ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

484: The Ringing Stone, Tiree 484: Clach a’ Choire, Tiriodh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Clach a’ Choire, Tiriodh

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ann an Tiriodh o chionn greis. Tiriodh Ìosal an Eòrna. Bha mi a’ fuireach ann am Baile Phèadrais. Tha sin air taobh a tuath an eilein. Bha Baile Phèadrais air ainmeachadh, a rèir choltais, airson fear Aodh MacPhèadrais. Bha e na chlèireach anns a’ chòigeamh linn deug.

Bha mi toilichte a bhith ann oir ’s e am baile as fhaisge air rud ainmeil anns an eilean. ’S e sin Clach a’ Choire. Tha daoine nas eòlaiche oirre an-diugh mar The Ringing Stone. Bidh i a’ dèanamh fuaim mar chlag nuair a bhualas tu oirre le clach eile.

Tha i faisg air a’ chladach. ’S dòcha gu bheil i ann an nàdar de choire eu-domhainn agus gur e sin as coireach ri a h-ainm ann an Gàidhlig. Chan eil mi cinnteach. Ach ’s e clach iongantach a tha innte.

Tha còrr is trì meatairean de dh’fhad innte. Tha dà mheatair gu leth de leud innte. Agus tha i faisg air m’ àirde fhèin os cionn na talmhainn. Agus tha aon rud cinnteach mu a deidhinn – cha bhuin i do Thiriodh. ’S e clach iomrallach a tha innte. ’S e sin a’ Ghàidhlig air erratic – clach a thàinig à àite eile ann an dèigh o chionn còrr is deich mìle bliadhna. Clach iomrallach.

Tha i air a dèanamh de chlach-ghràin. Tha i mòran nas òige na ’n gneiss a tha timcheall oirre. Thòisich i a turas ann an Rùm agus sguir i ann an Tiriodh. Nam biodh i ceud slat gu tuath air far a bheil i, cha bhiodh sgeul oirre. Bhiodh i fo na tuinn. Agus ’s e sin a thachras do Thiriodh, a rèir beul-aithris, ma thèid a’ chlach a sgàineadh. Thèid an t-eilean fo na tuinn.

Tha daoine air a bhith eòlach oirre o chian nan cian. Tha i còmhdaichte le caogad ’s a tri làraichean mu mheud cupa. Tha iad cruinn no ann an cumadh uighe. Thathar a’ smaoineachadh gun robh a’ chlach naomh don t-sluagh ro-eachdraidheil a bha a’ fuireach ann. Bha, agus tha, i sònraichte do na Gàidheil cuideachd. Innsidh mi dhuibh stòiridh mu a deidhinn an-ath-sheachdain.

The Ringing Stone, Tiree

English Beurla

I was in Tiree recently. Low-lying Tiree of the Barley [poetic name]. I was staying in Balephedrish. That’s on the north side of the island. Balephedrish was named, apparently, for Aodh Mac-Phèadrais. He was a cleric in the fifteenth century.

I was pleased to be there as it’s the closest village to a famous thing on the island. That’s ‘the corrie stone’. People know it better today as The Ringing Stone. It makes a noise like a bell when you hit it with another stone.

It’s close to the shore. Perhaps it’s in a sort of shallow corrie and that is the reason for its name in Gaelic. I’m not sure. But it’s an intriguing stone.

It’s more than three metres long. It’s two and a half metres wide. And it’s nearly my height above the ground. And one thing is certain about it – it doesn’t belong to Tiree. It’s a ‘wandering stone’. That’s the Gaelic for erratic – a stone that came from someplace else in ice more than ten thousand years ago. An erratic.

It’s made of granite. It’s much younger than the gneiss around it. It started its journey on Rum and ended in Tiree. If it were a hundred yards north of where it is, there would be no sign of it. It would be beneath the waves. And that’s what will happen to Tiree, according to oral tradition, if the stone is split. The island will go below the waves.

People have known it since time immemorial. It’s covered with 53 markings about the size of a cup. They are round or egg-shaped. It’s thought the stone was sacred to the prehistoric people that were living there. It was, and is, special to the Gaels as well. I’ll tell you a story about it next week.

Show English

Clach a’ Choire, Tiriodh

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ann an Tiriodh o chionn greis. Tiriodh Ìosal an Eòrna. Bha mi a’ fuireach ann am Baile Phèadrais. Tha sin air taobh a tuath an eilein. Bha Baile Phèadrais air ainmeachadh, a rèir choltais, airson fear Aodh MacPhèadrais. Bha e na chlèireach anns a’ chòigeamh linn deug.

Bha mi toilichte a bhith ann oir ’s e am baile as fhaisge air rud ainmeil anns an eilean. ’S e sin Clach a’ Choire. Tha daoine nas eòlaiche oirre an-diugh mar The Ringing Stone. Bidh i a’ dèanamh fuaim mar chlag nuair a bhualas tu oirre le clach eile.

Tha i faisg air a’ chladach. ’S dòcha gu bheil i ann an nàdar de choire eu-domhainn agus gur e sin as coireach ri a h-ainm ann an Gàidhlig. Chan eil mi cinnteach. Ach ’s e clach iongantach a tha innte.

Tha còrr is trì meatairean de dh’fhad innte. Tha dà mheatair gu leth de leud innte. Agus tha i faisg air m’ àirde fhèin os cionn na talmhainn. Agus tha aon rud cinnteach mu a deidhinn – cha bhuin i do Thiriodh. ’S e clach iomrallach a tha innte. ’S e sin a’ Ghàidhlig air erratic – clach a thàinig à àite eile ann an dèigh o chionn còrr is deich mìle bliadhna. Clach iomrallach.

Tha i air a dèanamh de chlach-ghràin. Tha i mòran nas òige na ’n gneiss a tha timcheall oirre. Thòisich i a turas ann an Rùm agus sguir i ann an Tiriodh. Nam biodh i ceud slat gu tuath air far a bheil i, cha bhiodh sgeul oirre. Bhiodh i fo na tuinn. Agus ’s e sin a thachras do Thiriodh, a rèir beul-aithris, ma thèid a’ chlach a sgàineadh. Thèid an t-eilean fo na tuinn.

Tha daoine air a bhith eòlach oirre o chian nan cian. Tha i còmhdaichte le caogad ’s a tri làraichean mu mheud cupa. Tha iad cruinn no ann an cumadh uighe. Thathar a’ smaoineachadh gun robh a’ chlach naomh don t-sluagh ro-eachdraidheil a bha a’ fuireach ann. Bha, agus tha, i sònraichte do na Gàidheil cuideachd. Innsidh mi dhuibh stòiridh mu a deidhinn an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 788

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile