ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

668: The Celts (3) 668: Na Ceiltich (3)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Na Ceiltich (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dèanamh sreath Litrichean an-dràsta air na Ceiltich. Bha mi ag innse dhuibh mu mar a chaidh treubhan Ceilteach gu Anatoilia. Bha sin anns an treas linn ro Chrìosd. Thug iad an t-ainm Galatia don sgìre far an do rinn iad tuineachadh.

Dh’ionnsaich mòran de na Galatianaich Greugais cuideachd. Goirid an dèidh linn Chrìosda, sgrìobh Naomh Pòl litir thuca mu dheidhinn Crìosdachd. Bha an litir ann an Greugais. Tha i air a gleidheadh anns a’ Bhìoball. ʼS e an naoidheamh leabhar anns an Tiomnadh Nuadh Litir an Abstoil Phòil chum nan Galatianach.

Ach ghlèidh na Galatianaich an seann chànan cuideachd. Bha aithris orra anns a’ cheathramh linn an dèidh Chrìosda. Bha an cànan aca coltach ris an tè aig treubh ris an cante na Treveri. Bha na Treveri a’ fuireach timcheall far a bheil Lugsamburg an-diugh. Tha a’ chuid as motha de sgoilearan dhen bheachd gur e cànan Ceilteach a bha aig na Treveri.

Bha na Ceiltich cuideachd far a bheil an Eadailt an-diugh. Mean air mhean, bhon treas ceud a-mach, thàinig iad fo smachd na Ròimhe. Chaidh an cànan à fianais.

Bha iad cuideachd far a bheil an Spàinnt an-diugh. Anns an treas linn ro Chrìosd, thòisich Carthage air ìmpireachd a chruthachadh an sin. Chaidh Ceiltich gu leòr a shabaid às leth Charthage an aghaidh na Ròimhe. Ach bhuannaich na Ròmanaich. Fhuair na Ceiltich anns an Spàinnt an saorsa. Ach, mean air mhean, thug an Ròimh buaidh orra. Timcheall àm beatha Chrìosda, bha na Ceiltich an sin air fad fo smachd na Ròimhe. Fhad ʼs a bha na Ròmanaich a’ riaghladh, dh’fhalbh cànan nan Ceilteach anns na dùthchannan sin.

Gu tuath air Iberia, bha A’ Ghall. B’ e sin dùthaich mhòr ris an canar ann am Beurla ‘Gaul’ agus ann an Laideann ‘Gallia’. ʼS e sin as coireach gum bi daoine ag ràdh ‘Gallic’, a’ ciallachadh ‘Frangach’, eadhon an-diugh. Bha na Ceiltich an sin o chionn fhada. Anns a’ cheann a deas, thàinig iad fo bhuaidh nan Greugach a bha stèidhichte ann am Massalia – far a bheil Marseille an-diugh.

The Celts (3)

English Beurla

Mun àm a bha Iulius Cèasar beò, bha A’ Ghall – Gaul – ann an diofar phàirtean. Anns a’ cheann a deas bha Provincia Romana. Bha an sgìre sin air tighinn fo bhuaidh nan Greugach agus, an uair sin, fo bhuaidh na Ròimhe. Tha sinn eòlach air Provincia Romana an-diugh mar Provence.

Gu tuath air sin bha Gallia Celtica, sgìre anns an robh an cultar is dòigh-beatha gu math Ceilteach fhathast. Agus gu tuath air sin bha Gallia Belgica, an ìre mhath far a bheil A’ Bheilg an-diugh.

Anns a’ bhliadhna caogad ʼs a h-ochd (58) RC, ghabh an riaghladair Ròmanach, Iulius Cèasar, cothrom an cois eilthireachd nan Helvetii, treubh chumhachdach às an Eilbheis. Bha iad a’ coimhead airson fearann ùr air costa siar na Frainge.

Chuir Cèasar armailt an sàs an aghaidh nan Helvetii, gan cur air ais don dùthaich aca fhèin. Bha armailt mhòr aig Cèasar a-nise ann an Gallia Celtica. Cha do tharraing e na saighdearan aige. Lean e air gus an robh smachd aige air an dùthaich gu ruige Caolas Shasainn.

Thàinig ceannard Ceilteach ùr am bàrr an uair sin – Vercingetorix. Bha e na cheannard air na h-Averni, treubh à meadhan na Gaill. Rinn e a’ chùis air armailt Ròmanach. Ach ghabh e tèarmann ann an dùn monaidh ris an cante Alesia. Rinn Cèasar sèist air Alesia. Chuir e stad air feachdan Ceilteach eile bho bhith a’ dèanamh cobhair air Vercingetorix. Mu dheireadh, cha robh roghainn aig Vercingetorix ach gèilleadh ris. Chaochail Vercingetorix anns a’ phrìosan. Le a bhàs, dh’fhalbh an dòchas mu dheireadh aig na Gallaich a bhith saor bhon Ròimh.

Chan eil sin a’ ciallachadh nach robh na Gallaich fhathast a’ coimhead orra fhèin mar Ghallaich. Bha, gus an deach treubh Ghearmailteach a-steach airson an gabhail thairis. Bha sin an dèidh nan Ròmanach. B’ i an treubh sin na Frangaich. Thug iad an ainm don Fhraing.

Bha dìreach aon phàirt dhen Fhraing a ghlèidh beagan dhen t-seann chànan Ceilteach. B’ e sin Armorica anns an iar-thuath. ʼS e’A’ Bhreatainn Bheag a chanas sinn ris an dùthaich sin an-diugh, mar a mhìnicheas mi anns an ath Litir.

Show English

Na Ceiltich (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dèanamh sreath Litrichean an-dràsta air na Ceiltich. Bha mi ag innse dhuibh mu mar a chaidh treubhan Ceilteach gu Anatoilia. Bha sin anns an treas linn ro Chrìosd. Thug iad an t-ainm Galatia don sgìre far an do rinn iad tuineachadh.

Dh’ionnsaich mòran de na Galatianaich Greugais cuideachd. Goirid an dèidh linn Chrìosda, sgrìobh Naomh Pòl litir thuca mu dheidhinn Crìosdachd. Bha an litir ann an Greugais. Tha i air a gleidheadh anns a’ Bhìoball. ʼS e an naoidheamh leabhar anns an Tiomnadh Nuadh Litir an Abstoil Phòil chum nan Galatianach.

Ach ghlèidh na Galatianaich an seann chànan cuideachd. Bha aithris orra anns a’ cheathramh linn an dèidh Chrìosda. Bha an cànan aca coltach ris an tè aig treubh ris an cante na Treveri. Bha na Treveri a’ fuireach timcheall far a bheil Lugsamburg an-diugh. Tha a’ chuid as motha de sgoilearan dhen bheachd gur e cànan Ceilteach a bha aig na Treveri.

Bha na Ceiltich cuideachd far a bheil an Eadailt an-diugh. Mean air mhean, bhon treas ceud a-mach, thàinig iad fo smachd na Ròimhe. Chaidh an cànan à fianais.

Bha iad cuideachd far a bheil an Spàinnt an-diugh. Anns an treas linn ro Chrìosd, thòisich Carthage air ìmpireachd a chruthachadh an sin. Chaidh Ceiltich gu leòr a shabaid às leth Charthage an aghaidh na Ròimhe. Ach bhuannaich na Ròmanaich. Fhuair na Ceiltich anns an Spàinnt an saorsa. Ach, mean air mhean, thug an Ròimh buaidh orra. Timcheall àm beatha Chrìosda, bha na Ceiltich an sin air fad fo smachd na Ròimhe. Fhad ʼs a bha na Ròmanaich a’ riaghladh, dh’fhalbh cànan nan Ceilteach anns na dùthchannan sin.

Gu tuath air Iberia, bha A’ Ghall. B’ e sin dùthaich mhòr ris an canar ann am Beurla ‘Gaul’ agus ann an Laideann ‘Gallia’. ʼS e sin as coireach gum bi daoine ag ràdh ‘Gallic’, a’ ciallachadh ‘Frangach’, eadhon an-diugh. Bha na Ceiltich an sin o chionn fhada. Anns a’ cheann a deas, thàinig iad fo bhuaidh nan Greugach a bha stèidhichte ann am Massalia – far a bheil Marseille an-diugh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 972

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile