ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

186: Aisir Mòr and Aisir Beag 186: Aisir Mòr agus Aisir Beag

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Aisir Mòr agus Aisir Beag

Gaelic Gàidhlig

Tha Aisir Mòr agus Aisir Beag ann an iar-thuath Chataibh. Tha iad faisg air a’ Pharbh. ’S e bailtean croitearachd a tha annta. Ann am Beurla, ’s iad Oldshoremore agus Oldshorebeg na h-ainmean orra.

Tha an oighreachd air a bheil Aisir Mòr is Aisir Beag le Urras Iain Mhuir. ’S e buidheann-ghlèidhteachais a tha anns an Urras. Bha Iain Muir na Albannach. Bhrosnaich e glèidheadh fearainn agus cruthachadh phàircean nàiseanta ann an Ameireagaidh.

Tha am fearann gu lèir air an oighreachd fo chroitearachd. Carson a bha ùidh, ma-thà, aig an Urras anns an oighreachd? Uill, tha tràigh mhòr bhrèagha oirre – Bàgh Sheannabhaid, no Sandwood Bay. Agus chan eil ach sluagh beag a’ fuireach ann.

Air taobh thall crìoch na h-oighreachd tha bothan ann. ’S e an t-ainm air an àite anns a bheil e – An Srathan. Tha mòran eòlach air a’ bhothan mar Strathan Bothy. Tha e air a chumail an òrdugh le Comann Bothain nam Beann. Ged as e bothan a tha ann a-nise, ’s e dachaigh a bha ann uaireigin.

Tha an Srathan pìos mòr air falbh bho bhailtean eile. Tha e mìltean thar na mòintich air frith-rathad garbh. Agus tha e air taobh thall abhainn. Gu tuath air an t-Srathan, chan eil duine sam bith a’ fuireach.

Cha robh duine a’ fuireach anns a’ bhothan làn-ùine fad ùine mhòr. Ach thachair rud neònach o chionn beagan bhliadhnaichean. Ghluais cupall a-steach. Rinn iad an dachaigh ann. Cha robh cead aca bho dhuine sam bith. Cha robh cead aca bho Chomann nam Bothan. ’S e Robbie is Anne Northway na h-ainmean orra. Tha an stòiridh gu math annasach.

Anns an t-Sultain 2000, ghluais Robbie is Anne don t-Srathan. bha dusan cù agus ceathrad gèadh aca. Bha cearcan is tunnagan aca, agus gearran. Cha robh an dithis aca ann an deagh shlàinte. Ach thug iad an àirneis a-steach – air an druim. Chì sinn dè thachair do na Northways an ath-sheachdain.

Aisir Mòr and Aisir Beag

English Beurla

Aisir Mòr and Aisir Beag are in North28/09/2015west Sutherland. They are near Cape Wrath. They are crofting townships. In English their names are Oldshoremore and Oldshorebeg.

The estate on which Oldshoremore and Oldshorebeg are [situated] is owned by the John Muir Trust. John Muir was a Scot. He encouraged the cons-ervation of land and the creation of national parks in America.

All the land on the estate is under crofting [tenure]. Why, then, was the Trust interested in the estate? Well, there is a beaut-iful beach there – Bàgh Sheann-abhaid, or Sandwood Bay. And there is only a small population living there.

On the other side of the estate’s boundary, there is a bothy. The name of the place where it is – is Strathan. Many know the bothy as Strathan Bothy. It is maintained by the Mountain Bothies Associaiton. Although it is now a bothy, it was once a home.

Strathan is a good distance from other settlements. It is miles across the moor on a rough hill-track. And it’s across a river. North of Strathan, nobody lives.

Nobody was living permanently in the bothy for a long time. But a strange thing happened a few years ago. A couple moved in. They made their home there. They did not have permission from anybody. They did not have permission from the Bothies Association. Their names were Robbie and Anne Northway. Their story is very unusual.

In September 2000, Robbie and Anne moved to Strathan. They had twelve dogs and forty geese. They had hens and ducks, and a pony. The two of them weren’t in good health. But they took their furniture in – on their back[s]. We’ll see what happened to the Northways next week.

Show English

Aisir Mòr agus Aisir Beag

Gaelic Gàidhlig

Tha Aisir Mòr agus Aisir Beag ann an iar-thuath Chataibh. Tha iad faisg air a’ Pharbh. ’S e bailtean croitearachd a tha annta. Ann am Beurla, ’s iad Oldshoremore agus Oldshorebeg na h-ainmean orra.

Tha an oighreachd air a bheil Aisir Mòr is Aisir Beag le Urras Iain Mhuir. ’S e buidheann-ghlèidhteachais a tha anns an Urras. Bha Iain Muir na Albannach. Bhrosnaich e glèidheadh fearainn agus cruthachadh phàircean nàiseanta ann an Ameireagaidh.

Tha am fearann gu lèir air an oighreachd fo chroitearachd. Carson a bha ùidh, ma-thà, aig an Urras anns an oighreachd? Uill, tha tràigh mhòr bhrèagha oirre – Bàgh Sheannabhaid, no Sandwood Bay. Agus chan eil ach sluagh beag a’ fuireach ann.

Air taobh thall crìoch na h-oighreachd tha bothan ann. ’S e an t-ainm air an àite anns a bheil e – An Srathan. Tha mòran eòlach air a’ bhothan mar Strathan Bothy. Tha e air a chumail an òrdugh le Comann Bothain nam Beann. Ged as e bothan a tha ann a-nise, ’s e dachaigh a bha ann uaireigin.

Tha an Srathan pìos mòr air falbh bho bhailtean eile. Tha e mìltean thar na mòintich air frith-rathad garbh. Agus tha e air taobh thall abhainn. Gu tuath air an t-Srathan, chan eil duine sam bith a’ fuireach.

Cha robh duine a’ fuireach anns a’ bhothan làn-ùine fad ùine mhòr. Ach thachair rud neònach o chionn beagan bhliadhnaichean. Ghluais cupall a-steach. Rinn iad an dachaigh ann. Cha robh cead aca bho dhuine sam bith. Cha robh cead aca bho Chomann nam Bothan. ’S e Robbie is Anne Northway na h-ainmean orra. Tha an stòiridh gu math annasach.

Anns an t-Sultain 2000, ghluais Robbie is Anne don t-Srathan. bha dusan cù agus ceathrad gèadh aca. Bha cearcan is tunnagan aca, agus gearran. Cha robh an dithis aca ann an deagh shlàinte. Ach thug iad an àirneis a-steach – air an druim. Chì sinn dè thachair do na Northways an ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 490

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile