ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1036: An Giuthas Bunya

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Tha an Giuthas Bunya gu math cunnartach do mhac an duine. Giuthas Bunya? Nach e craobh a tha sin? Uill, ʼs e, agus tha e gu cinnteach cunnartach. Ach chan ann air sgàth ʼs gu bheil e puinnseanta.

Tha a’ chraobh – am Bunya Pine – a’ fàs ann an Tìr na Banrigh ann an Astràilia. Bha mi ann a sin o chionn ghoirid – anns a’ phrìomh bhaile, Brisbane. Thachair mi ri buidheann de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann. Mo bheannachd aca airson a bhith ag ionnsachadh ar cànain.

Tha an Giuthas Bunya gu math mòr. Bidh e a’ ruigsinn caogad meatair ann an àirde. Tha na duilleagan righinn agus biorach. Tha na cnothan a bhios a’ nochdadh oirre blasta agus beathachail. Dh’fheuch mi feadhainn a bh’ air an ròstadh. Bha iad car coltach – ann am blas agus cruth – ri measgachadh de chnò-bhrasail agus buntàta.

Thuirt mi aig toiseach gnothaich gu bheil a’ chraobh cunnartach. Ciamar? Uill, bidh na cnothan a’ nochdadh ann am measan – durcain – a tha cianail mòr is trom. Tha na durcain a’ coimhead car coltach ri anann nopineapple. Nuair a bha mi a’ coimhead air a’ Ghàidhlig air pineapple, lorg mi ubhal-giuthais aig Dwelly. Saoil am fac’ Eideard còir Giuthas Bunya? Tha ‘ubhal-giuthais’ a’ dèanamh ciall dhomh, an dèidh dhomh an Giuthas Bunya fhaicinn.

Bidh na durcain suas ri deich cileagram ann an cuideam. Ma thuiteas fear caogad meatair à geug, dh’fhaodadh e cur às do dhuine le bhith a’ sgàineadh a chinn. Agus bidh iad a’ tuiteam gu h-obann, gun rabhadh. Chan aithne dhomh gun deach duine a mharbhadh le durcan Bunya, ach chaidh feadhainn a chur don ospadal.

Thathar a’ smaoineachadh gun robh dìneasaran ag ithe chnothan bunya oir tha a’ chraobh gu math math sean. Co-dhiù tha sin fìor gus nach eil, bha agus tha na tùsanaich gu math measail orra. Bhiodh na fineachan a’ tighinn cruinn còmhla aig amannan àraidh – a h-uile trì bliadhna – airson na cnothan Bunya a chruinneachadh agus ithe. B’ iad na Beanntan Bunya an t-àite as cumanta ʼs a bhitheadh iad.

B’ e sin àm airson gàirdeachas agus carthannas, nuair a bhiodh pòsaidhean agus ceanglaichean eadar fineachan air an cur air dòigh. Ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a dhà (1842), chaidh stad a chur air leagail nan craobh seo ann an sgìre ann an ceann an earra-dheas Tìr na Banrigh, a chionn ʼs gun robh iad cho prìseil.

An-diugh, bithear a’ cumail fhèilltean ann an co-cheangal ris a’ Ghiuthas Bhunya, far am bithear ag ithe biadh dùthchasach. Agus chan iad na tùsanaich a-mhàin a tha measail air cnothan Bunya. Tha feadhainn a-nise gan cur gu feum air muin pizza agus airson pesto a chruthachadh!

A bharrachd air cnothan Bunya a ghabhail, dh’ith mi biadh dùthchasach eile fhad ʼs a bha mi ann an Tìr na Banrigh. B’ e sin nàdar de ghiomach air a bheil Moreton Bay Bug. Tha e nas blasta na ainm, ach chòrd a’ chnò Bhunya rium na b’ fheàrr – agus bha i an-asgaidh! Bha am Bug math gu leòr, ach ʼs fheàrr leam na muasgain-chaola againn fhìn.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: : Giuthas Bunya: Bunya Pine; gu cinnteach: certainly; Tìr na Banrigh: Queensland; righinn agus biorach: tough and sharp; durcan: pine cone; air muin: on the top of; an-asgaidh: free of charge.

Abairtean na Litreach: cunnartach do mhac an duine: dangerous to people; air sgàth ʼs gu bheil e puinnseanta: because it is poisonous; mo bheannachd aca airson a bhith ag ionnsachadh ar cànain: my blessing on them for learning our language; anns a’ phrìomh bhaile: in the capital city; a’ ruigsinn caogad meatair ann an àirde: reaching fifty metres in height; tha na cnothan blasta agus beathachail: the nuts are tasty and nutritious; dh’fheuch mi feadhainn a bh’ air an ròstadh: I tried some that were roasted; measgachadh de chnò-bhrasail agus buntàta:a mix of brazil nut and potato; an dèidh dhomh X fhaicinn:after I had seen X; suas ri deich cileagram ann an cuideam: up to ten kilograms in weight; ma thuiteas fear caogad meatair à geug: if one falls fifty metres from a branch; dh’fhaodadh e cur às do dhuine le bhith a’ sgàineadh a chinn: it could kill a man by splitting his head; bidh iad a’ tuiteam gu h-obann, gun rabhadh: they fall suddenly, without warning; chan aithne dhomh gun deach duine a mharbhadh: I don’t know of anybody that was killed; thathar a’ smaoineachadh gun robh dìneasaran ag ithe X: it’s thought that dinosaurs were eating X; tha na tùsanaich gu math measail orra: the aborigines are very keen on them; bhiodh na fineachan a’ tighinn cruinn còmhla aig amannan àraidh: the clans would come together at particular times; chaidh stad a chur air leagail nan craobh: cutting down the trees was prohibited; bithear a’ cumail fhèilltean: festivals are held; far am bithear ag ithe biadh dùthchasach: where indigenous food is eaten; nàdar de ghiomach air a bheil X: a type of lobster called X; ʼs fheàrr leam na muasgain-chaola againn fhìn: I prefer our own prawns.

Puing-chànain na Litreach: tha a’ chraobh gu math math sean: the tree is very very old. One way of emphasising an adjective is to repeat it. We might say ‘bha an cofaidh làidir làidir’ (the coffee was very strong) or ‘bha am famhair mòr mòr’ (the giant was enormous). In the case of the adjectival qualifier gu math (‘very’), it can be strengthened by repeating ‘math’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Co-dhiù tha sin fìor gus nach eil : whether that is true or not.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 732

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean