236: Mapaichean a rinn Timothy Pont
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Mapaichean a rinn Timothy Pont
Mo bheannachd aig Timothy Pont nach maireann, oir dh’fhàg e dìleab phrìseil às a dhèidh. B’ e Pont fear dhen luchd-tarraing mhapaichean a b’ ainmeile a bh’ againn a-riamh. Tha mapaichean a rinn e de mhòran sgìrean ann an Alba air an glèidheadh aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Eideann. Agus nas fheàrr na sin, gabhaidh a h-uile gin dhiubh faicinn air an eadar-lìon, air làrach an Leabharlainn Nàiseanta. Mo bheannachd acasan cuideachd airson goireas air leth a chruthachadh.
Tha mi a’ fuireach faisg air allt ann an Inbhir Nis air a bheil the Mill Burn ann am Beurla. Canaidh na Gaidheil Allt a’ Mhuilinn ris, ach bha mi a-riamh airson dearbhadh dè an t-ainm a bh’ air o shean. Eadar an taigh agam agus a’ mhuir tha an t-allt a’ sruthadh tro sgìrean ris an canar ann am Beurla Kingsmills agus Diriebught.
Uill, lorg mi e air map a rinn Timothy Pont faisg air deireadh an t-siathamh linn deug. Agus ’s e ainm Gàidhlig a bh’ air aig an àm – Allt Muileann an Rìgh. Cha robh guth air ainm Beurla aig an àm sin. Agus bha Diriebught sgrìobhte mar Deirbocht. Thathar a’ smaoineachadh gun tàinig sin à Doire nam Bochd.
Bha mi a’ coimhead air map a rinn Pont de Ghlaschu an là eile agus chunnaic mi Rutherglen, a bha na bhaile fa leth aig an àm. Bha e air a litreachadh Ruglan – RUGLAN – uabhasach coltach ris an dreach Ghàidhlig “Ruadh Ghleann”.
B’ e Timothy Pont mac a’ mhinisteir ainmeil, an t-Urramach Raibeart Pont. Cheumnaich Timothy à Oilthigh Chill Rìmhinn ann an còig ceud deug is ochdad (1580) agus tha e coltach gun do thòisich e air mapaichean a dhèanamh goirid às dèidh sin. Thathar a’ smaoineachadh gun d’ fhuair e misneachd airson a’ phròiseict bhon obair mhòir aig Crìsdean Saxton ann an Sasainn – Atlas of England and Wales, a chaidh a chur an clò ann an còig ceud deug, seachdad ’s a naoi (1579).
Ach, leis cho beag ’s a bha sluagh na h-Alba, an coimeas ri Sasainn, cha bhiodh e furasta idir do Phont a chuid mhapaichean a reic aig prothaid. Gu fortanach dha, thug athair taic dha, an dà chuid airgead a fhuair e bho Eaglais na h-Alba ann an Dùn Eideann, agus le bhith a’ lorg coitheanal dha ann an Gallaibh, às an d’ fhuair e tuarastal.
Chan eil daoine buileach cinnteach mar a chruinnich Pont a chuid fiosrachaidh airson a mhapaichean ach tha e coltach gun do choisich e ann am mòran àiteachan. Thathar a’ smaoineachadh gun do chaochail e aig aois rudeigin òg agus gur ann sna bliadhnaichean mu dheireadh dhen t-siathamh linn deug a chaidh a’ chuid mhòr dhen obair aige a dhèanamh.
An là an-diugh, tha seasgad mapaichean tùsail aige air fhàgail againn agus, a bharrachd orra sin, dh’fhàg Pont làmh-sgrìobhainnean againn, le tuairisgeul sgrìobhte de phàirtean dhen dùthaich. Tha iad le chèile air leth prìseil. Nochd na mapaichean aige anns an Novus Atlas aig Joannis Blaeu ann an Amsterdam ann an sia ceud deug, leth-cheud ’s a ceithir (1654), agus chleachd am fear-mhapaichean Raibeart Gòrdan iad nuair a bha e fhèin ag ullachadh càirtean-dùthcha de dh’Alba.
Agus, a’ tilleadh a dh’Inbhir Nis, ceud gu leth bliadhna ron bhlàr ainmeil, dè bh’ aig Pont air Cùil Lodair? Uill, ’s e Coulloddinn a bh’ aige, a’ sealltainn mar as e an t-ainm Beurla, Culloden, a tha nas coltaiche ris an ainm thùsail Ghàidhlig, seach dreach an ainm Ghàidhlig an là an-diugh. Adhbhar eile airson a bhith toilichte gun do rinn Timothy Pont a chuid obrach ainmeil o chionn ceithir cheud bliadhna.
Faclan na Litreach: Allt a’ Mhuilinn: The Mill Burn; o shean: in olden times; Doire nam Bochd: Diriebught (lit. the grove of the poor); Ruadh Ghleann: Rutherglen; Crìsdean Saxton: Christopher Saxton; prothaid: profit; làmh-sgrìobhainnean: manuscripts; tuairisgeul: description; Cùil Lodair: Culloden (orig. Cùil Lodain) .
Abairtean na Litreach: dh’fhàg e dìleab phrìseil às a dhèidh: he left a valuable legacy after him; B’ e Pont fear dhen luchd-tarraing mhapaichean a b’ ainmeile a bh’ againn: Pont was one of our most famous cartographers; air an glèidheadh aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba: preserved by the National Library of Scotland; airson goireas air leth a chruthachadh: for creating a terrific resource; faisg air deireadh an t-siathamh linn deug: close to the end of the 16th Century; cheumnaich Timothy à Oilthigh Chill Rìmhinn: Timothy graduated from St Andrews University; gun d’ fhuair e misneachd airson a’ phròiseict: that he got encouragement for the project; a chaidh a chur an clò: which was published (lit. put in print); an coimeas ri Sasainn: compared to England; le bhith a’ lorg coitheanal dha ann an Gallaibh: by finding him a congregation in Caithness; gun do chaochail e aig aois rudeigin òg:that he died somewhat before his time [ie at a young age]; tha seasgad mapaichean tùsail aige air fhàgail againn:we have 60 of his original maps left to us; nuair a bha e fhèin ag ullachadh càirtean-dùthcha na h-Alba: when he was himself preparing maps of Scotland; seach dreach an ainm Ghàidhlig an là an-diugh: than the form of the Gaelic name today.
Puing-ghràmair na Litreach: gabhaidh a h-uile gin dhiubh faicinn air an eadar-lìon: all of them can be seen on the internet. The use of the verb “gabh” here creates a passive which indicates a capability. Traditionally the verbal noun following gabh is not lenited eg gabhaidh e dèanamh (it can be done); an gabh sin a bhith (can that be [the case]?); thuirt e gun gabhadh an obair coileanadh (he said the work could be completed); dè ghabhas dèanamh? (what can be done?) It is worth noting, however, that the verbal noun is commonly lenited today, particularly in Lewis, so that you might hear gabhaidh e a dhèanamh instead of gabhaidh e dèanamh.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Mo bheannachd aig Timothy Pont nach maireann: my blessing on Timothy Pont (deceased).
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn