ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

391: Árainn Mhór 391: Árainn Mhór

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Árainn Mhór

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mar a chunnaic mi èisg gu leòr ann an Èirinn. B’ iad na h-èisg sin garbhagan, rionnaich agus saoidheanan. Bha iad a’ lìonadh bàgh air cladach Árainn Mhór. ’S e sin eilean beag far costa an iar-thuath.

Bha sinn a’ glacadh gu leòr de na h-èisg. Bha a’ chlann agam air a dhol suas gu taigh bodaich. Bha iad a’ faighneachd dhen bhodach an robh e ag iarraidh ‘saoidheanan’ no ‘saithe’ no ‘coalfish’. Ach cha do thuig e gin de na faclan sin. Thàinig e don chladach.

Mas math mo chuimhne, ’s e glíosan no rudeigin coltach ri sin a bha aige fhèin air an t-saoidhean. Thug sinn na h-uidhir dha.

Nuair a thàinig an dorchadas, bha na h-èisg fhathast anns a’ bhàgh. An ath mhadainn, bha iad fhathast ann. Dè bha gan cumail ann? Leumadairean ’s dòcha? Chan eil fhios agam.

’S e na chuir an t-eilean sin nam chuimhne leabhar beag a thàinig a-mach o chionn ghoirid. ’S e Dùthchas na Mara ainm an leabhair. Tha e a’ toirt sùil air dà eilean Ghàidhealach – Árainn Mhór ann an Èirinn agus Barraigh ann an Alba.

’S iad Iain MacFhionghain agus Ruth Ní Bhraonáin na h-ùghdaran. Tha iad a’ sgrìobhadh seo mun dà eilean: ‘..tha iasgairean dhen bheachd gu bheil an teachd-an-tìr is an dòigh-beatha aca fo bhagairt aig buidhnean cumhdachdach nach eil a’ toirt cluas-ri-claisneachd dhaibh.’

’S iad na ‘buidhnean cumhachdach’ Dualchas Nàdair na h-Alba agus Riaghaltas na h-Èireann. Tha Dualchas Nàdair na h-Alba ag iarraidh dà àrainn gleidheadh-mara ainmeachadh ann an uisgeachan Bharraigh. Chuir Riaghaltas na h-Èireann dàil air iasgach le lìn-siabaidh far chosta Árainn Mhór. Tha an leabhar a’ toirt sùil air an dùthchas co-cheangailte ri gach eilean. Tha na h-ùghdaran ag ràdh gu bheil sin a’ buntainn a cheart cho mòr ris a’ mhuir ’s a tha e ris an tìr.

Tha na h-eileanaich air a dhol gu làidir an aghaidh nam buidhnean cumhachdach. Tha na beachdan aca co-cheangailte gu mòr ri dùthchas. Chan eil e furasta dùthchas eadar-theangachadh. Bheir sinn sùil air an fhacal dùthchas an-ath-sheachdain.

Árainn Mhór

English Beurla

I was telling how I saw a lot of fish in Ireland. Those fish were sprats, mackerel and saithe. They were filling a bay on the shore of Aranmore. That’s a small island off the north-west coast.

We were catching a lot of the fish. My children had gone up to an old man’s house. They were asking the old man if he wanted ‘saoidheanan’ or ‘saithe’ or ‘coalfish’. But he didn’t understand any of those words. He came to the shore.

If my memory serves me correctly, his own name for the saithe was glìosan or something like that. We gave him a lot [of them].

When darkness fell, the fish were still in the bay. Next morning, they were still there. What was keeping them there? Dolphins, perhaps? I don’t know.

What brought that island to mind was a small book that came out recently. The book is called Belonging to the Sea. It looks at two Gaelic islands – Aranmore in Ireland and Barra in Scotland.

Iain Mackinnon and Ruth Brennan are the authors. They write this about the two islands: ‘ ...the fisherman believe that their livelihood and way of living are being threatened by powerful institutions who are not listening to them.’

The ‘powerful institutions’ are Scottish Natural Heritage and the Irish Government. Scottish Natural Heritage wants to designate two marine conservation areas in the waters of Barra. The Irish Government has placed a moratorium on fishing with driftnets off the coast of Aranmore. The book looks at the dùthchas connected to each island. The authors say that [dùthchas] is connected as much to the sea as it is to the land.

The islanders have strongly opposed the powerful groups. Their opinions are strongly connected to dùthchas. It’s not easy to translate dùthchas. We’ll look at the word dùthchas next week.

Show English

Árainn Mhór

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mar a chunnaic mi èisg gu leòr ann an Èirinn. B’ iad na h-èisg sin garbhagan, rionnaich agus saoidheanan. Bha iad a’ lìonadh bàgh air cladach Árainn Mhór. ’S e sin eilean beag far costa an iar-thuath.

Bha sinn a’ glacadh gu leòr de na h-èisg. Bha a’ chlann agam air a dhol suas gu taigh bodaich. Bha iad a’ faighneachd dhen bhodach an robh e ag iarraidh ‘saoidheanan’ no ‘saithe’ no ‘coalfish’. Ach cha do thuig e gin de na faclan sin. Thàinig e don chladach.

Mas math mo chuimhne, ’s e glíosan no rudeigin coltach ri sin a bha aige fhèin air an t-saoidhean. Thug sinn na h-uidhir dha.

Nuair a thàinig an dorchadas, bha na h-èisg fhathast anns a’ bhàgh. An ath mhadainn, bha iad fhathast ann. Dè bha gan cumail ann? Leumadairean ’s dòcha? Chan eil fhios agam.

’S e na chuir an t-eilean sin nam chuimhne leabhar beag a thàinig a-mach o chionn ghoirid. ’S e Dùthchas na Mara ainm an leabhair. Tha e a’ toirt sùil air dà eilean Ghàidhealach – Árainn Mhór ann an Èirinn agus Barraigh ann an Alba.

’S iad Iain MacFhionghain agus Ruth Ní Bhraonáin na h-ùghdaran. Tha iad a’ sgrìobhadh seo mun dà eilean: ‘..tha iasgairean dhen bheachd gu bheil an teachd-an-tìr is an dòigh-beatha aca fo bhagairt aig buidhnean cumhdachdach nach eil a’ toirt cluas-ri-claisneachd dhaibh.’

’S iad na ‘buidhnean cumhachdach’ Dualchas Nàdair na h-Alba agus Riaghaltas na h-Èireann. Tha Dualchas Nàdair na h-Alba ag iarraidh dà àrainn gleidheadh-mara ainmeachadh ann an uisgeachan Bharraigh. Chuir Riaghaltas na h-Èireann dàil air iasgach le lìn-siabaidh far chosta Árainn Mhór. Tha an leabhar a’ toirt sùil air an dùthchas co-cheangailte ri gach eilean. Tha na h-ùghdaran ag ràdh gu bheil sin a’ buntainn a cheart cho mòr ris a’ mhuir ’s a tha e ris an tìr.

Tha na h-eileanaich air a dhol gu làidir an aghaidh nam buidhnean cumhachdach. Tha na beachdan aca co-cheangailte gu mòr ri dùthchas. Chan eil e furasta dùthchas eadar-theangachadh. Bheir sinn sùil air an fhacal dùthchas an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 695

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile