FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1228: E.G. Ravenstein agus A’ Ghàidhlig (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

E.G. Ravenstein agus A’ Ghàidhlig (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi airson innse dhuibh mu rannsachadh a rinn E.G. Ravenstein anns an naoidheamh linn deug. Ernst Georg Ravenstein, a rugadh anns a’ Ghearmailt ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a ceithir (1834). Ged as e Gearmailteach a bh’ ann, chuir e seachad a’ chuid a bu mhotha de a bheatha phroifeiseanta ann an Sasainn.

Bha Ravenstein na chairt-iùiliche agus dh’fhàs e rudeigin ainmeil. Bha e na bhall de chomhairlean-stiùiridh a’ Chomainn Rìoghail Statastaigeil agus a’ Chomainn Rìoghail Chruinn-eòlaich. Agus ʼs e a rinn na dealbhan agus figearan airson Philip’s World Atlas fad ùine mhòr.

Carson a tha mi ag innse dhuibh mu E.G. Ravenstein anns an Litir? Uill, rinn e rannsachadh air na cànanan Ceilteach. Agus dh’fhoillsich e pàipear airson a’ Chomainn Rìoghail Statastaigeil ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a naoi (1879) anns an robh fiosrachadh prìseil mu Ghàidhlig na h-Alba.

Anns an ro-ràdh aige, tha Ravenstein ag ràdh nach robh, aig an ìre sin, an cunntas-sluaigh nàiseanta a’ faighneachd ceist mu labhairt na Cuimris no na Gàidhlig. Agus dìreach dà bhliadhna an dèidh do Ravenstein a phàipear a lìbhrigeadh, bha ceist anns a’ chunntas-sluaigh mu dheidhinn na Gàidhlig airson a’ chiad turais.

Ciamar a chruinnich Ravenstein am fiosrachadh a chuir e ann an clò? Uill, chuir e-mach mìle is dà cheud litir, eadar Alba is a’ Chuimrigh, gu daoine aig am biodh fios air staid a’ chànain anns an nàbachd aca. Fhuair e freagairtean don dàrna cuid dhiubh. Gu sònraichte, b’ iad na daoine sin luchd-clàraidh breithe, pearsaichean-eaglais agus maighstirean-sgoile. Ach, a bharrachd air sin, chuir Ravenstein litrichean gu ‘daoin-uaisle’ aig am biodh fios agus ùidh anns a’ chuspair.

Bha duilgheadas aige fios fhaighinn air ais bho chuid de choimhearsnachdan. Anns na cùisean sin, chuir e fios gu prìomh òstair an àite. Dh’aidich Ravenstein gur dòcha nach d’ fhuair e an fhìrinn ghlan mu staid na Gàidhlig anns a h-uile àite ach, anns an fharsaingeachd, gun robh a cho-dhùnaidhean faisg air an fhìrinn.

Tha ceist agam dhuibh. Saoil dè an t-siorrachd ann an Alba as làidire a bh’ ann a thaobh na Gàidhlig ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a naoi (1879)? Tha mi a’ ciallachadh le sin – dè an t-siorrachd anns an robh an ceudad a bu mhotha aig an robh Gàidhlig? Bheir mi am fuasgladh dhuibh aig deireadh na Litreach.

Thomhais Ravenstein àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba aig trì cheud ʼs a h-aon mìle (301,000). Bha dà cheud, seasgad ʼs a seachd mìle (267,000) a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd agus trithead ʼs a ceithir mìle (34,000) air a’ Ghalltachd. Thairis air an dàrna leth de dh’Alba air fad – a rèir meud na tìre – bha Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid dhen t-sluagh. Ach bha sin a’ riochdachadh dìreach ochd às a’ cheud de mhuinntir na h-Alba.

Agus air ais don cheist mun t-siorrachd a bu Ghàidhealaiche a bh’ ann ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a naoi (1879). Seo agaibh na ceithir siorrachdan as àirde agus an ceudad de dhaoine aig an robh Gàidhlig annta. Ros is Crombaidh 76.9; Earra-Ghàidheal 81.8; Inbhir Nis 83.3 agus Cataibh 89.6. Seadh, b’ e Cataibh an t-siorrachd a bu Ghàidhealaiche. Smaoinichibh!

Faclan na Litreach: cairt-iùiliche: cartographer; ro-ràdh: foreword; òstair: publican, inkeeper; siorrachd: county; thomhais: estimated.

Abairtean na Litreach: a rugadh anns a’ Ghearmailt: who was born in Germany; ged as e Gearmailteach a bh’ ann: although he was a German; chuir e seachad a’ chuid a bu mhotha de a bheatha phroifeiseanta ann an Sasainn: he spent most of his professional life in England; dh’fhàs e rudeigin ainmeil: he became quite well-known; rannsachadh air na cànanan Ceilteach: research on the Celtic languages; dh’fhoillsich e pàipear airson a’ Chomainn Rìoghail Statastaigeil: he published a paper for the Royal Statistical Society; gu daoine aig am biodh fios air staid a’ chànain anns an nàbachd aca: to people who would know about the state of the language in their area; fhuair e freagairtean don dàrna cuid dhiubh: he received replies to half of them; luchd-clàraidh breithe, pearsaichean-eaglais agus maighstirean-sgoile: birth registrars, church officials and schoolmasters; gun robh a cho-dhùnaidhean faisg air an fhìrinn: that his decisions were close to the truth; thairis air an dàrna leth de dh’Alba air fad: across half of Scotland; a rèir meud na tìre: according to the land area; bha Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid dhen t-sluagh: a majority of the people were Gaelic-speakers; bha sin a’ riochdachadh dìreach ochd às a’ cheud de mhuinntir na h-Alba: that was representing only eight per cent of the population of Scotland.

Puing-chànain na Litreach: dè an t-siorrachd anns an robh an ceudad a bu mhotha aig an robh Gàidhlig?: what county had the highest percentage of Gaelic speakers? Remember that, if we are translating ‘Gaelic speakers’ or ‘numbers who speak Gaelic’ that we don’t use a verb for ‘speaking’, because what we are measuring is those who can speak Gaelic (an fheadhainn aig a bheil Gàidhlig). The exception would be if we were discussing people actually speaking the language on a particular occasion.

Gnàthas-cainnt na Litreach: aig am biodh fios agus ùidh anns a’ chuspair: who would be knowledgeable and interested in the subject.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 924

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean