198: An àite tuiseal tabhartach
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
An àite tuiseal tabhartach
Cuin’ a leigeas sinn seachad seann chleachdaidhean gràmair dha nach bi a h-uile duine a’ cumail an là an-diugh? Deagh cheist, gu dearbh, is chan eil freagairt agamsa air a son, ged a tha e inntinneach meòmhrachadh oirre. Tha an tuiseal tabhartach iolra anns an t-suidheachadh sin. ’S e sin, mura h-eil sibh eòlach air na tuisealan ann an Gàidhlig, an dative plural. An àite tuiseal tabhartach, bidh cuid ag ràdh tuiseal roimhearach oir bidh ainmearan as dèidh roimhear sìmplidh a’ dol don tuiseal sin.
Ann an leabhraichean is bàrdachd is òrain an naoidheamh linn deug chithear rudan mar “tha na h-eòin anns na crannaibh”, “guma slàn do na fearaibh”, “còmhdaichte le luideagaibh”. Tha na faclan mar crannaibh, fearaibh agus luideagaibh anns an tuiseal thabhartach iolra, mar a bha e, le –aibh aig an deireadh.
An là an-diugh airson crannaibh chanamaid crainn no mar as trice, leis an fhìrinn innse, craobhan – tha na h-eòin anns na craobhan. Chanamaid guma slàn do na fir agus còmhdaichte le luideagan. ’S e na th’ air tachairt gu bheil an seann tuiseal tabhartach iolra air a dhol à bith. Anns an t-seadh sin tha an cànan nas sìmplidhe na bha i – is bidh sibh toilichte mu dheidhinn sin, tha mi cinnteach!
Bha mi a’ smaoineachadh gu robh an tuiseal sin air a dhol à bith buileach ach gu h-iongantach, thachair mi ri fear turas a bha ga chleachdadh gu nàdarrach. Agus gabhaidh sibh iongnadh nuair a dh’innseas mi ca’ robh e a’ fuireach. Ann an Astràilia! Bha e a’ fuireach anns na Beanntan Gorma gu siar air Sydney agus ag obair mar fhear-lagh’ ann an Sydney fhèin. ’S dòcha gu bheil e a’ dèanamh sin fhathast oir cha chuala mi guth air airson greis.
Chanadh esan rudan mar fearaibh an àite fir. Agus tha cuimhne agam gun tuirt e seo turas – “Bha am Bìoball na mo làmhaibh”. Ghabh mi iongnadh aig an àm agus thuirt mi sin ris. Agus mhìnich e dhomh gur e “Gàidhlig a’ Bhìobaill” a bh’ aige, seann Ghàidhlig, oir bha e air a h-ionnsachadh bho Ghàidheil anns a’ choitheanal aige – an Eaglais Shaor – agus le bhith a’ leughadh an t-seann Bhìobaill. B’ iad na daoine na choitheanal Gaidheil à Alba agus luchd-labhairt na Gàidhlig a rugadh ann an Astràilia fhèin. Tha glè bheag dhaibhsan air fhàgail a-nise.
Tha m’ inntinn air a’ cheist seo an-dràsta oir bha mi a’ toirt sùil air an fhaclair Ghàidhlig ùr air an robh mi a-mach an t-seachdain sa chaidh – Am Faclair Gàidhlig-Beurla le Cailean Mark – agus mhothaich mi gu robh e a’ cumail ris an t-seann chruth a th’ air an fhacal bean anns an tuiseal thabhartach shingilte – mnaoi. Chanamaid a’ Bhean-phòsta NicDhòmhnaill, ach leis a’ Mhnaoi-phòsta NicDhòmhnaill.
Uill, ’s e sin a chanadh na seann ghinealaich, ach an là an-diugh? Cha chreid mi gu bheil mòran ga ràdh an-diugh. Chanadh a’ chuid mhòr leis a’ Bhean-phòsta NicDhòmhnaill. Agus tha sin a’ sealltainn cho doirbh ’s a tha e faclair a chruthachadh aig àm nuair a tha an cànan ag atharrachadh gu luath. Chuala mi fear aineolach air an rèidio an-uiridh, fear a tha fada an aghaidh na Gàidhlig airson adhbhar air choreigin, agus thuirt e gur e an rud a bu mhò a bha ceàrr oirre nach robh i ga h-ùrachadh mar chànan an là an-diugh.
Uill, tha sin cho ceàrr ’s a ghabhas. Mar a chì sinn le bean is mnaoi, agus le mòran fhaclan eile, tha a’ Ghàidhlig a’ sìor atharrachadh mar a tha a h-uile cànan a tha beò ann an coimhearsnachd.
Faclan na Litreach: ainmear: noun; roimhear: adjective; coitheanal: congregation; an Eaglais Shaor: the Free Church; chanamaid: we would say; ginealach: generation; aineolach: ignorant; coimhearsnachd: community.
Abairtean na Litreach: cuin’ a leigeas sinn seachad seann chleachdaidhean gràmair: when will we give up old grammatical usages?; dha nach bi a h-uile duine a’ cumail:to which not everybody adheres; tha na h-eòin anns na crannaibh: the birds are in the trees; guma slàn do na fearaibh: good health to the men; còmhdaichte le luideagaibh: covered in rags; thachair mi ri fear turas: I met a man on one occasion; gabhaidh sibh iongnadh: you will be surprised; bha am Bìoball na mo làmhaibh: the Bible was in my hands; b’ iad na daoine na choitheanal: the people in his congregation were; luchd-labhairt na Gàidhlig a rugadh ann an Astràilia: Gaelic-speakers who were born in Australia; tha sin a’ sealltainn cho doirbh ’s a tha e faclair a chruthachadh: that shows how difficult it is to create a dictionary; airson adhbhar air choreigin: for some reason or another; nach robh i ga h-ùrachadh: it (fem.) was not being renewed; tha sin cho ceàrr ’s a ghabhas: that is as wrong as can be; tha X a’ sìor atharrachadh: X is continually changing.
Puing-ghràmair na Litreach: The thrust of this week’s letter is changes in the language eg with the dative case. The old dative plural case has now disappeared from everyday usage and some of the specialized or irregular forms of dative singular for feminine nouns are also disappearing eg mnaoi which is the dative singular of bean, a woman or wife. In modern Gaelic, people tend to say bean in the dative singular eg leis a’ bhean, rather than leis a’ mhnaoi. Another one which is less common than it used to be is cloich, the dative singular of clach, a stone. In many places people would still say air a’ chloich but in other communities, they would say air a’ chlach. Bò, cow, is another example. It has a dative singular form boin ie air a’ bhoin, leis a’ bhoin, but increasingly people would say today air a’ bhò, leis a’ bhò. Be aware of these changes when you use older dictionaries and sometimes even modern ones.
Gnàthas-cainnt na Litreach: ’S e na th’ air tachairt gu bheil an seann tuiseal tabhartach iolra air a dhol à bith:what has happened is that the old dative plural case has gone out of existence. Tha X air a dhol à bith: X has become extinct, gone out of existence.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn