’ cheàrnaidh sin.

Ri taobh rathad mòr an A9 aig Druim Uachdair, tha beinn mhòr air a bheil An Torc, no ann am Beurla, The Boar of Badenoch. Innsidh mi tuilleadh dhuibh mu dheidhinn sin an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 704

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile