menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

People Daoine

Search Lorg

Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain (Litir Bheag 3)

Black-haired John, son of Donald, son of Iain

Halò a-rithist. Tha ceist agam dhuibh. Am bi sibh a’ bruidhinn ribh fhèin uair sam bith? Tha mi a’ creidsinn gum bi. Bidh mise co-dhiù! Ach am bi sibh a’ bruidhinn ribh fhèin ann an Gàidhlig uair sam bith? No dìreach ann am Beurla? No cànan eile?

Uill, bu chòir dhuibh a bhith a’ bruidhinn ribh fhèin ann an Gàidhlig. Aig amannan co-dhiù. Tha e math airson an cànan ionnsachadh. Feuchaibh rudan sìmplidh. Canaibh ribh fhèin, “Ciamar a tha thu an-diugh, a charaid?” Agus rudan mar sin. Agus canaibh rudeigin mar fhreagairt. Mar eisimpleir, “Tha mi gu math, tapadh leat” no “Chan eil mi ach meadhanach an-diugh.”

Carson a tha mi ag ràdh sin? Uill, an t-seachdain sa chaidh, bha mi a’ bruidhinn mu Iain Dubh. Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain, no Iain MacIllInnein. Bha Iain na bhàrd. Bha e a’ fuireach ann an Astràilia. Bha e na bhàrd don Chomunn Ghàidhealach ann am Brisbane.

Rugadh Iain ann an Geàrrloch. Bha e math air òrain a sgrìobhadh. Seo agaibh òran a sgrìobh e. ’S e an tiotal a th’ air A’ Labhairt na Gàidhlig Rium Fhìn. A’ Labhairt na Gàidhlig Rium Fhìn.

Bhiodh Iain a’ bruidhinn, no a’ labhairt, ris fhèin, ann an Gàidhlig. Agus bhiodh e a’ seinn dha fhèin ann an Gàidhlig cuideachd. Seo an t-sèist bhon òran:

Seinn, seinn, seinnidh mise a’ Ghàidhlig

Seinn, seinn, seinnidh mi dhomh fhìn,

Bho nach cluinn mi nise fuaim aig a’ mhuinntir tha mun cuairt,

Seinn, seinn, seinnidh mi dhomh fhìn.

Carson a sgrìobh Iain an t-òran? Carson a bhiodh e a’ seinn dha fhèin ann an Gàidhlig? Uill, seo freagairt. Seo dà loidhne bhon òran:

Nuair a labhras mi rium fhìn anns a’ Ghàidhlig laghach, ghrinn,

Bidh mi ann am bruadar anns na glinn…

Bhiodh e ann am bruadar. A bheil am facal sin agaibh – bruadar? Tha e a’ ciallachadh smuaintean anns a’ cheann aige fhèin. Smuaintean a bhios aig duine nuair a tha e na chadal. Agus, anns a’ bhruadar aige, bhiodh Iain air ais anns na glinn. Bhiodh e air ais air a’ Ghàidhealtachd.

Nise, seo obair-dachaigh dhuibh. Anns an sgìre aig Iain, sgìre Gheàrrloch, tha dà bhaile ann le “Mellon” anns na h-ainmean aca. Mellon Charles agus Mellon Udrigle. Dè tha “Mellon” a’ ciallachadh? Innsidh mi dhuibh an ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan is abairtean: tha ceist agam dhuibh: I have a question for you [dhuibh is the prepositional pronoun formed from do + sibh]; am bi sibh a’ bruidhinn ribh fhèin?: do you speak to yourself (the future tense is used to refer to a current repeated activity); uair sam bith: [at] any time; tha mi a’ creidsinn gum bi: I reckon [you] do [will]; bidh mise co-dhiù: I do [will] anyway; gum bu chòir dhuibh: that you should [bu chòir is accompanied by the preposition do]; aig amannan co-dhiù: at times, at least; tha e math airson an cànan ionnsachadh: it is good for learning the language; feuchaibh rudan sìmplidh: try simple things; canaibh ribh fhèin: say to yourself/yourselves (in both these examples feuchaibh and canaibh are the second person plural imperative – I am speaking to more than one person. It is also the polite way of addressing an older person. In the singular it would be feuch and can); chan eil mi ach meadhanach: I’m not too well (note that while meadhanach means “middling” it can mean “poorly” in relation to a person’s health); carson a tha mi ag ràdh sin?: why am I saying that?; Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain: black [haired] John, son of Donald, son of Iain; MacIllInnein: MacLennan; bha Iain na bhàrd: John was a bard [lit. Iain was of a bard – this is the way to use “bi” – the verb “to be” when expressing identity]; bha e math air òrain a sgrìobhadh: he was good at writing songs; A’ Labhairt na Gàidhlig Rium Fhìn: Speaking Gaelic to Myself; seinnidh mi dhomh fhìn: I will sing to myself; bho nach cluinn mi [a-]nise fuaim: since I can no longer hear a noise; aig a’ mhuinntir [a] tha mun cuairt: from [at] the people [who are] around; carson a sgrìobh Iain an t-òran?: why did John write the song? [note the t- in front of òran after the article – this marks it out as a masculine noun]; carson a bhiodh e a’ seinn dha fhèin?: why would he sing to himself [bhiodh is an example of a verb in the conditional – which also in Gaelic represents repeated actions taking place in the past]; nuair a labhras mi rium fhìn: when I speak to myself [the verb with an –as ending is in the relative future after “nuair”]; anns a’ Ghàidhlig laghach, ghrinn: in nice neat Gaelic; bidh mi ann am bruadar anns na glinn: I will be in a dream in the glens; anns a’ cheann aige fhèin:in his own head; bhiodh e air ais air a’ Ghàidhealtachd: he would be back in [on] the Gaidhealtachd; obair-dachaigh: homework; tha dà bhaile ann le “Mellon” anns na h-ainmean aca: there are two villages with “Mellon” in their names; innsidh mi dhuibh an ath-sheachdain: I will tell you next week.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 307

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word