ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

327: Yairs and the Sturgeon 327: Cairidhean agus am Bradan Sligeach

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Cairidhean agus am Bradan Sligeach

Gaelic Gàidhlig

Tha cairidhean ann an grunn àiteachan air a’ Ghàidhealtachd. Tha iad uile sean. Cha do chleachd daoine iad airson ùine mhòr. Tha cairidh a’ ciallachadh balla beag cloiche a bha daoine a’ togail air tràigh. Bha èisg a’ snàmh thairis air a’ bhalla nuair a bha a’ mhuir a’ lìonadh. Nuair a bha an tràghadh ann, dh’fhalbh an t-uisge; ach cha do dh’fhalbh na h-èisg. Bha e furasta do dhaoine na h-èisg a thogail far na gainmhich.

Bhiodh e math seann chairidhean a thogail agus a chleachdadh a-rithist. Bhiodh iad ag obair fhathast, tha mi cinnteach. Anns an t-seann aimsir bha daoine a’ glacadh bhradan annta. Nise, nuair a chanas mi “bradan”, tha mi a’ ciallachadh “Atlantic salmon”. Tha mi ag innse sin dhuibh oir tha “bradain” eile ann. Mar eisimpleir, tha am bradan sligeach ann – “the scaly salmon” – am bradan sligeach. A bheil sibh eòlach air? ’S e sin an sturgeon. Tha am bradan sligeach a’ fàs uabhasach mòr. Tha na h-ùighean luachmhor. ’S e sin stuth ris an canar caviar. An toigh leibh e?

Bha daoine a’ glacadh bradan sligeach ann an cairidhean bho àm gu àm. Tha e clàraichte ann an seann làmh-sgrìobhainn, am Wardlaw Manuscript. Thachair e ann an Linne Fharair (am Beauly Firth), siar air Inbhir Nis, anns a’ bhliadhna sia ceud deug is seasgad (1660). Bha am bradan sligeach deich troighean a dh’fhaid.

Aig an àm sin, bha gearastan de shaighdearan Sasannach ann an Inbhir Nis. Cheannaich iadsan am bradan sligeach. Chosg e ceithir puinnd Shasannach. Thug iad air ais don ghearastan e. Bha iad dhen bheachd gun d’ fhuair iad bargan. Ann an Sasainn, bha iasg mar sin air cosg co-dhiù deich puinnd Shasannach.

Anns an latha an-diugh bhiodh iasgair a’ faighinn ’s dòcha ochd mìle not airson iasg mar sin! Bhiodh cairidh ùr an uair sin gu math prothaideach. Ach tha cnap-starradh ann. Ma tha thu ag iarraidh bradan sligeach a reic, feumaidh tu cead fhaighinn bhon bhanrigh. A rèir an lagha, ’s ann leathase a tha gach bradan sligeach ann an uisgeachan Bhreatainn.

Yairs and the Sturgeon

English Beurla

There are cairidhean/yairs in many places in the Highlands. They are all old. People haven’t used them for a long time. Cairidh means a small stone wall that people were building on a beach. Fish were swimming over the wall with the flood tide. When the ebb occurred, the water left; but the fish didn’t leave. It was easy for people to pick up the fish from the sand.

It would be good to rebuild and reuse old yairs,. They would still work, I’m sure. In olden times people were catching salmon in them. Now, when I say “salmon” I mean “Atlantic salmon”. I’m telling you that because there are other “salmons”. For example, the scaly salmon. Do you know it? That’s the sturgeon. The sturgeon grows to a prodigious size. The eggs are valuable. That’s the stuff called caviar. Do you like it?

People were catching sturgeons in yairs from time to time. It’s recorded in an old manuscript, the Wardlaw Manuscript. It happened in the Beauly Firth, west of Inverness, in 1660. The sturgeon was ten feet long.

At that time there was a garrison of English soldiers in Inverness. They bought the sturgeon. It cost four English pounds Sterling. They took it back to the fort (“the citadel”). They reckoned they got a bargain. In England, a fish like that would have cost at least ten English pounds.

Today a fisherman would get perhaps eight thousand pounds for a fish like that! A yair would then be very profitable. But there is a problem. If you want to sell a sturgeon, you have to get permission from the queen. According to the law, she owns every sturgeon in British waters.

Show English

Cairidhean agus am Bradan Sligeach

Gaelic Gàidhlig

Tha cairidhean ann an grunn àiteachan air a’ Ghàidhealtachd. Tha iad uile sean. Cha do chleachd daoine iad airson ùine mhòr. Tha cairidh a’ ciallachadh balla beag cloiche a bha daoine a’ togail air tràigh. Bha èisg a’ snàmh thairis air a’ bhalla nuair a bha a’ mhuir a’ lìonadh. Nuair a bha an tràghadh ann, dh’fhalbh an t-uisge; ach cha do dh’fhalbh na h-èisg. Bha e furasta do dhaoine na h-èisg a thogail far na gainmhich.

Bhiodh e math seann chairidhean a thogail agus a chleachdadh a-rithist. Bhiodh iad ag obair fhathast, tha mi cinnteach. Anns an t-seann aimsir bha daoine a’ glacadh bhradan annta. Nise, nuair a chanas mi “bradan”, tha mi a’ ciallachadh “Atlantic salmon”. Tha mi ag innse sin dhuibh oir tha “bradain” eile ann. Mar eisimpleir, tha am bradan sligeach ann – “the scaly salmon” – am bradan sligeach. A bheil sibh eòlach air? ’S e sin an sturgeon. Tha am bradan sligeach a’ fàs uabhasach mòr. Tha na h-ùighean luachmhor. ’S e sin stuth ris an canar caviar. An toigh leibh e?

Bha daoine a’ glacadh bradan sligeach ann an cairidhean bho àm gu àm. Tha e clàraichte ann an seann làmh-sgrìobhainn, am Wardlaw Manuscript. Thachair e ann an Linne Fharair (am Beauly Firth), siar air Inbhir Nis, anns a’ bhliadhna sia ceud deug is seasgad (1660). Bha am bradan sligeach deich troighean a dh’fhaid.

Aig an àm sin, bha gearastan de shaighdearan Sasannach ann an Inbhir Nis. Cheannaich iadsan am bradan sligeach. Chosg e ceithir puinnd Shasannach. Thug iad air ais don ghearastan e. Bha iad dhen bheachd gun d’ fhuair iad bargan. Ann an Sasainn, bha iasg mar sin air cosg co-dhiù deich puinnd Shasannach.

Anns an latha an-diugh bhiodh iasgair a’ faighinn ’s dòcha ochd mìle not airson iasg mar sin! Bhiodh cairidh ùr an uair sin gu math prothaideach. Ach tha cnap-starradh ann. Ma tha thu ag iarraidh bradan sligeach a reic, feumaidh tu cead fhaighinn bhon bhanrigh. A rèir an lagha, ’s ann leathase a tha gach bradan sligeach ann an uisgeachan Bhreatainn.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 631

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile