menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

People Daoine

Search Lorg

Teàrlach MacAoidh (Litir Bheag 49)

Charles MacKay

An toigh leibh coin? A bheil fios agaibh cò às a thàinig am facal Beurla beagle? An t-seachdain sa chaidh thug sinn sùil air an leabhar le Teàrlach MacAoidh – The Gaelic Etymology of the Languages of Western Europe. Bha beachd aig Teàrlach air iomadach facal. Bha beagle am measg nam faclan sin.

Dè tha na faclairean ag ràdh? Chan eil iad cinnteach cò às a thàinig am facal. ’S dòcha bhon Fhraingis. Ach tha MacAoidh ag ràdh gun tàinig e bhon Ghàidhlig. Beag agus sùilbeag-shùilbeagle, “a dog with small eyes”.

Agus dè mu dheidhinn begin? A rèir MhicAoidh, thàinig e bho bith (“life”) agus gin (“to procreate, produce”). Bith-gin.

Agus tha am facal bin aige cuideachd. ’S e facal mith-chainnteach a th’ ann. Tha e a’ ciallachadh “pòcaid le airgead ann”. Tha mi a’ dol a leughadh seo ann am Beurla – mar a sgrìobh MacAoidh e. Tha bin a’ tighinn bhon fhacal Ghàidhlig “binn, melodious; whence by metaphor, money that chinks in the pocket with a sound melodious to the ears of the thief who wants to appropriate it.” Uill, dè chanas mi?

’S e a’ Ghàidhlig airson blackdubh. Chan eil e coltach ri faclan ann an cànanan Eòrpach eile – mar eisimpleir,schwartz, noir is negro. Tha an leabhar ag ràdh gun tàinig e bho “blàthaich, to warm, make hot; blàths, warmth, heat; blàthaichte, warmed, heated, whence blackened by the heat.”

Tha mi air a bhith a’ gabhail spòrs le beachdan Theàrlaich MhicAoidh. Ach le cuid de na faclan, bha e a’ sealltainn gu robh rudan anns a’ chumantas eadar a’ Ghàidhlig agus cànanan eile. Chan eil càil ceàrr air sin.

Mu dheireadh, am facal Gàidhlig bleigeard, no blaigeard. Tha daoine dhen bheachd gun tàinig e bhon fhacal Bheurla blackguard – air a sgrìobhadh mar “black-guard”. Ach an e sin a bh’ ann am blackguardblack guard?

Tha MacAoidh ag ràdh nach eil sin ceart. Thàinig e bhon Ghàidhlig “blagair, a boaster, an impudent boaster”. Ghabh luchd na Beurla a-staigh e. Chruthaich iad tùs Beurla dha. Litrich iad e mar “black-guard”. Chan eil mi cinnteach, ach tha sin nas coltaiche na bin no begin

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan is abairtean: an toigh leibh coin?: do you like dogs?; a bheil fios agaibh cò às a thàinig am facal X: do you know where the word X came from?; Teàrlach MacAoidh: Charles Mackay; bha beachd aig X air iomadach facal: X had an opinion on many words; am measg nam faclan sin:among those words; ’s e facal mith-chainnteach a th’ ann: it’s a colloquial/slang word; pòcaid le airgead ann: a pocket with money in it; dè chanas mi?: what can [do] I say?; tha mi air a bhith a’ gabhail spòrs: I have been having fun; bha e a’ sealltainn gu robh rudan anns a’ chumantas: he was showing that there were things in common; chan eil càil ceàrr air sin:there was nothing wrong with that; bleigeard: scoundrel, brat; air a sgrìobhadh mar: written as: nach eil sin ceart:that that is not correct; ghabh luchd na Beurla a-staigh e: the English-speaking people adopted it; chruthaich iad tùs Beurla dha:they created an English origin for it (“folk etymology”); litrich iad e: they spelled it; tha sin nas coltaiche na: that’s more likely than.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 353

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word