ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

480: Am Bile 480: Am Bile

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Am Bile

Gaelic Gàidhlig

Tha Am Bile faisg air Port Rìgh anns an Eilean Sgitheanach. ’S e leathad mòr feurach a tha ann. Am Bile.

Tha bile na sheann fhacal Gàidhlig airson craobh. Gu tric, tha e a’ seasamh airson craobh a bha naomh. ’S dòcha gun robh sin anns na làithean ro-Chrìosdail.

Nuair a chaidh mi don Bhile bha mi dhen bheachd, mar sin, gum biodh an t-ainm co-cheangailte ri seann chraobh. Ach tha smuain eile ann mun ainm-àite. ’S e sin gu bheil ‘Am Bile’ a’ ciallachadh ‘the lip’. Thathar a’ cleachdadh ‘lip’ mar chomharra de dh’fheart-tìre nàdarrach ann am Beurla. Carson nach bitheadh ann an Gàidhlig cuideachd? Ach dh’fhàg mi mo smuaintean an sin. Cha do mheòraich mi air a’ chuspair thairis air mìosan a’ gheamhraidh.

Thàinig ‘Am Bile’ air ais gu m’ aire o chionn ghoirid. Bha mi a’ leughadh leabhar ùr. ’S e Reading the Gaelic Landscape/Leughadh Aghaidh na Tìre ainm an leabhair. Chaidh a sgrìobhadh le Iain Moireach. Tha Iain na Stiùiriche de dh’Ailtireachd Tìre aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha e air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.

Tha fiosrachadh iongantach anns an leabhar. Bidh e gu math feumail do dhaoine a chuireas ùine seachad air a’ bhlàr a-muigh. Agus bidh e feumail cuideachd do dh’adhbhar na Gàidhlig, oir tha e a’ dearbhadh cho beartach ’s a tha ar cànan agus ar dualchas.

Tha Iain gu math eòlach air an Eilean Sgitheanach. Agus tha e dhen bheachd gur e ‘the lip’ a tha Am Bile faisg air Port Rìgh a’ ciallachadh. Tha an t-ainm a’ riochdachadh cumadh na tìre. Anns an leabhar, tha Iain ag ainmeachadh àite eile far a bheil bile anns an ainm. ’S e sin Coshieville. Tha e ann an Gleann Lìomhann ann an Siorrachd Pheairt.

Tha an t-ainm a’ coimhead Frangach do chuid. Sin gus am faicear a’ Ghàidhlig air a shon – Cois a’ Bhile ‘close to the lip’. Tha leathad faisg air làimh air a bheil Am Bile. Tha Reading the Gaelic Landscape làn fiosrachadh inntinneach mar sin. Bheir sinn sùil air neamhnaid no dhà eile bhuaithe anns an ath Litir.

Am Bile

English Beurla

Am Bile is near Portree on the Isle of Skye. It’s a big grassy slope. Am Bile.

Bile is an old Gaelic word for a tree. Often it stands for a tree that was sacred. Perhaps that was in [the] pre-Christian days.

When I went to the Bile I was thus of the opinion that the name was connected to an old tree. But there is another thought about the place-name. That is that ‘Am Bile’ means ‘the lip’. ‘Lip’ is used to denote a natural land feature in English. Why wouldn’t the same apply in Gaelic as well? But I left my thoughts there. I didn’t ruminate on the matter over the winter months.

‘Am Bile’ came back to my attention recently. I was reading a new book. The book’s name is Reading the Gaelic Landscape/Leughadh Aghaidh na Tìre. It was written by John Murray. John is a Director of Landscape Architecture at the University of Edinburgh. He has been learning Gaelic.

There is fantastic information in the book. It will be really useful to people who spent time in the outdoors. And it will also be useful in the promotion of Gaelic, because it proves how rich are our language and heritage.

John is very familiar with the Isle of Skye. And he reckons that Am Bile near Portree means ‘the lip’. The name represents the shape of the land. In the book, John names another place where there is bile in the name. That’s Coshieville. It’s in Glen Lyon in Perthshire.

The name looks French to some. That’s until one sees the Gaelic for it – Cois a’ Bhile ‘close to the lip’. There is a slope nearby called Am Bile. Reading the Gaelic Landscape is full of interesting information like that. We’ll look at another pearl or two from it in the next Litir.

Show English

Am Bile

Gaelic Gàidhlig

Tha Am Bile faisg air Port Rìgh anns an Eilean Sgitheanach. ’S e leathad mòr feurach a tha ann. Am Bile.

Tha bile na sheann fhacal Gàidhlig airson craobh. Gu tric, tha e a’ seasamh airson craobh a bha naomh. ’S dòcha gun robh sin anns na làithean ro-Chrìosdail.

Nuair a chaidh mi don Bhile bha mi dhen bheachd, mar sin, gum biodh an t-ainm co-cheangailte ri seann chraobh. Ach tha smuain eile ann mun ainm-àite. ’S e sin gu bheil ‘Am Bile’ a’ ciallachadh ‘the lip’. Thathar a’ cleachdadh ‘lip’ mar chomharra de dh’fheart-tìre nàdarrach ann am Beurla. Carson nach bitheadh ann an Gàidhlig cuideachd? Ach dh’fhàg mi mo smuaintean an sin. Cha do mheòraich mi air a’ chuspair thairis air mìosan a’ gheamhraidh.

Thàinig ‘Am Bile’ air ais gu m’ aire o chionn ghoirid. Bha mi a’ leughadh leabhar ùr. ’S e Reading the Gaelic Landscape/Leughadh Aghaidh na Tìre ainm an leabhair. Chaidh a sgrìobhadh le Iain Moireach. Tha Iain na Stiùiriche de dh’Ailtireachd Tìre aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha e air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.

Tha fiosrachadh iongantach anns an leabhar. Bidh e gu math feumail do dhaoine a chuireas ùine seachad air a’ bhlàr a-muigh. Agus bidh e feumail cuideachd do dh’adhbhar na Gàidhlig, oir tha e a’ dearbhadh cho beartach ’s a tha ar cànan agus ar dualchas.

Tha Iain gu math eòlach air an Eilean Sgitheanach. Agus tha e dhen bheachd gur e ‘the lip’ a tha Am Bile faisg air Port Rìgh a’ ciallachadh. Tha an t-ainm a’ riochdachadh cumadh na tìre. Anns an leabhar, tha Iain ag ainmeachadh àite eile far a bheil bile anns an ainm. ’S e sin Coshieville. Tha e ann an Gleann Lìomhann ann an Siorrachd Pheairt.

Tha an t-ainm a’ coimhead Frangach do chuid. Sin gus am faicear a’ Ghàidhlig air a shon – Cois a’ Bhile ‘close to the lip’. Tha leathad faisg air làimh air a bheil Am Bile. Tha Reading the Gaelic Landscape làn fiosrachadh inntinneach mar sin. Bheir sinn sùil air neamhnaid no dhà eile bhuaithe anns an ath Litir.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 784

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile