ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

125: History of Scotland 125: Eachdraidh na h-Alba

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Eachdraidh na h-Alba

Gaelic Gàidhlig

Ann an ceithir cheud deug, fichead ’s a seachd (1427) bha coinneamh mhòr ann an Inbhir Nis. Bha an Rìgh, Seumas I, ann. Bha, agus na cinn-chinnidh Ghàidhealach. Bha na cinn-chinnidh a’ smaoineachadh gun robh an Rìgh a’ dol a chur fàilte orra. Ach cha do chuir. Chuir an Rìgh na cinn-chinnidh an grèim. Chuir e feadhainn gu bàs.

B’ e an ceann-cinnidh a bu chumhachdaiche Tighearna nan Eilean. B’ esan Alasdair Dòmhnallach. Bha Alasdair agus a mhàthair air an cur don phrìosan. Ach chaidh Alasdair a shaoradh. Ge-tà, bha e gu math mì-thoilichte leis an Rìgh. Nuair a bha an Rìgh air ais ann an ceann a deas na h-Alba, thog Alasdair arm a-rithist. Bha deich mìle duine aige.

Rinn e sgrios air mòran àiteachan aig a’ Chrùn. Bha Inbhir Nis na bhaile rìoghail. Loisg e Inbhir Nis gu làr.

Bha an Rìgh feargach. Chuir e fhèin arm ri chèile. Rinn e air Loch Abar. Cha robh na saighdearan aig Alasdair uabhasach dìleas dha. Dh’fhalbh na Camshronaich. Dh’fhalbh Clann Chatain. Cha robh an t-arm aig Alasdair mòr gu leòr airson seasamh an aghaidh an Rìgh. Ghèill Alasdair don Rìgh. Chaidh a chur don phrìosan ann an Tuntalla ann an Lodainn. Bha seo ann an ceithir cheud deug, fichead ’s a naoi (1429).

Ach cha robh ar-a-mach nan Dòmhnallach seachad. Chuir caraid aig Alasdair, Dòmhnall Ballach, feachd ri chèile. Thachair i ri arm an Rìgh ann an Inbhir Lòchaidh as t-Sultain ceithir cheud deug, trithead ’s a h-aon (1431). ’S iad Iarla Mhàrr is Iarla Ghallaibh a bha os cionn arm an Rìgh. Ach chaill iad. Thug na Dòmhnallaich buaidh.

Theich Iarla Mhàrr agus, goirid às dèidh sin, sgrìobh e an dàn ’S Math an Còcaire an t-Acras. Ach bha e beò airson dìreach ceithir bliadhna eile. Anns an leabhar Inverness and the MacDonalds, tha Evan Barron ag ràdh gun do chaochail e ann an ceithir cheud deug, trithead ’s a còig (1435) ann an Inbhir Nis.

Faclan is abairtean: Bha an Rìgh, Seumas I, ann: the King, James I, was there; bha, agus na cinn-chinnidh Ghàidhealach: and so were the Highland clan chiefs; gun robh an Rìgh a’ dol a chur fàilte orra: that the King was going to welcome them; chuir an Rìgh na cinn-chinnidh an grèim: the King arrested the clan chiefs; chuir e feadhainn gu bàs: he put some to death [ie had them executed]; b’ e an ceann-cinnidh a bu chumhachdaiche Tighearna nan Eilean: the most powerful clan chief was the Lord of the Isles; chaidh Alasdair a shaoradh:Alasdair was freed; air ais ann an ceann a deas na h-Alba: back in the south of Scotland; thog Alasdair arm a-rithist: Alasdair raised an army again; rinn e sgrios air mòran àiteachan aig a’ Chrùn: he destroyed many places owned by the Crown; bha Inbhir Nis na bhaile rìoghail: Inverness was a royal burgh; loisg e Inbhir Nis gu làr: he burned Inverness to the ground; rinn e air Loch Abar: he made for Lochaber; dh’fhalbh na Camshronaich: the Camerons left; dh’fhalbh Clann Chatain: Clan Chattan left; mòr gu leòr airson seasamh an aghaidh an Rìgh: big enough to stand against the King; ghèill Alasdair: Alasdair submitted; chaidh a chur don phrìosan ann an Tuntalla ann an Lodainn: he was sent to prison in Tantallon (Castle) in Lothian; cha robh ar-a-mach nan Dòmhnallach seachad: the MacDonalds’ rebellion was not finished; caraid: relation; ann an Inbhir Lòchaidh as t-Sultain: at Inverlochy in September; ’s iad Iarla Mhàrr is Iarla Ghallaibh a bha os cionn arm an Rìgh:it was the Earl of Mar and the Earl of Caithness that were in charge of the King’s army; thug na Dòmhnallaich buaidh:the MacDonalds were victorious; airson dìreach ceithir bliadhna eile: for only another four years; gun do chaochail e: that he died.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 429

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile