LearnGaelic.scot uses cookies. By continuing to use this site we assume you consent to this. You can read about exactly what cookies we use, and why we set them, on our cookies page. This banner will not appear again, but you may read our cookie policy at any time by following the link at the bottom of all our pages.
Faclair English

962: An Canàl Cailleannach

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann.

00:00
00:00

Audio is playing in pop-over.

An Canàl Cailleannach

Gàidhlig

A bheil turas nas tlachdmhoire ann an Alba na turas-bàta tron Chanàl Chailleannach? Ma thà, bidh e gu math math tlachdmhor nam bheachd. Chaidh mi tron Chanàl as t-samhradh, agus abair gun do chòrd e rium. Bha an t-slighe brèagha air fad agus thachair mi ri daoine a bha gu math laghach. Bha gu leòr ann à dùthchannan eile a bharrachd air Alba. Bha aon chupall air tighinn à Nirribhidh. Bha iad air an t-slighe chun nan Eilean Cainèiridh. Às a sin, bha iad a’ dol a dhèanamh air a’ Charibbean. Bha iad gu bhith air falbh airson bliadhna. Cha robh sinne ach a’ cur seachad trì latha tron chanàl airson ar bàta a thoirt gu taobh siar na h-Alba.

Tha an Canàl Cailleannach gu math eachdraidheil. ʼS iongantach mura robh daoine a’ beachdachadh air a leithid thar nan linntean. Nuair a chaidh Calum Cille gu ruige Inbhir Nis anns t-siathamh linn, sheòl e cuid mhath dhen t-slighe air na lochan anns a’ Ghleann Mhòr. ʼS iongantach mura tuirt e ris fhèin – nach biodh e math nam biodh faoighteach ann airson mo thoirt ann am bàta air a’ chòrr dhen t-slighe, seach a bhith a’ coiseachd eadar na lochan. Ge-tà, nam biodh e air sin a dhèanamh, ʼs dòcha nach robh cothrom air a bhith aige smachd a thoirt air Niseag ann an Abhainn Nis!

Ach cha deach càil a dhèanamh airson smuain mar sin adhartachadh chun an ochdamh linn deug. B’ e Seumas Watt a rinn a’ chiad shuirbhidh airson canàl tron Ghleann Mhòr ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1773). Ach ʼs ann trithead bliadhna an dèidh sin a chaidh achd tron Phàrlamaid airson maoineachadh a chur mu choinneimh a’ phròiseict. Thug an riaghaltas cead don einnseanair, Tòmas Telford, an canàl a dhealbhachadh agus rinn e sin cuide ri fear Uilleam Jessop gus an do chaochail Jessop ann an ochd ceud deug is ceithir-deug(1814). An uair sin, rinn Telford an còrr leis fhèin.

Bha Telford am measg an luchd-einnseanairidh a b’ ainmeile ri a linn. Rugadh e ann an seachd ceud deug, caogad ʼs a seachd (1757) ann an Eskdale ann an Siorrachd Dhùn Phris. Chaochail athair nuair a bha Tòmas na leanabh agus bha an gille òg air a thogail le a mhàthair ann am bochdainn. Dh’ionnsaich e clachaireachd an toiseach, ach chuir e roimhe a bhith na ailtire agus chaidh e a Lunnainn agus an uair sin gu Shropshire.

Ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a trì (1793) chaidh Telford an sàs ann an dealbhachadh chanàlaichean. Am measg sin bha amaran-uisge ann an Sasainn agus sa Chuimrigh a bh’ air an dèanamh de dh’iarann. Tha iad fhathast mar phàirt de shiostam nan canàlaichean an-diugh. An uair sin am pròiseact mòr – an Canàl Cailleannach, a thug còrr is fichead bliadhna.

Bhathar an dòchas nach toireadh am pròiseact ach seachd bliadhna, seach fichead. Agus bha iad an dùil gun cosgadh e ceithir cheud is seachdad mìle not. Aig a’ cheann thall, chosg e naoi ceud mìle not.

Ach chanainn gum b’ fhiach a h-uile sgillinn. Tha goireas againn a tha air leth. Taobh a-staigh trì latha, thug e mi bhon chosta sear don chladach an iar tro chridhe na Gàidhealtachd. Mo bheannachd aig Tòmas Telford agus gach duine a thug an Canàl Cailleannach gu bith.

Faclan na Litreach: nas tlachdmhoire: more pleasurable; turas-bàta: boat trip; An Canàl Cailleannach: Caledonian Canal; eachdraidheil: historic; einnseanair: engineer; an còrr: the rest; Siorrachd Dhùn Phris: Dumfriesshire; amaran-uisge: aqueducts.

Abairtean na Litreach: thachair mi ri daoine a bha gu math laghach: I met people who were really nice; bha aon chupall air tighinn à Nirribhidh: one couple had come from Norway; air an t-slighe chun nan Eilean Cainèiridh: on the way to the Canary Isles; ʼs iongantach mura robh daoine a’ beachdachadh air a leithid thar nan linntean: it’s likely that people considered the matter over the centuries; sheòl e cuid mhath dhen t-slighe air na lochan anns a’ Ghleann Mhòr: he sailed a good part of the way on the lochs in the Great Glen; nam biodh faoighteach ann: if there were a canal; a rinn a’ chiad shuirbhidh: who made the first survey; airson maoineachadh a chur mu choinneimh a’ phròiseict: to allocate funding to the project; am measg an luchd-einnseanairidh a b’ ainmeile ri a linn: among the most famous engineers of his day; bha an gille òg air a thogail le a mhàthair ann am bochdainn: the young lad was raised by his mother in poverty; dh’ionnsaich e clachaireachd: he learned masonry; chuir e roimhe a bhith na ailtire: he determined to be an architect; an sàs ann an dealbhachadh chanàlaichean: involved in the design of canals; a bh’ air an dèanamh de dh’iarann: that were made of iron; bhathar an dòchas nach toireadh am pròiseact ach seachd bliadhna: it was hoped the project would only take seven years; bha iad an dùil gun cosgadh e X: they expected it to cost X; thug e mi bhon chosta sear don chladach an iar tro chridhe na Gàidhealtachd: it took me from the east coast to the western seashore through the heart of the Highlands; a thug an Canàl Cailleannach gu bith: who brought the Caledonian Canal into existence.

Puing-chànain na Litreach: Chaochail athair nuair a bha Tòmas na leanabh: his father died when Thomas was a baby. Note that when a noun that starts with a vowel is commanded by the third person possessive article ( a ‘his’) it is not written, to avoid a vowel repetition which is not said in speech. For ‘his father and mother’ we would say ‘athair ʼs a mhàthair’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha iad a’ dol a dhèanamh air a’ Charibbean : they were going to make for [go to] the Caribbean.

PDF

Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 658

Podcast

Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Tuilleadh Litrichean

Fèith nan Ceann

Ainmean-àite Innis Tìle

Uamh an Fhuamhaire (1)

Eilean Hòdhaigh

Uisge-beatha agus Ainmean-àite (1)