LearnGaelic.scot uses cookies. By continuing to use this site we assume you consent to this. You can read about exactly what cookies we use, and why we set them, on our cookies page. This banner will not appear again, but you may read our cookie policy at any time by following the link at the bottom of all our pages.
Faclair English

246: Bodach Dubh na Mòr-bheinne (2)

B1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann.

00:00
00:00

Audio is playing in pop-over.

Bodach Dubh na Mòr-bheinne (2)

Gàidhlig

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an sgeulachd Bodach Dubh na Mòr-bheinne. Tha i às a’ Bhràigh Mhòr ann an Gallaibh. Bha na fir an tòir air a’ Bhodach. Bha sin air an t-seachdamh latha dhen Iuchar. Chaidh am bodach à sealladh tro fhosgladh air cliathaich na beinne. Bha e ag èigheachd rudan neònach ann an Gàidhlig. Bha e a’ feuchainn ris an ceò a thoirt a-nuas. Ach, air an t-seachdamh latha dhen t-seachdamh mìos, cha robh an comas sin aige.

Bha clach a’ mhuilinn thairis air an fhosgladh. Bha am Bodach a’ losgadh saighdean tron toll. Mu dheireadh, thilg am Bodach a’ chlach don taobh. Leum e a-mach agus ruith e air falbh.

Chaidh na fir a-steach. Bha an uamh làn ionmhais. Chuir na fir saighead anns an talamh. Bha sin airson am fosgladh a chomharrachadh. Ruith iad às dèidh a’ Bhodaich. Thuit am Bodach. Chuir na fir an grèim e.

Dh’iarr am Bodach orra gun a mharbhadh. “Thoir m’ ionmhas ach na toir mo bheatha,” thuirt e. “Ma mharbhas sibh mi, chan fhaigh sibh m’ ionmhas gu bràth.”

“Amaideas!” thuirt na fir. “Ciamar a bheir e an t-ionmhas bhuainn nuair a tha e marbh?”

“Thug mi crodh, biadh is ionmhas bhuaibh,” thuirt am Bodach, “ach cha do mharbh mi duine. Am fear a bheir beatha duine air falbh, cha bhi e beartach a-chaoidh.”

Cha robh na fir ag èisteachd ris. Rinn iad teine mòr. Thilg iad am Bodach don teine.

Thill iad don uaimh. Ach cha robh sgeul air an t-saigheid no air a’ chloich. Bha na ceudan saighdean ann. Bha iad air feadh na beinne. Cha do lorg na daoine an uamh. Agus cha do lorg iad an t-ionmhas.

Bhon uair sin, chunnaic feadh-ainn a bha a’ coiseachd air a’ bheinn a’ chlach mhuilinn. Thug iad muinntir an àite ann airson a faicinn. Ach cha robh sgeul oirre. Agus, nuair a tha tàirn-eanaich air a’ Mhòr-bheinn, tuigidh sibh gur e sin guth a’ Bhodaich. Tha e ag iarraidh air daoine gun a dhol faisg air an ionmhas – a bhuineas fhathast dha fhèin agus don bheinn.

The Black Bodach of Morven (2)

Beurla

I’m going to finish the story The Black Bodach of Morven. It’s from Braemore in Caithness. The men were in pursuit of the Bodach. That was on the seventh of July. The Bodach disappeared into an opening on the mountainside. He was shouting strange things in Gaelic. He was trying to bring down the mist. But, on the seventh day of the seventh month, he didn’t have that capability.

The millstone was over the opening. The Bodach was firing arrows through the hole. Event- ually, the Bodach threw aside the stone. He jumped out and ran away.

The men went inside. The cave was full of treasure. The men stuck an arrow in the ground. That was to mark the opening. They ran after the Bodach. The Bodach fell. The men captured him.

The Bodach asked them not to kill him. “Take my treasure but don’t take life,” he said. “If you kill me, you’ll never get my treasure.”

“Foolishness!” said the men. “How will he take the treasure from us when he is dead?”

“I took cattle, food and treasure from you,” the Bodach said, “but I did not kill a man. The man who takes a man’s life, he’ll never be rich.”

The men weren’t listening to him. They made a big fire. They threw the Bodach into the fire.

They returned to the cave. But there was no sign of the arrow or the stone. There were hundreds of arrows. They were right across the mountain. And they never found the treasure.

Since that time, some people who were walking on the mountain saw the millstone. They took locals there to see it. But there was no sign of it. And, when there is thun-der on Morven, you’ll understand that that is the Bodach’s voice. He wants people not to go near the treasure – which still belongs to him and to the mountain.

Bodach Dubh na Mòr-bheinne (2)

Gàidhlig

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an sgeulachd Bodach Dubh na Mòr-bheinne. Tha i às a’ Bhràigh Mhòr ann an Gallaibh. Bha na fir an tòir air a’ Bhodach. Bha sin air an t-seachdamh latha dhen Iuchar. Chaidh am bodach à sealladh tro fhosgladh air cliathaich na beinne. Bha e ag èigheachd rudan neònach ann an Gàidhlig. Bha e a’ feuchainn ris an ceò a thoirt a-nuas. Ach, air an t-seachdamh latha dhen t-seachdamh mìos, cha robh an comas sin aige.

Bha clach a’ mhuilinn thairis air an fhosgladh. Bha am Bodach a’ losgadh saighdean tron toll. Mu dheireadh, thilg am Bodach a’ chlach don taobh. Leum e a-mach agus ruith e air falbh.

Chaidh na fir a-steach. Bha an uamh làn ionmhais. Chuir na fir saighead anns an talamh. Bha sin airson am fosgladh a chomharrachadh. Ruith iad às dèidh a’ Bhodaich. Thuit am Bodach. Chuir na fir an grèim e.

Dh’iarr am Bodach orra gun a mharbhadh. “Thoir m’ ionmhas ach na toir mo bheatha,” thuirt e. “Ma mharbhas sibh mi, chan fhaigh sibh m’ ionmhas gu bràth.”

“Amaideas!” thuirt na fir. “Ciamar a bheir e an t-ionmhas bhuainn nuair a tha e marbh?”

“Thug mi crodh, biadh is ionmhas bhuaibh,” thuirt am Bodach, “ach cha do mharbh mi duine. Am fear a bheir beatha duine air falbh, cha bhi e beartach a-chaoidh.”

Cha robh na fir ag èisteachd ris. Rinn iad teine mòr. Thilg iad am Bodach don teine.

Thill iad don uaimh. Ach cha robh sgeul air an t-saigheid no air a’ chloich. Bha na ceudan saighdean ann. Bha iad air feadh na beinne. Cha do lorg na daoine an uamh. Agus cha do lorg iad an t-ionmhas.

Bhon uair sin, chunnaic feadh-ainn a bha a’ coiseachd air a’ bheinn a’ chlach mhuilinn. Thug iad muinntir an àite ann airson a faicinn. Ach cha robh sgeul oirre. Agus, nuair a tha tàirn-eanaich air a’ Mhòr-bheinn, tuigidh sibh gur e sin guth a’ Bhodaich. Tha e ag iarraidh air daoine gun a dhol faisg air an ionmhas – a bhuineas fhathast dha fhèin agus don bheinn.

PDF

Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 550

Podcast

Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Litrichean eile

An Triùir Shaighdearan

Mac a’ Bhuidealair (3)

Èirig Fhinn (3)

An Damh agus an t-Asal

Locha Buidhe 's a Dhà Bhuachaille (3)