ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

835: Neo-eisimeileachd nan Stàitean Aonaichte

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

‘Tha sinn dhen bheachd gu bheil na puingean fìrinneach seo follaiseach annta fhèin, gu bheil a h-uile duine air a chruthachadh co-ionann, gu bheil iad a’ faighinn chòirichean àraidh nach gabh àicheadh bhon Chruithear, agus am measg sin tha Beatha, Saorsa agus a bhith an tòir air Sonas.’ ’S dòcha gur e eadar-theangachadh truagh a rinn mi ach tha mi an dòchas gum bi cuid agaibh ag aithneachadh an teacsa thùsail – Agairt Neo-eisimeileachd nan Stàitean Aonaichte. B’ e Tòmas Jefferson prìomh ùghdar an teacsa.

Chaidh a sgrìobhadh ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a sia (1776). San latha an-diugh bhiodh mòran ann am Breatainn a’ taobhadh leis na briathran sin. Bha na h-Ameireaganaich a’ strì an aghaidh aintighearnas Bhreatainn. Cò nar measg – co-dhiù am measg nan Gàidheal – a chanadh nach eil daoine air an cruthachadh co-ionann? Fàgaidh sinn an dàrna taobh an-dràsta nach robh Jefferson agus càch a’ gabhail a-steach còirichean nan tràillean dubha mar bu chòir agus mar sin gun robh beachd claon aig mòran aca air ‘co-ionannachd’.

Cha b’ fhada gus an robh Breatainn air freagairt a thoirt seachad do na h-Ameireaganaich. Thàinig leabhran beag a-mach leis an tiotal mhòr: ‘The Rights of Great Britain Asserted against the Claims of America: Being an Answer to the Declaration of the General Congress’. Ge brìth dè tha sibh fhèin a’ smaoineachadh mu chòirichean Bhreatainn, tha an leabhran air a dheagh sgrìobhadh ann an deagh Bheurla.

Carson a tha mi ag innse seo dhuibh? Uill, dh’ionnsaich mi o chionn ghoirid gun deach an leabhran a sgrìobhadh le Gàidheal! Fear a bha gu math ainmeil ann an mòran dùthchannan. Innsidh mi dhuibh cò bh’ ann aig deireadh na Litreach. ’S dòcha gun cuir e iongnadh air cuid agaibh.

Anns an leabhran, tha an t-ùghdar a’ cur air adhart na h-argamaid gu bheil cumhachd air nach gabh smachd a thoirt anns a h-uile stàit san t-saoghal. Ann an Ìmpireachd Bhreatainn tha an cumhachd ‘far as sàbhailte a b’ urrainn a bhith’ ann an Rìgh, Cumantan is Morairean anns an Reachdadaireachd no Legislature.

Bha na h-Ameireaganaich an aghaidh cìsean a phàigheadh mura biodh iad air an riochdachadh anns an Reachdadaireachd. Uill, nach èist sibh ris an argamaid an aghaidh sin. ‘Air a’ phrionnsapal seo,’ tha ùghdar an leabhrain ag ràdh, ‘cha mhòr gu bheil aon duine ann an còig air fhichead ann am Breatainn air a riochdachadh. A-mach à còrr is seachd millean, tha còir aig nas lugha na trì cheud mìle na buill pàrlamaid a thaghadh.’ Tha e ag ràdh – chan eil deamocrasaidh ceart againne (cha robh no aig na Ròmanaich) – mar sin, carson a bu chòir a leithid a bhith agaibh fhèin?!

Tha e cuideachd ag ràdh – ‘don ùghdarras seo (ùghdarras na Reachdadaireachd) feumaidh an Ìmpireachd gu lèir a bhith a’ gèilleadh’. Dhòmhsa, mar dheamocratach anns an aonamh linn air fhichead, tha e piantail gun robh Gàidheal a’ cur seachad bheachdan mar sin. Ach sin mar a bha an saoghal.

Agus cò e a sgrìobh an leabhran? Cò ach Seumas MacMhuirich à Bàideanach (James MacPherson ann am Beurla) – am fear a bha connspaideach airson a bhith a’ cur seann dàin Oisein air beulaibh an t-sluaigh (mas fhìor). Bidh tuilleadh agam airsan an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: co-ionann: equal; ùghdar: author; aintighearnas: tyranny; leabhran beag: pamphlet; a’ gèilleadh: yielding; Seumas MacMhuirich: James MacPherson; Bàideanach: Badenoch.

Abairtean na Litreach: Tha sinn dhen bheachd gu bheil na puingean fìrinneach seo follaiseach annta fhèin: we hold these truths to be self-evident; gu bheil iad a’ faighinn chòirichean àraidh nach gabh àicheadh bhon Chruithear: that they are endowed by their Creator with certain unalienable rights; Beatha, Saorsa agus a bhith an tòir air Sonas: Life, Liberty and the Pursuit of Happiness; Agairt Neo-eisimeileachd nan Stàitean Aonaichte:The American Declaration of Independence; nach robh X a’ gabhail a-steach còirichean nan tràillean dubha:that X weren’t considering the rights of the negro slaves; gun robh beachd claon aig mòran aca air ‘co-ionannachd’:that many of them had a partial view of ‘equality’; ge brìth dè tha sibh fhèin a’ smaoineachadh mu chòirichean Bhreatainn:whatever you think of the rights of Britain; gu bheil cumhachd air nach gabh smachd a thoirt anns a h-uile stàit san t-saoghal:a supreme power exists in every state in the world; an aghaidh cìsean a phàigheadh mura biodh iad air an riochdachadh:against paying taxes if they weren’t represented; cha mhòr gu bheil aon duine ann an còig air fhichead air a riochdachadh:scarce one in twenty five of the people is represented; tha còir aig nas lugha na trì cheud mìle na buill pàrlamaid a thaghadh:less than three hundred thousand have a right to choose members of parliament; carson a bu chòir a leithid a bhith agaibh fhèin?!:why should you have the like?!; dhòmhsa, mar dheamocratach anns an aonamh linn air fhichead: for me, as a democrat in the 21st century.

Puing-chànain na Litreach: tha an cumhachd ‘far as sàbhailte a b’ urrainn a bhith’ ann an Rìgh, Cumantan is Morairean anns an Reachdadaireachd: the power is ‘where it is most safe’ vested in King, Commons and Lords in the Legislature. Reachdadaireachdmight seem to be a bith of a ‘made-up’ word (although no different from ‘legislature’ in that regard) but it is based on the old word reachd‘law, statute, right, rule, command’ (related to the Latin rectum, regulus, English right, rule). Reachdas is ‘legislation’, reachdail means ‘legal, regular’ and bun-reachd means ‘constitution’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: connspaideach airson a bhith a’ cur seann dàin Oisein air beulaibh an t-sluaigh (mas fhìor): controversial for giving the populace access to the ancient poems of Ossian (if you can believe that).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 531

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean