FaclairDictionary EnglishGàidhlig

910: Mucan-mara Bhail’ Ailein

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Mucan-mara Bhail’ Ailein

Gaelic Gàidhlig

ʼS e mucan gun chiall chuir cùl rin dachaigh

Air aodann mharail a’ chuain;

Nuair chuir iad an cùrs air bàgh Bhail’ Ailein

ʼS e ʼm bàs a bh’ aca mar dhuais;

ʼS e aon a thàr gu sàl air ais dhiubh,

Chaidh càch a chlachadh gun truas;

Bha balaich an àite nam màl a’ feannadh

Gu tràth air madainn Diluain.

Uill, a-nise, a bheil sibh ag aithneachadh an òrain sin? A bheil sibh ag aithneachadh cuspair an òrain? Thachair e anns an Dùbhlachd, naoi ceud deug, trithead ʼs a ceithir (1934) ann an Loch Eireasort ann an Leòdhas. Sealg nam muc. Tha mi a’ ciallachadh le sin – mucan-mara.

Nan tachradh e an-diugh, ʼs ann a’ dìon nam muc a bhiodh daoine. Bhiodh iad a’ dèanamh oidhirp airson na beathaichean iomain air ais gu muir. Ach, aig an àm sin, bha gnothaichean eadar-dhealaichte. Bha daoine bochd. Agus, nuair a nochdadh biadh – an-asgaidh mar dhuais – b’ e sin rùn an fhreastail.

Mar a tha an t-òran ag innse dhuinn, ʼs e dìreach aon mhuc-mhara a thill gu muir. ‘Chaidh càch a chlachadh gun truas’. Bha caogad ʼs a ceithir ann dhiubh. A rèir choltais, ʼs e mucan-biorach tuathach a bh’ annta – northern bottlenose whales. Tha iad a’ fàs cho fada ri deich meatairean, le cuideam còrr is còig tunnaichean annta.

Nochd an sgaoth de mhucan-mara anns an loch faisg air Tàbost. Chaidh grunnan a-mach ann an eathraichean agus lean iad na mucan cho fada ri Bail’ Ailein. Dh’iomain iad na beathaichean chun an uisge eu-domhainn aig ceann an locha. Mharbh iad iad agus gheàrr iad ann am pìosan iad. Fhuair a h-uile taigh anns an sgìre a chuid de shaill. Ghoil na daoine an t-saill ann am praisean airson ola fhaighinn aiste. Feumaidh gun robh fàileadh mòr a’ tighinn aiste cuideachd. Seo an treas rann dhen òran:

Sa mhadainn Dimàirt bha fàileadh damait

Gu h-àrd air mullach nam beann;

Gun d’ fhairich na fèidh iad fhèin an samh

A bha ʼg èirigh mach às a’ ghleann;

Tharraing iad ceum le leum is osann,

ʼS e ʼn èiginn a chumadh iad ann,

Chan itheadh iad beum dhen fheur gun ruigeadh

Iad slèibhtean Hùisinis thall.

Tha an t-òran a’ cur ceist, ge-tà. Carson a shnàimh na mucan-mara a-steach a Loch Eireasort? Seo rann eile:

’S gu dè thug air ainmhidhean garbh na mara

Cur cùl rin dachaighean fhèin,

Gu tòir teachd-an-tìr ri crìch a’ chladaich

An sgìre a’ bhradain ʼs an fhèidh?

ʼS ann stiùir iad cùrs len ùidh air camas

Bhiodh cùilteach falaichte rèidh,

ʼS am biodh iad le rian fo dhìon nam fearaibh

Nach trialladh mara chum èisg.

Bha an neach a sgrìobh an t-òran dhen bheachd nach e maraichean no iasgairean a bh’ anns na daoine ann am Bail’ Ailein no baile eile air cladach an locha – Ceòs. Sgrìobh e nach robh mucan-mara a thigeadh a-steach don loch ann an cunnart – ged a dhearbh an gnothach nach robh sin fìor idir. Seo an rann mu dheireadh.

Chan fhaigheadh àite bu shàbhailt leotha

Na bàgh Bhail’ Ailein is Cheòis;

Fìor nàmhaid an èisg no creutair mara

Cha b’ e bha ʼm balaich a’ chlò;

Cha chàradh iad lìon, cha rèileadh iad dubhan,

Cha bhiathadh duine ac’ lìon-mòr,

Ach leithid aʼ mhìothlachd riamh cha dʼ rinneadh

Air iasg a bheannaich an còrs.

Faclan na Litreach: duais: reward; an Dùbhlachd: December; Loch Eireasort: Loch Erisort; mucan-mara: whales; Tàbost: Habost; eathraichean: small boats; fàileadh damait: a terrible smell; maraichean: seamen; Ceòs: Keose; mìothlachd: offence.

Abairtean na Litreach: ʼS e mucan gun chiall chuir cùl rin dachaigh: it’s senseless whales that rejected their home; nuair chuir iad an cùrs air bàgh Bhail’ Ailein:when they made their course for the bay of Balallan; ʼs e aon a thàr gu sàl air ais dhiubh: [only] one of them went back to sea; chaidh càch a chlachadh gun truas: the rest were stoned [to death] without pity; bha balaich an àite nam màl a’ feannadh:the local lads where flaying them in droves; dh’iomain iad na beathaichean chun an uisge eu-domhainn aig ceann an locha:they drove the animals to the shallow water at the head of the loch; fhuair a h-uile taigh a chuid de shaill:every house got its share of blubber; ghoil na daoine an t-saill ann am praisean airson ola fhaighinn aiste:the people boiled the blubber in large pots to get the oil from it; gun d’ fhairich na fèidh iad fhèin an samh:the deer themselves detected the bad smell; chan itheadh iad beum dhen fheur gun ruigeadh iad slèibhtean Hùisinis thall: they wouldn’t eat any of the grass until they reached the hills of Hushinish [in Harris]; gu tòir teachd-an-tìr ri crìch a’ chladaich [ann] an sgìre a’ bhradain ʼs an fhèidh: in pursuit of livelihood to the edge of the shore in the land of the salmon and deer; fìor nàmhaid an èisg no creutair mara, cha b’ e bha ʼm balaich a’ chlò: the lads of the tweed [weavers] were not the enemies of fish or sea creatures; cha chàradh iad lìon, cha rèileadh iad dubhan: they couldn’t [wouldn’t] repair a net or attach a hook to a fishing line; cha bhiathadh duine ac’ lìon-mòr: none of them could bait a long-line.

Puing-chànain na Litreach : ʼs ann a’ dìon nam muc a bhiodh daoine: people would protect the whales. Starting the sentence with ʼs ann allows us to emphasize the verb dìon [they would protect them rather than kill them]. Remember this structure and use it where appropriate – it’s very useful.

Gnàthas-cainnt na Litreach: b’ e sin rùn an fhreastail: that was the will of providence.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 606

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean