FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1030: Kessock Ferry (2) 1030: Aiseag Cheasaig (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Aiseag Cheasaig (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Aiseag Cheasaig. Bha bàt’-aiseig uaireigin a’ dol eadar Inbhir Nis agus an t-Eilean Dubh. Bha sin mus robh Drochaid Cheasaig ann.

Bidh daoine a’ snàmh a-null ’s a-nall a h-uile bliadhna. Tha mi airson innse dhuibh mu eachdraidh an t-snàimh sin. Tharraing mi an geàrr-chunntas seo bhon leabhran ‘The History of the Kessock Ferry Swim’ le Jennifer Morag NicEanraig.

Ann an naoi ceud deug ’s a dhà-dheug (1912), shnàmh tè – ‘Miss Duncan’ – a-null. Bha bàta ri a taobh. Rinn i buille-bhroillich no breaststroke. Thug an turas seachd mionaidean deug. Dà bhliadhna an dèidh sin, rinn gille sia bliadhn’ deug a dh’aois an aon rud. B’ esan Teàrlach Jack.

Tro na cogaidhean, bha feachdan armaichte stèidhichte anns an sgìre. Chan eil e a’ coimhead coltach gun robh daoine a’ snàmh thar Caolas Cheasaig anns na bliadhnaichean sin, no anns na bliadhnaichean eadar an dà chogadh.

’S ann ann an naoi ceud deug, ceathrad ’s a sia (1946) a thòisich buidhnean air snàmh a-null còmhla. Chaidh mu dhusan ann an toiseach. A’ bhliadhna an dèidh sin, shnàmh ceathrar òigridh, aois mu dhusan bliadhna, bho thuath gu deas. Chleachd iad a’ bhuille-shnàigeach ‘front crawl’ no a’ bhuille-chùil ‘backstroke’.

Bha an àireamh de shnàmhadairean a’ dol am meud. Ann an naoi ceud deug is caogad (1950), ghabh mu thrithead duine pàirt. Bha iad uile fo aois ceithir-deug.

B’ e Ian Black fear de na snàmhadairean anns na caogadan. Bha e fìor mhath air snàmh. Ann an naoi ceud deug, caogad ’s a h-ochd (1958) bhuannaich e trì buinn òir aig na farpaisean Eòrpach ann am Budapest. Agus bhuannaich e bonn òir is dà bhonn airgid aig Geamannan a’ Cho-fhlaitheis ann an Cardiff. Aig aois seachd-deug, bhuannaich e BBC Sports Personality of the Year.

Aig deireadh nan seasgadan, sguir an Kessock Ferry Swim. Thòisich e às ùr ann am fichead, fichead ’s a dhà (2022) mar thachartas carthannais. Bidh na ceudan a’ gabhail pàirt ann. Leis an ùidh a th’ aig daoine an-diugh ann an snàmh ann an uisge fuar, tha dùil gum bi e a’ dol airson mòran bhliadhnaichean fhathast.

Kessock Ferry (2)

English Beurla

I was telling you about the Kessock Ferry. There was a ferryboat running at one time between Inverness and the Black Isle. That was before there was the Kessock Bridge

People swim over and back every year. I want to tell you about the history of that swim. I have drawn this summary from the booklet ‘The History of the Kessock Ferry Swim’ by Jennifer Morag Henderson.

In 1912, a female – ‘Miss Duncan’ – swam over. There was a boat beside her. She did the breaststroke. The journey took seventeen minutes. Two years after that, a sixteen-year-old lad did the same thing. He was [called] Charles Jack.

Through the wars, there were armed forces based in the area. It doesn’t appear that people were swimming across the Kessock Narrows during those years or in the inter-war years.

It’s in 1946 that groups started to swim over together. About a dozen people went to begin with. A year after that, four young people, aged about twelve years, swam from the north to the south. They all used the front crawl or backstroke.

The number of swimmers was increasing. In 1950, about thirty participated. They were all under fourteen years of age.

Ian Black was one of the swimmers in the fifties. He was an excellent swimmer. In 1958, he won three gold medals at the European championships in Budapest. And he won a gold medal and two silver medals at the Commonwealth Games in Cardiff. At the age of seventeen, he won BBC Sports Personality of the Year.

At the end of the seventies, the Kessock Ferry Swim stopped. It began again in 2022 as a charity event. Hundreds of people take part. With the interest that people have today in swimming in cold water, it’s expected that it will continue for many years to come.

Aiseag Cheasaig (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Aiseag Cheasaig. Bha bàt’-aiseig uaireigin a’ dol eadar Inbhir Nis agus an t-Eilean Dubh. Bha sin mus robh Drochaid Cheasaig ann.

Bidh daoine a’ snàmh a-null ’s a-nall a h-uile bliadhna. Tha mi airson innse dhuibh mu eachdraidh an t-snàimh sin. Tharraing mi an geàrr-chunntas seo bhon leabhran ‘The History of the Kessock Ferry Swim’ le Jennifer Morag NicEanraig.

Ann an naoi ceud deug ’s a dhà-dheug (1912), shnàmh tè – ‘Miss Duncan’ – a-null. Bha bàta ri a taobh. Rinn i buille-bhroillich no breaststroke. Thug an turas seachd mionaidean deug. Dà bhliadhna an dèidh sin, rinn gille sia bliadhn’ deug a dh’aois an aon rud. B’ esan Teàrlach Jack.

Tro na cogaidhean, bha feachdan armaichte stèidhichte anns an sgìre. Chan eil e a’ coimhead coltach gun robh daoine a’ snàmh thar Caolas Cheasaig anns na bliadhnaichean sin, no anns na bliadhnaichean eadar an dà chogadh.

’S ann ann an naoi ceud deug, ceathrad ’s a sia (1946) a thòisich buidhnean air snàmh a-null còmhla. Chaidh mu dhusan ann an toiseach. A’ bhliadhna an dèidh sin, shnàmh ceathrar òigridh, aois mu dhusan bliadhna, bho thuath gu deas. Chleachd iad a’ bhuille-shnàigeach ‘front crawl’ no a’ bhuille-chùil ‘backstroke’.

Bha an àireamh de shnàmhadairean a’ dol am meud. Ann an naoi ceud deug is caogad (1950), ghabh mu thrithead duine pàirt. Bha iad uile fo aois ceithir-deug.

B’ e Ian Black fear de na snàmhadairean anns na caogadan. Bha e fìor mhath air snàmh. Ann an naoi ceud deug, caogad ’s a h-ochd (1958) bhuannaich e trì buinn òir aig na farpaisean Eòrpach ann am Budapest. Agus bhuannaich e bonn òir is dà bhonn airgid aig Geamannan a’ Cho-fhlaitheis ann an Cardiff. Aig aois seachd-deug, bhuannaich e BBC Sports Personality of the Year.

Aig deireadh nan seasgadan, sguir an Kessock Ferry Swim. Thòisich e às ùr ann am fichead, fichead ’s a dhà (2022) mar thachartas carthannais. Bidh na ceudan a’ gabhail pàirt ann. Leis an ùidh a th’ aig daoine an-diugh ann an snàmh ann an uisge fuar, tha dùil gum bi e a’ dol airson mòran bhliadhnaichean fhathast.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1334

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile