ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

370: The guard of the Black Corrie 370: Freiceadain a’ Choire Dhuibh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Freiceadain a’ Choire Dhuibh

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Geal Donn à Loch Abar. Bha e a’ togail creach ann an Siorrachd Rois anns an t-seachdamh linn deug. Bha Alasdair Breac Gheàrrloch a’ cur stad air. Dh’fhastaich e Alasdair Buidhe MacAoidh à Srath Òiceall. Chuir Alasdair Buidhe peilear ann an Iain. Bha sin ann am bothan-àirigh aig Sgàrd Ruaidh ann an Srath Chonainn.

Ruith na h-Abraich a-mach às a’ bhothan. Bha Alasdair agus a sgalag a’ feitheamh. Mharbh iad a h-uile duine, ach aonan.

Dh’fhàg iad na cuirp anns a’ bhothan. Chaidh Alasdair Buidhe gu ruige Geàrrloch. Dh’innis e mun chùis do dh’Alasdair Breac. Bha Alasdair Breac toilichte. Ach bha muinntir Loch Abar feargach. Fhuair iad na cuirp air ais.

Cha b’ e sin deireadh a’ ghnothaich. Bha feadhainn à Loch Abar a’ dol a thogail creach ann an Geàrrloch. Bha sin mar dhioghaltas air bàs nan Abrach ann an Sgàrd Ruaidh.

Chuala Alasdair Breac mun phlana. Chuir e feachd ri chèile. Bha ochdad duine san fheachd. Bha iad an dùil gun robh na h-Abraich a’ dol a thighinn tro Thoirbheartan. Chaidh iad fhèin a Thoirbheartan. Seo mar a chaidh an gnothach aithris anns a’ Cheltic Magazine ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a seachd (1877): Nuair a thàinig a’ mhadainn, dh’fhalbh na fir … bha iad calma, neo-sgàthach. Cha b’ fhada gus an d’ ràinig iad Coire Dubh Liathaich … bha bothannan-àirigh air ùrlar a’ choire, agus cha robh fios aig na Geàrrlaich nach robh na h-Abraich nan laighe anns na bothannan, ri foill falaich.

Bha fear de na Geàrrlaich treun. Chaidh esan a dh’ionnsaigh nam bothan. Ann an guth mòr, thug e dùbhlan do na h-Abraich thighinn a-mach. Ach cha d’ fhuair e freagairt. Bha na h-Abraich air cluinntinn mun fheachd. Bha iad air a dhol dhachaigh.

Chaidh na Geàrrlaich dhachaigh tro Cheann Loch Iù. Thachair iad ri Ruairidh Breac, bàrd ainmeil aig a’ Chromfhasadh. Dh’inns iad do Ruairidh mun ghnothach. Sgrìobh Ruairidh òran. ’S e an t-ainm a tha air an òran Freiceadan a’ Choire Dhuibh.

The guard of the Black Corrie

English Beurla

I was telling you about Iain Geal Donn from Lochaber. He was plundering cattle in Ross-shire in the seventeenth century. Alasdair Breac of Gairloch was stopping him. He hired Alasdair Buidhe MacAoidh from Strath Oykell. Alasdair Buidhe put a bullet in Iain. That was in a shieling bothy in Scardroy in Strathconon.

The Lochaber men ran out of the bothy. Alasdair and his lackey were waiting. They killed everybody, except one.

They left the bodies in the bothy. Alasdair Buidhe went to Gairloch. He told Alasdair Breac about the affair. Alasdair Breac was pleased. But the Lochaber people were angry. They retrieved the bodies.

That wasn’t the end of the matter. Some people from Lochaber were going to plunder cattle in Gairloch. That was in revenge for the death of the Lochaber men in Scardroy.

Alasdair Breac heard about the plan. He set up a [task] force. There were eighty men in the force. They were expecting that the Lochaber men were going to come through Torridon. They themselves went to Torridon. Here’s how the matter was reported in the Celtic Magazine in 1877: When the morning came, the men left ... they were stout and fearless. It wasn’t long until they reached the great black corrie of Liathach [mountain] ... there were shieling bothies at the base of the corrie, and the Gairloch men didn’t know that the Lochaber men weren’t lying in the bothies, in ambush.

One of the Gairloch men was brave. He went towards the bothies. In a loud voice, he challenged the Lochaber men to come out. But he didn’t get a response. The Lochaber men had heard about the force. They had gone home.

The Gairloch men home through Kinlochewe. They met Ruairidh Breac, a famous poet at Cromasag. They told Ruairidh about the matter. Ruairidh wrote a song. The song is called The Guard of the Black Corrie.

Show English

Freiceadain a’ Choire Dhuibh

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Geal Donn à Loch Abar. Bha e a’ togail creach ann an Siorrachd Rois anns an t-seachdamh linn deug. Bha Alasdair Breac Gheàrrloch a’ cur stad air. Dh’fhastaich e Alasdair Buidhe MacAoidh à Srath Òiceall. Chuir Alasdair Buidhe peilear ann an Iain. Bha sin ann am bothan-àirigh aig Sgàrd Ruaidh ann an Srath Chonainn.

Ruith na h-Abraich a-mach às a’ bhothan. Bha Alasdair agus a sgalag a’ feitheamh. Mharbh iad a h-uile duine, ach aonan.

Dh’fhàg iad na cuirp anns a’ bhothan. Chaidh Alasdair Buidhe gu ruige Geàrrloch. Dh’innis e mun chùis do dh’Alasdair Breac. Bha Alasdair Breac toilichte. Ach bha muinntir Loch Abar feargach. Fhuair iad na cuirp air ais.

Cha b’ e sin deireadh a’ ghnothaich. Bha feadhainn à Loch Abar a’ dol a thogail creach ann an Geàrrloch. Bha sin mar dhioghaltas air bàs nan Abrach ann an Sgàrd Ruaidh.

Chuala Alasdair Breac mun phlana. Chuir e feachd ri chèile. Bha ochdad duine san fheachd. Bha iad an dùil gun robh na h-Abraich a’ dol a thighinn tro Thoirbheartan. Chaidh iad fhèin a Thoirbheartan. Seo mar a chaidh an gnothach aithris anns a’ Cheltic Magazine ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a seachd (1877): Nuair a thàinig a’ mhadainn, dh’fhalbh na fir … bha iad calma, neo-sgàthach. Cha b’ fhada gus an d’ ràinig iad Coire Dubh Liathaich … bha bothannan-àirigh air ùrlar a’ choire, agus cha robh fios aig na Geàrrlaich nach robh na h-Abraich nan laighe anns na bothannan, ri foill falaich.

Bha fear de na Geàrrlaich treun. Chaidh esan a dh’ionnsaigh nam bothan. Ann an guth mòr, thug e dùbhlan do na h-Abraich thighinn a-mach. Ach cha d’ fhuair e freagairt. Bha na h-Abraich air cluinntinn mun fheachd. Bha iad air a dhol dhachaigh.

Chaidh na Geàrrlaich dhachaigh tro Cheann Loch Iù. Thachair iad ri Ruairidh Breac, bàrd ainmeil aig a’ Chromfhasadh. Dh’inns iad do Ruairidh mun ghnothach. Sgrìobh Ruairidh òran. ’S e an t-ainm a tha air an òran Freiceadan a’ Choire Dhuibh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 674

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile