ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

273: The word Seachd 273: Am facal Seachd

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Am facal Seachd

Gaelic Gàidhlig

Aig deireadh na Litreach mu dheireadh, chuir mi ceist oirbh. Dh’fhaighnich mi dè tha ann an Oidhche nan Seachd Suipearan . Oidhche nan Seachd Suipearan. Uill, ’s e sin an oidhche as fhaide dhen bhliadhna. Tha i ann am meadhan a’ gheamhraidh. ’S dòcha gu bheil i cho fada ’s gum bi daoine a’ gabhail seachd suipearan ann.

Bha sinn a’ toirt sùil air abairt eile co-cheangailte ri seachd. B’ e sin Sìde nan Seachd Sianthe weather of the seven elements. Tha sin a’ ciallachadh aimsir fìor dhona. Lorg mi seanfhacal mun aimsir anns a bheil “sìde nan seachd sian”. Seo e: An dèidh tàirneanaich a’ gheamhraidh, thig aon chuid sìde mhath no sìde nan seachd sian. Ma tha tàirneanaich ann sa gheamhradh, thig deagh aimsir no fìor dhroch aimsir às a dhèidh. An dèidh tàirneanaich a’ gheamhraidh, thig aon chuid sìde mhath no sìde nan seachd sian.

Seo agaibh seanfhacal. Tha e a’ toirt a-steach na h-àireimh seachd. Tha e mu dheidhinn chreutairean a tha a’ fuireach anns a’ mhuir:

Seachd sgadain, sàth bradain;

Seachd bradain, sàth ròin;

Seachd ròin, sàth muice-mara bhig;

Seachd mucan-mara beag, sàth muice-mara mhòir;

Seachd mucan-mara mòr, sàth cionnain-crò;

Seachd cionnain-crò, sàth mial mhòr a’ chuain.

Tha sàth a’ ciallachadh gu leòr de bhiadh a shàsaicheas creutair. Seachd sgadain, sàth bradain – tha sin a’ ciallachadh “seven herrings, a full meal for a salmon”. Seachd bradain, sàth ròin – “seven salmon, a full meal for a seal”. Seachd ròin, sàth muice-mara bhig – “seven seals, a full meal for a small whale”, agus mar sin air adhart. Èistibh ris an rainn a-rithist:

Dè tha ann an cionnan-crò ? Uill, rud ris an canar ann am Beurla “the bull whale” . Agus ’s e mial mhòr a’ chuain – the leviathan of the ocean . Chan eil mi cinnteach dè tha ann ach, gu dearbh, ’s e a dhitheas gu leòr!

The word Seachd

English Beurla

At the end of the last Litir, I posed a question. I asked what Oidhche nan Seachd Suipearan (The Night of the Seven Suppers) is. The Night of the Seven Suppers. Well, that’s the longest night of the year. It’s in the middle of winter. Perhaps it’s so long that people take seven suppers [during the night].

We were looking at another phrase associated with seven. That was Sìde nan Seachd Sian – the weather of the seven elements . That means really bad weather. I found a proverb about the weather in which there is “the weather of the seven elements”. Here it is: after thunder in winter, there is either good weather or terrible weather . If there is thunder in winter, good weather or really bad weather follows it. After thunder in winter, there is either good weather or terrible weather.

Here is a proverb. It takes in the number seven. It’s about creatures that live in the sea:

Seven herrings, a full meal for a salmon;

Seven salmon, a full meal for a seal;

Seven seals, a full meal for a small whale;

Seven small whales, a full meal for a large whale;

Seven large whales, a full meal for a bull whale;

Seven bull whales, a full meal for the leviathan of the ocean.

Sàth means enough food to satisfy a creature. Seachd sgadain, sàth bradain – that means “seven herrings, a full meal for a salmon”. Seachd bradain, sàth ròin – “seven salmon, a full meal for a seal”. Seachd ròin, sàth muice-mara bhig “seven seals, a full meal for a small whale” and so on. Listen to the verse again:

Seven herrings, a full meal for a salmon;

Seven salmon, a full meal for a seal;

Seven seals, a full meal for a small whale;

Seven small whales, a full meal for a large whale;

Seven large whales, a full meal for a bull whale;

Seven bull whales, a full meal for the leviathan of the ocean.

What is a cionnan-crò ? Well, it’s a thing called “the bull whale” in English. And mial mhòr a’ chuain means the leviathan of the ocean . I’m not sure what it is but it certainly eats a lot!

Show English

Am facal Seachd

Gaelic Gàidhlig

Aig deireadh na Litreach mu dheireadh, chuir mi ceist oirbh. Dh’fhaighnich mi dè tha ann an Oidhche nan Seachd Suipearan . Oidhche nan Seachd Suipearan. Uill, ’s e sin an oidhche as fhaide dhen bhliadhna. Tha i ann am meadhan a’ gheamhraidh. ’S dòcha gu bheil i cho fada ’s gum bi daoine a’ gabhail seachd suipearan ann.

Bha sinn a’ toirt sùil air abairt eile co-cheangailte ri seachd. B’ e sin Sìde nan Seachd Sianthe weather of the seven elements. Tha sin a’ ciallachadh aimsir fìor dhona. Lorg mi seanfhacal mun aimsir anns a bheil “sìde nan seachd sian”. Seo e: An dèidh tàirneanaich a’ gheamhraidh, thig aon chuid sìde mhath no sìde nan seachd sian. Ma tha tàirneanaich ann sa gheamhradh, thig deagh aimsir no fìor dhroch aimsir às a dhèidh. An dèidh tàirneanaich a’ gheamhraidh, thig aon chuid sìde mhath no sìde nan seachd sian.

Seo agaibh seanfhacal. Tha e a’ toirt a-steach na h-àireimh seachd. Tha e mu dheidhinn chreutairean a tha a’ fuireach anns a’ mhuir:

Seachd sgadain, sàth bradain;

Seachd bradain, sàth ròin;

Seachd ròin, sàth muice-mara bhig;

Seachd mucan-mara beag, sàth muice-mara mhòir;

Seachd mucan-mara mòr, sàth cionnain-crò;

Seachd cionnain-crò, sàth mial mhòr a’ chuain.

Tha sàth a’ ciallachadh gu leòr de bhiadh a shàsaicheas creutair. Seachd sgadain, sàth bradain – tha sin a’ ciallachadh “seven herrings, a full meal for a salmon”. Seachd bradain, sàth ròin – “seven salmon, a full meal for a seal”. Seachd ròin, sàth muice-mara bhig – “seven seals, a full meal for a small whale”, agus mar sin air adhart. Èistibh ris an rainn a-rithist:

Seachd sgadain, sàth bradain;

Seachd bradain, sàth ròin;

Seachd ròin, sàth muice-mara bhig;

Seachd mucan-mara beag, sàth muice-mara mhòir;

Seachd mucan-mara mòr, sàth cionnain-crò;

Seachd cionnain-crò, sàth mial mhòr a’ chuain.

Dè tha ann an cionnan-crò ? Uill, rud ris an canar ann am Beurla “the bull whale” . Agus ’s e mial mhòr a’ chuain – the leviathan of the ocean . Chan eil mi cinnteach dè tha ann ach, gu dearbh, ’s e a dhitheas gu leòr!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 577

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile