FaclairDictionary EnglishGàidhlig

363: Lusan Albannach

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Lusan Albannach

Gaelic Gàidhlig

Tha an samhradh ann a-nise. Leis an fhìrinn innse, bha an samhradh ann o chionn ceala-deug. Ciamar a tha mi a’ tomhas sin? A bheil mi a’ gabhail ris gur e a’ chiad latha dhen Ògmhios a’ chiad latha dhen t-samhradh? Uill, chan eil, oir tha e follaiseach dhomh nach eil an samhradh a’ nochdadh air an aon latha a h-uile bliadhna. Uaireannan nochdaidh e tràth. Uaireannan, bidh e anmoch.

Ach tha mi ag ràdh gu robh an samhradh ann o chionn ceala-deug leis gun do chuir mi seachad deireadh-sheachdain ann an Srath Spè. Agus ’s e an rud as motha a chomharraicheas gu bheil an samhradh ann, ann an Srath Spè, gu bheil a’ Chuithe Chrom briste.

Nise, ’s e a’ Chuithe Chrom an sneachd aig ceann shuas a’ Choire Chais air a’ Chàrn Ghorm – sneachd a th’ air fhàgail bhon gheamhradh nuair a tha a leithid air leaghadh ann an àiteachan eile. Tha i ann an cumadh cromaig – an aon chumadh a h-uile bliadhna. Bidh i a’ briseadh anns a’ mheadhan timcheall air deireadh a’ Chèitein no toiseach an Ògmhios. Agus nuair a bhriseas i, ’s e sin toiseach an t-samhraidh. No co-dhiù ’s e sin a chanadh na seann Ghàidheil anns an sgìre. Air an dàrna latha dhen Ògmhios am-bliadhna, bha i briste, mura robh i briste roimhe sin.

’S e aon de na rudan eile a chomharraicheas an samhradh ann an Srath Spè – no co-dhiù anns a’ Mhonadh Ruadh – gu bheil an Lusan Albannach fo bhlàth. An Lusan Albannach: ’s e sin a’ Ghàidhlig a th’ air an Trailing Azalea no Loiseleuria procumbens. ’S e a th’ ann lus beag ìosal a tha a’ fàs faisg air an talamh – air talamh gu math àrd far a bheil a’ ghaoth làidir. Tha dìtheanan beaga pionca air aig an àm seo dhen bhliadhna. Tha e gu math snog a’ coimhead.

’S e am Monadh Ruadh fear de na h-àiteachan far am faicear an Lusan Albannach gu nàdarrach. Ann am Breatainn, ’s ann ann an Alba a-mhàin a nochdas e agus tha mi a’ dèanamh dheth gur e sin as coireach ri ainm ann an Gàidhlig. Ach ma choimheadas tu air na h-àiteachan feadh an t-saoghail far an nochd e, tha iomadh dùthaich ann. Tha iad uile timcheall a’ Phòla mu Thuath.

Airson a bhith mionaideach mun àite far am faca mi an Lusan Albannach, bha mi air Creag Ghobharaidh. Tha sin gu tuath air Loch Mhùrlaig a tha eadar an Aghaidh Mhòr agus an Càrn Gorm. Air an druim eadar Creag Ghobharaidh agus Meall a’ Bhuachaille, thàinig mi tarsainn air clach mhòr. Tha i air a dèanamh de chlach-ghràin ruadh – a’ chlach a dh’fhàgas gur e “Am Monadh Ruadh” a chanas daoine ris na beanntan sin. Tha a’ chlach seo gu math mòr. Tha i a’ stobadh suas os cionn an droma agus, gu dearbh, tha i cho mòr ’s gum faicear i bho bhonn a’ ghlinne.

Tha sgeulachd co-cheangailte ris a’ chloich. Bha tè às an Aghaidh Mhòir còmhla rium, is beagan Gàidhlig aice. “Clach an Iutharnaich”, thuirt i. “Clach an Iutharnaich – the stone of the hellish man.” A rèir beul-aithris, bha fear cruaidh an-iochdmhor ann air an robh “An t-Iutharnach”. Bha bothan aige faisg air làimh oir cha b’ urrainn dha fuireach còmhla ri càch anns a’ ghleann. Tha an t-Iutharnach air falbh, ach tha ainm fhathast co-cheangailte ris an àite, ged nach eil e clàraichte air a’ mhapa. Tha an t-àm aig an t-Suirbhidh Òrdanais sin atharrachadh.

Faclan na Litreach: Srath Spè: Strathspey; A’ Chuithe Chrom: the bent snow-wreath; leaghadh: melting; An Lusan Albannach: Trailing Azalea; Creag Ghobharaidh: Craiggowrie; Loch Mhùrlaig: Loch Morlich.

Abairtean na Litreach: bha an samhradh ann o chionn ceala-deug: summer was here a fortnight ago; a bheil mi a’ gabhail ris?: do I accept?; ’s e an rud as motha a chomharraicheas gu bheil an samhradh ann: the thing that most confirms summer’s presence; nuair a bhriseas i: when she breaks; mura robh i briste roimhe sin: if she was not broken before that; dìtheanan beaga pionca: little pink flowers; far am faicear [e] gu nàdarrach: where [it] is seen naturally; tha mi a’ dèanamh dheth gur e sin as coireach: I reckon that is the reason; tha iad uile timcheall a’ Phòla mu Thuath: they are all around the North Pole; eadar an Aghaidh Mhòr agus an Càrn Gorm: between Aviemore and Cairn Gorm; thàinig mi tarsainn air clach mhòr: I came upon a big stone (rock); tha i a’ stobadh suas os cionn an droma: she sticks up above the ridge; tha sgeulachd co-cheangailte ris a’ chloich: there is a story attached to the stone; bha bothan aige faisg air làimh: he had a bothy close by; cha b’ urrainn dha fuireach còmhla ri càch anns a’ ghleann:he couldn’t live with the others in the glen; tha an t-àm aig an t-Suirbhidh Òrdanais sin atharrachadh: it’s time for the Ordnance Survey to change that.

Puing-chànain na Litreach: Bha tè às an Aghaidh Mhòir còmhla rium, is beagan Gàidhlig aice : there was a woman from Aviemore with me who has/had a little Gaelic. You will notice the phraseology here does not mirror the English. Is stands for agus (the two are interchangeable here). I might have said Bha tè às an Aghaidh Mhòir còmhla rium, aig an robh beagan Gàidhlig. This would have been closer to the structure of the English translation and perfectly acceptable. But, of course, for a learner at your relatively advanced stage, it is important to use Gaelic idiom and Gaelic construction where possible and not simply translate from English to Gaelic in your head. Try to use Gaelic idiom and structure where possible in your writing and conversation.

Gnàthas-cainnt na Litreach: tha i cho mòr ’s gum faicear i bho bhonn a’ ghlinne : it is so big that it can be seen from the base of the glen. Gum faicear means “will be seen” or “can be seen”.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 59

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean