ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

37: Saint Nachlan 37: Naomh Nachlan

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Naomh Nachlan

Gaelic Gàidhlig

Tha dualchas Gàidhealach aig mòran àiteachan ann an Siorrachd Obair Dheathain. Mar eisimpleir, an Tulaich, faisg air Bealadair. Tha àite anns an Tulaich air a bheil Poll na h-Iuchrach, “the pool of the key”. Poll na h-Iuchrach. Tha e air talamh ìosal ri taobh na h-aibhne. ’S e an t-ainm a th’ air an abhainn Uisge Dè. Bha Poll na h-Iuchrach anns an abhainn fhèin o chionn fhada.

Bha an iuchair aig naomh. B’ esan Nachlan. Bha e beò anns an t-seachdamh linn. Bha e às an sgìre sin. Tha seann tobhta anns an Tulaich air a bheil Cill Nachlain.

Bha Nachlan uabhasach sgileil mar thuathanach. Bha e math air bàrr fhàs – eòrna is coirce. Bha e a’ teagasg nan sgilean sin do dhaoine eile. Bha bàrr math an-còmhnaidh aig Nachlan. Bha e a’ toirt taing do Dhia.

Bliadhna a bha seo, bha gort ann. Cha robh biadh gu leòr aig na daoine. Bha stòras de dh’arbhar aig Nachlan. Thug e sin do na daoine. Ach cha robh sìol air fhàgail airson cur as t-earrach. Bha a h-uile duine gu bhith acrach.

Dh’iarr Nachlan air daoine gainmheach a thoirt às an abhainn. Sgaoil iad a’ ghainmheach air na h-achaidhean. Chaidh Nachlan gu a ghlùinean. Bheannaich e an t-àite. Dh’fhàs bàrr math air a’ bhliadhna sin.

As t-fhoghar, bha na daoine deiseil airson buain. Ach dh’èirich stoirm. Shèid i an t-arbhar thairis. Bha e na laighe air an talamh. Dh’fhàs Nachlan feargach. Chàin e Dia.

Chiùinich an stoirm. Chaidh an t-arbhar a bhuain math gu leòr. Ach bha Nachlan ga ithe fhèin airson na thuirt e ri Dia. Ghabh e aithreachas. Chuir e peanas air fhèin. Cheangail e gàirdean do a chois. Chuir e glas air. Thilg e an iuchair do dh’Uisge Dè. Bha sin ann am Poll na h-Iuchrach.

Chaidh Nachlan don Ròimh. Nuair a bha e san Ròimh, thachair e ri balach air an t-sràid. Bha am balach a’ reic èisg. Cheannaich Nachlan iasg. Thug e air ais e airson a dhìnnearach. Nuair a bha e ga chutadh, lorg e rudeigin na bhroinn. Dè bh’ ann? A, uill, innsidh mi sin dhuibh an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean: tha dualchas Gàidhealach aig mòran àiteachan: many places have a Gaelic heritage; Siorrachd Obair Dheathain: Aberdeenshire; mar eisimpleir, an Tulaich, faisg air Bealadair: for example, Tullich, near Ballater; Poll na h-Iuchrach: the pool of the key; talamh ìosal ri taobh na h-aibhne: low land beside the river; Uisge Dè: River Dee; o chionn fhada: a long time ago; naomh: saint; anns an t-seachdamh linn: in the seventh century; às an sgìre sin: from that area; seann tobhta: old ruin; Nachlan: Nathalan, Nachlan; sgileil mar thuathanach: skilful as a farmer; bha e math air bàrr fhàs: he was good at growing crops; eòrna is coirce: barley and oats; bha e a’ teagasg nan sgilean sin: he was teaching those skills; bha bàrr math an-còmhnaidh aig Nachlan: Nachlan always had a good crop; gort: famine; stòras de dh’arbhar: a store of grain; cha robh sìol air fhàgail airson cur as t-earrach: there was no seed left to plant in spring; bha a h-uile duine gu bhith acrach: everybody was going to be hungry; dh’iarr Nachlan air daoine gainmheach a thoirt às an abhainn: Nachlan asked people to take sand from the river; sgaoil iad: they scattered; chaidh Nachlan gu a ghlùinean: Nachlan went on to his knees; bheannaich e an t-àite: he blessed the place; deiseil airson buain: ready to reap; dh’èirich stoirm: a storm arose; shèid i an t-arbhar thairis: it blew the corn over; bha e na laighe air an talamh: it was lying on the ground; chàin e Dia: he criticised God; chiùinich an stoirm: the storm abated; chaidh an t-arbhar a bhuain: the corn was harvested; bha Nachlan ga ithe fhèin: Nachlan was vexed (lit. “he was eating himself”); ghabh e aithreachas: he regretted (it); chuir e peanas air fhèin: he punished himself; cheangail e gàirdean do a chois: he tied an arm to his leg; chuir e glas air: he put a lock on it; thilg e an iuchair do dh’Uisge Dè: he threw the key into the River Dee; nuair a bha e san Ròimh:when he was in Rome; thug e air ais e airson a dhìnnearach: he took it back for his dinner; nuair a bha e ga chutadh: when he was gutting it; lorg e rudeigin na bhroinn: he found something inside it.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 341

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile