471: Na Trì Coin Uaine (2)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Na Trì Coin Uaine (2)
Thòisich mi an t-seachdain sa chaidh air an sgeulachd “Na Trì Coin Uaine”. Tha mi a’ leantainn le sin an-diugh. Tha mi an dòchas gum mothaich sibh cho tric ’s a tha an aireamh a trì – agus cuideachd a naoi (a thrì uiread de thrì) a’ nochdadh anns an stòiridh – mar a tha gu cumanta ann an seann stòiridhean Gàidhlig.
Thill am prionnsa agus na trì coin, Fios, Luaths agus Trom, don bheinn-sheilg. Shuidh am prionnsa air cnoc. Bha fios aig Fios far an robh na fèidh. Rug Luaths orra. Agus thug Trom dhachaigh iad.
Thuirt piuthar a’ phrionnsa ri a bràthair, “Tha mi gad chur fo gheasaibh agus fo chroisean agus naoi buaraichean mhnathan-sìth siubhlach, seachranach mura tèid thu trì uairean às dèidh a chèile don uaimh agus trì glaodhan a thoirt aig an doras.”
Chaidh am prionnsa agus na coin don uaimh am feasgar sin. Thug am prionnsa na trì glaodhan. Thàinig na famhairean a-mach. Mharbh Fios agus Trom fear de na famhairean.
An ath mhadainn chaidh am prionnsa agus na coin don bheinn-sheilg. Shuidh am prionnsa air cnoc. Bha fios aig Fios far an robh na fèidh. Rug Luaths orra. Agus thug Trom dhachaigh iad. Air an oidhche sin thill iad don uaimh. Thug am prionnsa trì glaodhan aig an doras. Thàinig na famhairean a-mach. Mharbh na coin fear eile de na famhairean.
An ath mhadainn a-rithist, chaidh am prionnsa agus na coin don bheinn-sheilg. Shuidh am prionnsa air cnoc. Bha fios aig Fios far an robh na fèidh. Rug Luaths orra. Agus thug Trom dhachaigh iad. Air an oidhche sin thill iad don uaimh a-rithist. Ghlaodh am prionnsa trì uairean aig an doras. Thàinig an t-aon fhamhair a bh’ air fhàgail beò a-mach, agus piuthar a’ phrionnsa. Mharbh na coin am famhair agus theich a’ phiuthar dhachaigh. Chaidh am prionnsa agus na coin a-steach don uaimh agus fhuair iad òr is airgead gu leòr.
Nuair a chaidh am prionnsa dhachaigh bha a phiuthar a’ feitheamh ris le deoch phuinnsein. “Siuthad, a ghaoil,” ars ise, “agus òl an deoch mhath seo. Is cinnteach gu bheil thu sgìth às dèidh crìoch a chur air na famhairean.”
Dh’òl e an deoch agus thuit e marbh. Thòisich na coin car tacain air caoineadh agus air donnalaich. An uair sin, dh’fhalbh iad. Ràinig iad tobar. Bha dithis aig an tobar. Bha fear a’ lìonadh soitheach le uisge. Bha am fear eile ag amharc gu dùrachdach air.
“Dè,” arsa Fios, “a tha sibh a’ dèanamh?”
“O,” fhreagair am fear a bha a’ lìonadh an t-soithich, “’s e tobar leigheis a tha seo agus tha mi a’ toirt deur dhen uisge don duine seo.”
“B’ fheàrr leam,” arsa Fios, “gun toireadh tu deur dheth dhòmhsa.”
Fhuair e deur dhen uisge agus thill na coin do thaigh a’ phrionnsa. Dhòirt iad an t-uisge air a’ phrionnsa agus dh’èirich e gu slàn, fallain.
“A-nis,” arsa Fios, “tha mi fhìn agus an dà chù eile a’ falbh.”
“O, gu dearbh, chan fhalbh sibh,” ars am prionnsa. “Is mòr am feum a th’ agam oirbh.” “Ge-tà, feumaidh sinn falbh,” thuirt Fios, agus a-mach ghabh iad. Às an dèidh ghabh am prionnsa. Ach, ann am priobadh na sùla, bha na coin às an t-sealladh. Bha am prionnsa a’ coimhead air an son fad seachdain. Ach cha d’ fhuair e lorg orra. Agus an ath sheachdain chì sinn mar a tha an seann stòiridh seo a’ tighinn gu crìch.
Faclan na Litreach: beinn-sheilg: hunting mountain; uamh: a cave; famhairean: giants; tobar leigheis: a healing well.
Abairtean na Litreach: Na Trì Coin Uaine: The Three Green Dogs; a thrì uiread de thrì: three times three (3 x 3); shuidh am prionnsa air cnoc: the prince sat on a hill; far an robh na fèidh: where the deer were; rug X orra: X caught them; tha mi gad chur fo gheasaibh agus fo chroisean: I am putting you under spells and crosses; naoi buaraichean mhnathan-sìth siubhlach, seachranach: nine fetters of wandering, straying fairy women; mura tèid thu trì uairean às dèidh a chèile don uaimh: if you don’t go three times after another to the cave; trì glaodhan a thoirt: give three shouts; air an oidhche sin thill iad: that night they returned; thàinig an t-aon fhamhair a bh’ air fhàgail beò a-mach: the one giant left alive came out; theich a’ phiuthar dhachaigh: the sister fled home; òr is airgead gu leòr: plenty of gold and silver; a’ feitheamh ris le deoch phuinnsein: waiting for him with a poison drink; siuthad, a ghaoil: go on, my dear; gu bheil thu sgìth às dèidh crìoch a chur air na famhairean: that you are tired after finishing off the giants; dh’òl e an deoch agus thuit e marbh: he drank the drink and fell dead; thòisich na coin car tacain air caoineadh agus air donnalaich: the dogs began for a while to cry and to whine; a’ lìonadh soitheach le uisge: filling a vessel with water; ag amharc gu dùrachdach air: watching him intently; b’ fheàrr leam: I’d prefer; deur dhen uisge: a drop of the water; dh’èirich e gu slàn, fallain: he arose well and healthy; is mòr am feum a th’ agam oirbh: great is the need I have of you; feumaidh sinn falbh: we must leave; a-mach ghabh iad: out they went; ann am priobadh na sùla: in the twinkling of an eye.
Puing-chànain na Litreach: thug Trom dhachaigh iad: Trom took them home. Note that in traditional usage we usually place an object pronoun in a sentence like this at the end, whereas we would place a noun following the subject. For example we would thug Trom na fèidh dhachaigh but thug Trom dhachaigh iad (rather than thug Trom iad dhachaigh). It’s not strictly wrong to employ a different word order but what I have given is neater and more Gàidhealach. Sometimes you will hear (eg) thug Trom iad dhachaigh but that is probably because the speaker has come under the influence of English word order (“Trom took them home” cf “Trom took home them”). Here’s another example: chunnaic mi Alasdair an-dè but chunnaic mi an-dè e.
Gnàthas-cainnt na Litreach: às an t-sealladh: out of [the] sight.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 167
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn