ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

205: A monk on the Titanic 205: Manadh air an Titanic

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Manadh air an Titanic

Gaelic Gàidhlig

Bha Pàdruig Moireasdan à Griomasaigh ag obair ann am Beal Feirste. Bha e ag obair air soitheach. Bha sin anns a’ bhliadhna naoi ceud deug ’s a h-aon-deug (1911). Chunnaic e an soitheach mòr, an Titanic, a’ dol air bhog. ’S e latha mòr a bha ann.

Bha mòran de shluagh a’ bhaile air bruach na h-aibhne. Bha iad a’ coimhead na Titanic a’ dol air bhog. Bha iad a’ feitheamh gu sàmhach. Thòisich an Titanic air slaighdeadh sìos. Bha na daoine ag èigheachd, “There she goes! There she goes!”

Bha dà bhodach Èireannach faisg air Pàdruig. Bha pìob chrèadhach aig gach duine aca. Bha seacaidean clò orra. Bha, agus bonaidean. Bha Pàdruig ag èisteachd riutha. Bha iad a’ bruidhinn ri chèile. Thuirt fear aca rudeigin iongantach ris an fhear eile. Innsidh mi dhuibh ann an tiotan dè thuirt e.

Dh’fhalbh am bàta don abhainn. Bha i air flod. Bha mòran a’ dèanamh gàirdeachas. Ach cha robh am bodach ri taobh Phàdruig. Thionndaidh e ris an fhear eile. Thug e a phìob a-mach às a bheul. Thuirt e ann am Beurla, “Mark my word, Pat, she’ll be an unlucky ship.”

Dè chunnaic am bodach Èireannach air an latha sin? Am faca e manadh? Chaidh Pàdruig agus criutha a’ bhàta aige air ais don t-soitheach aca. Bha iad a’ bruidhinn ri chèile mun chùis. Bha iad a’ bruidhinn mu dheidhinn airson làithean. Dè chunnaic am bodach? Carson a thuirt e, “Mark my word, Pat, she’ll be an unlucky ship.”?

Ge bith dè chunnaic e, bha e ceart. Bidh fios agaibh dè thachair don Titanic air a’ chiad turas aice aig muir.

Ma tha ùidh agaibh anns na stòiridhean aig Pàdruig Moireasdan, tha cruinneachadh dhiubh ann. Chuir Comann Coimhearsnachd Ghriomasaigh an cruinneachadh ann an clò. ’S e an t-ainm air an leabhar Thugam agus Bhuam. Agus sin e bhuam an-dràsta.

A monk on the Titanic

English Beurla

Peter Morrison from Grimsay was working in Belfast. He was working on a vessel [ship]. That was in the year 1911. He saw the big ship, the Titanic, being launched. It was a great day.

Many of the city’s folk were on the river bank. They were watching the Titanic being launched. They were waiting quietly. The Titanic started to slide down. The people were shouting, “There she goes! There she goes!”

There were two old Irishmen close to Peter. Each had a clay pipe. They had tweed jackets on. And hats. Peter was listening to them. They were speaking to each other. One of them said something surprising to the other man. I’ll tell you in a moment what he said.

The boat went into the river. She was floating. Many people were delighted. But the old man next to Peter was not. He turned to the other man. He took his pipe out of his mouth. He said in English, “Mark my word, Pat,she’ll be an unlucky ship.”

What did the old Irishman see on that day? Did he see an omen/supernatural warning? Peter and the crew of his boat went back to their vessel. They were talking to each other about the matter. They were talking about it for days. Why did he say, “Mark my word, Pat, she’ll be an unlucky ship.”?

Whatever he saw, he was correct. You’ll know what happened to the Titanic on her first voyage.

If you are interested in Peter Morrison’s stories, there is a collection of them. Grimsay Community Association printed the collection. The book is called Thugam agus Bhuam [to me and from me]. And that’s it from me just now.

Show English

Manadh air an Titanic

Gaelic Gàidhlig

Bha Pàdruig Moireasdan à Griomasaigh ag obair ann am Beal Feirste. Bha e ag obair air soitheach. Bha sin anns a’ bhliadhna naoi ceud deug ’s a h-aon-deug (1911). Chunnaic e an soitheach mòr, an Titanic, a’ dol air bhog. ’S e latha mòr a bha ann.

Bha mòran de shluagh a’ bhaile air bruach na h-aibhne. Bha iad a’ coimhead na Titanic a’ dol air bhog. Bha iad a’ feitheamh gu sàmhach. Thòisich an Titanic air slaighdeadh sìos. Bha na daoine ag èigheachd, “There she goes! There she goes!”

Bha dà bhodach Èireannach faisg air Pàdruig. Bha pìob chrèadhach aig gach duine aca. Bha seacaidean clò orra. Bha, agus bonaidean. Bha Pàdruig ag èisteachd riutha. Bha iad a’ bruidhinn ri chèile. Thuirt fear aca rudeigin iongantach ris an fhear eile. Innsidh mi dhuibh ann an tiotan dè thuirt e.

Dh’fhalbh am bàta don abhainn. Bha i air flod. Bha mòran a’ dèanamh gàirdeachas. Ach cha robh am bodach ri taobh Phàdruig. Thionndaidh e ris an fhear eile. Thug e a phìob a-mach às a bheul. Thuirt e ann am Beurla, “Mark my word, Pat, she’ll be an unlucky ship.”

Dè chunnaic am bodach Èireannach air an latha sin? Am faca e manadh? Chaidh Pàdruig agus criutha a’ bhàta aige air ais don t-soitheach aca. Bha iad a’ bruidhinn ri chèile mun chùis. Bha iad a’ bruidhinn mu dheidhinn airson làithean. Dè chunnaic am bodach? Carson a thuirt e, “Mark my word, Pat, she’ll be an unlucky ship.”?

Ge bith dè chunnaic e, bha e ceart. Bidh fios agaibh dè thachair don Titanic air a’ chiad turas aice aig muir.

Ma tha ùidh agaibh anns na stòiridhean aig Pàdruig Moireasdan, tha cruinneachadh dhiubh ann. Chuir Comann Coimhearsnachd Ghriomasaigh an cruinneachadh ann an clò. ’S e an t-ainm air an leabhar Thugam agus Bhuam. Agus sin e bhuam an-dràsta.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 509

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile