ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

253: The Lynx 253: An Lioncs

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

An Lioncs

Gaelic Gàidhlig

Cuin a bha an lioncs beò mu dheireadh ann an Alba? Chan eil fios le cinnt. Bha daoine a’ smaoineachadh gun deach e à bith mìltean bhliadhnaichean air ais. Ach tha e coltach nach eil sin fìor.

Tha uamhan ann an Asainte faisg air Innis nan Damh. Chaidh claigeann lioncs a lorg ann an tè de na h-uamhan. Bha sin ann an naoi ceud deug, fichead ’s a seachd (1927). Bha na h-eòlaichean a’ smaoineachadh gun robh an claigeann ceithir mìle bliadhna a dh’aois. Bha iad a’ smaoineachadh gun deach an lioncs à bith mun àm sin ann am Breatainn. Bha iad ag ràdh gur e an aimsir fhliuch a rinn sin.

Ach chaidh tomhas ceart a dhèanamh air aois a’ chlaiginn. Chleachd iad teicneòlas rèidio-charboin. Agus cha robh e cho sean sin. Bha e mìle is ochd ceud bliadhna a dh’aois. Bha an aimsir air a dhol fliuch fada roimhe sin.

Chaidh cnàmh lioncs a lorg ann an Sasainn. Chaidh aois a sgrùdadh. Fhuair am beathach bàs eadar ceithir cheud, fichead ’s a còig (425) agus sia ceud (600) AC. Agus tha seann dàn à ceann a tuath Shasainn ann an seann Chuimris. Tha iad ag ràdh gu bheil an dàn ag ainmeachadh an lioncs.

’S e lioncs an t-ainm air a’ chreutair an-diugh. Thàinig sin bhon Bheurla. Anns an t-seann Ghàidhlig, ’s e lug no lugh a bha na daoine ag ràdh. Bha na Gàidheil eòlach air na beathaichean sin o shean.

Às dèidh na bliadhna dà cheud dheug (1200) chan eil am facal lugh ann an làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig. Chan eil seann sgeulachdan againn dhen lugh no lioncs mar a tha againn dhen torc. Tha iomadh stòiridh againn dhen torc nimhe.

Ach tha aithris ann am Beurla gun robh “lions” uaireigin pailt ann an ceann a tuath na h-Alba. Cha robh leòmhainn ann an Alba, ge-tà. Nise, ’s e a’ Chuimris air “leomhann” llew. Tha am facal càirdeach do lugh ann an Gàidhlig. Nuair a bha daoine ag aithris gun robh “lions” ann an Alba, an robh iad a’ ciallachadh lioncsaichean?

The Lynx

English Beurla

When was the lynx last alive in Scotland? It’s not known for certain. People were thinking that it became extinct thousands of years ago. But it appears that is not correct.

There are caves in Assynt near Inchnadamph. A skull of a lynx was found in one of the caves. That was in 1927. The experts were thinking that the skull was four thousand years old. They were thinking that the lynx became extinct at about that time in Britain. They were saying that it was the wet weather that did that.

But a correct assessment was made of the age of the skull. They used radiocarbon technology. And it wasn’t that old. It was one thousand eight hundred years old. The weather had become wet long before that.

A lynx bone was found in England. Its age was assessed. The animal died between 425 and 600 AD. And there is an old song from the north of England in old Welsh. They say that the poem names the lynx.

The creature is called the “lioncs” today. That came from English. In old Gaelic, it was “lug” or “lugh” that people said. The Gaels were familiar with those animals in olden times.

After the year 1200 AD the word lugh does not appear in Gaelic manuscripts. We don’t have old stories of the lynx like we do of the boar. We have many stories of the wild boar.

But there is a report in English that “lions” were at one time plentiful in the north of Scotland. There were no lions in Scotland, however. Now, the Welsh for “lion” is llew. The word is related to lugh in Gaelic. When people were reporting that there were “lions” in Scotland, were they meaning lynxes?

Show English

An Lioncs

Gaelic Gàidhlig

Cuin a bha an lioncs beò mu dheireadh ann an Alba? Chan eil fios le cinnt. Bha daoine a’ smaoineachadh gun deach e à bith mìltean bhliadhnaichean air ais. Ach tha e coltach nach eil sin fìor.

Tha uamhan ann an Asainte faisg air Innis nan Damh. Chaidh claigeann lioncs a lorg ann an tè de na h-uamhan. Bha sin ann an naoi ceud deug, fichead ’s a seachd (1927). Bha na h-eòlaichean a’ smaoineachadh gun robh an claigeann ceithir mìle bliadhna a dh’aois. Bha iad a’ smaoineachadh gun deach an lioncs à bith mun àm sin ann am Breatainn. Bha iad ag ràdh gur e an aimsir fhliuch a rinn sin.

Ach chaidh tomhas ceart a dhèanamh air aois a’ chlaiginn. Chleachd iad teicneòlas rèidio-charboin. Agus cha robh e cho sean sin. Bha e mìle is ochd ceud bliadhna a dh’aois. Bha an aimsir air a dhol fliuch fada roimhe sin.

Chaidh cnàmh lioncs a lorg ann an Sasainn. Chaidh aois a sgrùdadh. Fhuair am beathach bàs eadar ceithir cheud, fichead ’s a còig (425) agus sia ceud (600) AC. Agus tha seann dàn à ceann a tuath Shasainn ann an seann Chuimris. Tha iad ag ràdh gu bheil an dàn ag ainmeachadh an lioncs.

’S e lioncs an t-ainm air a’ chreutair an-diugh. Thàinig sin bhon Bheurla. Anns an t-seann Ghàidhlig, ’s e lug no lugh a bha na daoine ag ràdh. Bha na Gàidheil eòlach air na beathaichean sin o shean.

Às dèidh na bliadhna dà cheud dheug (1200) chan eil am facal lugh ann an làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig. Chan eil seann sgeulachdan againn dhen lugh no lioncs mar a tha againn dhen torc. Tha iomadh stòiridh againn dhen torc nimhe.

Ach tha aithris ann am Beurla gun robh “lions” uaireigin pailt ann an ceann a tuath na h-Alba. Cha robh leòmhainn ann an Alba, ge-tà. Nise, ’s e a’ Chuimris air “leomhann” llew. Tha am facal càirdeach do lugh ann an Gàidhlig. Nuair a bha daoine ag aithris gun robh “lions” ann an Alba, an robh iad a’ ciallachadh lioncsaichean?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 557

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile