FaclairDictionary EnglishGàidhlig

926: Crieff in poetry 926: Craoibh ann am bàrdachd

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Craoibh ann am bàrdachd

Gaelic Gàidhlig

ʼS e ‘Craoibh’ a’ Ghàidhlig air Crieff. Ach ciamar a chanas sinn ‘in Crieff’ agus ‘of Crieff’? Uill, airson ‘in Crieff’, canaidh sinn ‘ann an Craoibh’ no dìreach ‘an Craoibh’. Tha fios agam air sin oir tha e a’ nochdadh ann am bàrdachd Ghàidhlig. Bha i air a sgrìobhadh le fear a bhuineadh do sgìre fad air falbh bho Chraoibh.

B’ e am bàrd Rob Donn. Bha e à Dùthaich MhicAoidh ann an ceann an iar-thuath na Gàidhealtachd. Ciamar a bha Rob eòlach air Craoibh? Uill, ʼs e dròbhair a bha ann. Bhiodh e a’ falbh le crodh gu ruige Craoibh. Bha fèill-reic a’ chruidh ann an Craoibh a h-uile bliadhna.

Sgrìobh Rob ‘ʼn Craoibh’ airson ‘in Crieff’ agus ‘Chraoibh’ airson ‘of Crieff’. Nuair a bha e ann an Craoibh, bhiodh a smuaintean a’ dol air ais don dùthaich aige fhèin. Seo agaibh earrann a sgrìobh e: ʼS toigh leam càradh na frìthe, Ged a tha mi ʼn Craoibh air bhòrd lom, Eadar badaidh nan caorach, Agus aonach nan tom ...

ʼS toigh leam càradh na frìthe: I like the environment of the deer-forest. Ged a tha mi ʼn Craoibh air bhòrd lom: although I am in Crieff on a bare board (b’ e sin a leabaidh). Eadar badaidh nan caorach agus aonach nan tom: between the sheep thickets and the hillocky upland.

Seo agaibh earrann eile air an aon chuspair: ʼS mòr a b’ annsa bhith mar riut, Ann an gleannan nan laogh, Na bhith cunntadh nan Sàileach, Ann am pàirceachan Chraoibh.

ʼS mòr a b’ annsa bhith mar riut: I would love to be with you. Ann an gleannan nan laogh: in the wee glen of the calves. Na bhith cunntadh nan Sàileach ann am pàirceachan Chraoibh: than to be counting the Sàilich in the parks of Crieff.

Fhad ʼs as aithne dhomh, tha ‘Sàilich’ a’ ciallachadh crodh a bh’ air an togail ann an Dùthaich MhicAoidh. Bha sin ann an sgìre air robh Ceann-sàile no ann am Beurla, Kintail. Canaidh sinn ‘Caolas Thunga’ ris an-diugh. Tha e fada, gu dearbh, bho Chraoibh.

Crieff in poetry

English Beurla

Craoibh is the Gaelic for Crieff. But how do we say ‘in Crieff’ and ‘of Crieff’? Well, for ‘in Crieff’, we say ‘ann an Craoibh’ or just ‘an Craoibh’. I know that because it appears in Gaelic poetry. It was written by a man who belonged to an area a long way from Crieff.

The poet was Rob Donn. He was from the Mackay Country in the north-west Highlands. How was Rob familiar with Crieff? Well, he was a drover. He would go with cattle to Crieff. There were cattle sales in Crieff every year.

Rob wrote ‘ʼn Craoibh’ for ‘in Crieff’ and ‘Chraoibh’ for ‘of Crieff’. Whe he was in Crieff, his thoughts would return to his own country. Here for you is a piece he wrote: ‘I like the environment of the deer-forest, although I am in Crieff on a bare board, between the sheep thickets and the hillocky upland.’

ʼS toigh leam càradh na frìthe: I like the environment of the deer-forest. Ged a tha mi ʼn Craoibh air bhòrd lom: although I am in Crieff on a bare board (that was his bed). Eadar badaidh nan caorach agus aonach nan tom: between the sheep thickets and the hillocky upland.

Here is another piece on the same subject: I would love to be with you, in the wee glen of the calves, than to be counting the Sàilich in the parks of Crieff.

ʼS mòr a b’ annsa bhith mar riut: I would love to be with you. Ann an gleannan nan laogh: in the wee glen of the calves. Na bhith cunntadh nan Sàileach ann am pàirceachan Chraoibh: than to be counting the Sàilich in the parks of Crieff.

As far as I know, ‘Sàilich’ means cattle that were raised in Dùthaich MhicAoidh. That was in the area called Ceann-sàile or in English, ‘Kintail’. We call it the ‘Kyle of Tongue’ today. It’s a long way, indeed, from Crieff.

Craoibh ann am bàrdachd

Gaelic Gàidhlig

ʼS e ‘Craoibh’ a’ Ghàidhlig air Crieff. Ach ciamar a chanas sinn ‘in Crieff’ agus ‘of Crieff’? Uill, airson ‘in Crieff’, canaidh sinn ‘ann an Craoibh’ no dìreach ‘an Craoibh’. Tha fios agam air sin oir tha e a’ nochdadh ann am bàrdachd Ghàidhlig. Bha i air a sgrìobhadh le fear a bhuineadh do sgìre fad air falbh bho Chraoibh.

B’ e am bàrd Rob Donn. Bha e à Dùthaich MhicAoidh ann an ceann an iar-thuath na Gàidhealtachd. Ciamar a bha Rob eòlach air Craoibh? Uill, ʼs e dròbhair a bha ann. Bhiodh e a’ falbh le crodh gu ruige Craoibh. Bha fèill-reic a’ chruidh ann an Craoibh a h-uile bliadhna.

Sgrìobh Rob ‘ʼn Craoibh’ airson ‘in Crieff’ agus ‘Chraoibh’ airson ‘of Crieff’. Nuair a bha e ann an Craoibh, bhiodh a smuaintean a’ dol air ais don dùthaich aige fhèin. Seo agaibh earrann a sgrìobh e: ʼS toigh leam càradh na frìthe, Ged a tha mi ʼn Craoibh air bhòrd lom, Eadar badaidh nan caorach, Agus aonach nan tom ...

ʼS toigh leam càradh na frìthe: I like the environment of the deer-forest. Ged a tha mi ʼn Craoibh air bhòrd lom: although I am in Crieff on a bare board (b’ e sin a leabaidh). Eadar badaidh nan caorach agus aonach nan tom: between the sheep thickets and the hillocky upland.

Seo agaibh earrann eile air an aon chuspair: ʼS mòr a b’ annsa bhith mar riut, Ann an gleannan nan laogh, Na bhith cunntadh nan Sàileach, Ann am pàirceachan Chraoibh.

ʼS mòr a b’ annsa bhith mar riut: I would love to be with you. Ann an gleannan nan laogh: in the wee glen of the calves. Na bhith cunntadh nan Sàileach ann am pàirceachan Chraoibh: than to be counting the Sàilich in the parks of Crieff.

Fhad ʼs as aithne dhomh, tha ‘Sàilich’ a’ ciallachadh crodh a bh’ air an togail ann an Dùthaich MhicAoidh. Bha sin ann an sgìre air robh Ceann-sàile no ann am Beurla, Kintail. Canaidh sinn ‘Caolas Thunga’ ris an-diugh. Tha e fada, gu dearbh, bho Chraoibh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1230

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile