LearnGaelic.scot uses cookies. By continuing to use this site we assume you consent to this. You can read about exactly what cookies we use, and why we set them, on our cookies page. This banner will not appear again, but you may read our cookie policy at any time by following the link at the bottom of all our pages.
Faclair English

195: Cù Fhearchair Bhàin (3)

B1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann.

00:00
00:00

Audio is playing in pop-over.

Cù Fhearchair Bhàin (3)

Gàidhlig

Seo agaibh stòiridh beag. Thachair e anns an naoidheamh linn deug. Chan eil fios agam càite. ’S dòcha ann an Siorrachd Pheairt. Ann am badeigin air tìr-mòr co-dhiù. ’S e an t-ainm a tha air an stòiridh Cù Fhearchair Bhàin.

Bha cù math aig Fearchar Bàn. ’S e cù-chaorach a bha ann. ’S e Fraoch an t-ainm a bha air. Cha robh cù eile anns a’ ghleann cho math ri Fraoch. Bha earball fada air. Bha deagh choltas air. Agus bha e uabhasach sgileil leis na caoraich.

Ach cha robh Fraoch foirfe. Nuair a bha cìobairean còmhla airson rùsgadh, agus coin aca, bha Fraoch a’ sabaid leis na coin. Cha robh Fearchar toilichte leis idir nuair a thachair sin.

Oidhche a bha seo, aig àm an rùsgaidh, bha Iain Ruadh agus a bhean a’ coiseachd anns a’ ghleann. Bha iad faisg air taigh Fhearchair. Bha iad air an rathad dhachaigh bhon Ghalltachd. Bha e dubh dorch. Chuala iad fuaim annasach.

“Dè am fuaim a tha sin, Iain?” thuirt a’ bhean.

“Na fèidh am measg nan clach,” fhreagair Iain.

“Chan e, no fèidh,” thuirt a bhean. “Tha uisge-beatha nad cheann fhathast.”

“Caoraich am measg nan clach, ma-thà,” thuirt an duine aice.

“Chan e, no caoraich,” fhreagair a bhean. “Tha uisge-beatha nad cheann fhathast.”

Thàinig fuaim às ùr a-mach às an dorchadas. Mar ghliongadh meatailt.

“A Dhia,” dh’èigh a’ bhean, “ ’s e am Fear as Miosa fhèin a tha ann!”

Bha Iain a’ fàs sòbarra. Bha iad dhen bheachd gun robh an Sàtan fhèin a’ dèanamh orra! Bha an t-eagal orra.

Theich Iain Ruadh ’s a’ bhean aige. Ruith iad don taigh a b’ fhaisge. B’ e sin taigh Fhearchair. Bha Fearchar a-staigh. Ach càite an robh Fraoch? Cha robh esan a-staigh. Innsidh mi dhuibh mu Fhraoch nuair a leanas an stòiridh an ath sheachdain.

Blond Farquhar's dog (1)

Beurla

Here’s a wee story. It happened in the 19th Century. I don’t know where. Perhaps in Perthshire. Somewhere on the mainland anyway. The story is called Farquhar Ban’s dog.

Farquhar Ban had a good dog. It was a sheepdog. Its name was Fraoch. There was no other dog in the glen as good as Fraoch. It had a long tail. It had a good appearance. And it was very skilful with [the] sheep.

But Fraoch wasn’t perfect. When the shepherds were together for shearing, with dogs, Fraoch was fighting with the dogs. Farquhar wasn’t happy with it at all when that happened.

One evening, at shearing time, John Roy and his wife were walking in the glen. They were near Farquhar’s house. They were on the road home from the Lowlands. It was pitch black. They heard an unusual sound.

“What is that sound, John?” said the wife.

“The deer among the stones,” John replied.

“It’s certainly not,” said his wife. “You’re still drunk.”

“Sheep among the stones, then,” said her husband.

“Certainly not sheep,” replied his wife. “You’re still drunk.”

A new noise came out of the darkness. Like the clinking of metal.

“Oh God,” cried the wife, “it’s the Evil One himself!”

John was sobering up. They thought that Satan himself was coming for them. They were frightened.

John Roy and his wife fled. They ran to the nearest house. That was Farquhar’s house. Farquhar was in. But where was Fraoch? He wasn’t in. I’ll tell you about Fraoch when the story continues next week.

Cù Fhearchair Bhàin (3)

Gàidhlig

Seo agaibh stòiridh beag. Thachair e anns an naoidheamh linn deug. Chan eil fios agam càite. ’S dòcha ann an Siorrachd Pheairt. Ann am badeigin air tìr-mòr co-dhiù. ’S e an t-ainm a tha air an stòiridh Cù Fhearchair Bhàin.

Bha cù math aig Fearchar Bàn. ’S e cù-chaorach a bha ann. ’S e Fraoch an t-ainm a bha air. Cha robh cù eile anns a’ ghleann cho math ri Fraoch. Bha earball fada air. Bha deagh choltas air. Agus bha e uabhasach sgileil leis na caoraich.

Ach cha robh Fraoch foirfe. Nuair a bha cìobairean còmhla airson rùsgadh, agus coin aca, bha Fraoch a’ sabaid leis na coin. Cha robh Fearchar toilichte leis idir nuair a thachair sin.

Oidhche a bha seo, aig àm an rùsgaidh, bha Iain Ruadh agus a bhean a’ coiseachd anns a’ ghleann. Bha iad faisg air taigh Fhearchair. Bha iad air an rathad dhachaigh bhon Ghalltachd. Bha e dubh dorch. Chuala iad fuaim annasach.

“Dè am fuaim a tha sin, Iain?” thuirt a’ bhean.

“Na fèidh am measg nan clach,” fhreagair Iain.

“Chan e, no fèidh,” thuirt a bhean. “Tha uisge-beatha nad cheann fhathast.”

“Caoraich am measg nan clach, ma-thà,” thuirt an duine aice.

“Chan e, no caoraich,” fhreagair a bhean. “Tha uisge-beatha nad cheann fhathast.”

Thàinig fuaim às ùr a-mach às an dorchadas. Mar ghliongadh meatailt.

“A Dhia,” dh’èigh a’ bhean, “ ’s e am Fear as Miosa fhèin a tha ann!”

Bha Iain a’ fàs sòbarra. Bha iad dhen bheachd gun robh an Sàtan fhèin a’ dèanamh orra! Bha an t-eagal orra.

Theich Iain Ruadh ’s a’ bhean aige. Ruith iad don taigh a b’ fhaisge. B’ e sin taigh Fhearchair. Bha Fearchar a-staigh. Ach càite an robh Fraoch? Cha robh esan a-staigh. Innsidh mi dhuibh mu Fhraoch nuair a leanas an stòiridh an ath sheachdain.

PDF

Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 499

Podcast

Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Litrichean eile

Boban Saor

Na Sia Bonnaich Bheaga (2)

Luchag nam Fiaclan

Naomh Nachlan (2)

Gràinne agus am Buidseach Glas (2)