menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

People Daoine

Search Lorg

Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair (Litir 423)

’S i an aon chànan

Am beul nam bàrd ’s nan èisg

As fheàrr gu càineadh

O linn Bhabel fhèin.

’S i as fheàrr gu moladh

’S as torrannaiche gleus

Gu rann no laoidh

A tharraing gaoth tro bheul.

’S i as fheàrr gu comhairl’

’S gu gnothach chur gu feum

Na aon teanga Eòrpach

Dh’aindeoin bòst nan Greug.

Sin earrann agaibh dhen dàn aig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair – Moladh an Ùghdair don t-Seann Chànain Ghàidhlig. Chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an seachd ceud deug, caogad ’s a h-aon (1751).

An robh am bàrd dha-rìribh mu na sgrìobh e? An robh e dha-rìribh dhen bheachd gun robh a’ Ghàidhlig os cionn a h-uile cànain eile san Roinn Eòrpa? Nas fheàrr gu càineadh is nas fheàrr gu moladh? Uill, ’s dòcha nach robh. Faisg air deireadh an dàin tha e ag ainmeachadh “MhicComb, an t-ùghdar mòr ri luaidh”. Is e seo an t-Urramach Daibhidh Malcolm a bha na mhinistear ann an Duddingston faisg air Dùn Èideann anns na bliadhnaichean ro sheachd ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1741).

Sgrìobh Malcolm air gnothaichean àrsaidh agus chuir e air adhart a bheachd gun robh ceanglaichean ann eadar a’ Ghàidhlig agus Laideann, a’ Ghreugais agus cànan nan Innseanach Darianach ann am Meadhan Ameireagaidh. ’S dòcha gun robh Alasdair, ged a bha e moiteil às a’ chànan aige, ri beagan fealla-dhà nuair a sgrìobh e an dàn. Seo an earrann sin a-rithist:

’S i an aon chànan

Am beul nam bàrd ’s nan èisg

As fheàrr gu càineadh

O linn Bhabel fhèin.

’S i as fheàrr gu moladh

’S as torrannaiche gleus

Gu rann no laoidh

A tharraing gaoth tro bheul.

’S i as fheàrr gu comhairl’

’S gu gnothach chur gu feum

Na aon teanga Eòrpach

Dh’aindeoin bòst nan Greug.

Tha an samhradh ann an-dràsta, ged a bhiodh e doirbh sin aithneachadh, ’s dòcha, ann am mòran sgìrean de dh’Alba. ’S e an samhradh seusan nam flùraichean agus is toigh leam an dualchas Gàidhlig a tha co-cheangailte ris na lusan a tha dùthchasach do dh’Alba. Bha mi a’ leughadh dàn eile aig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair o chionn ghoirid – fear a tha gu math freagarrach airson an àm seo dhen bhliadhna. Is e sin Òran an t-Samhraidh.

Anns an dàn tha am bàrd ag ainmeachadh cuid de na lusan air a bheil mi eòlach agus as toigh leam. Seo iad agus bheir mi dìreach a’ Ghàidhlig dhuibh, feuch gum bi sibh gan aithneachadh: creamh, sòbhrach, ròs, neòinean, fraoch, biadh-eunain agus feada-coille.

An robh sibh eòlach air feadhainn dhiubh? Seo a-rithist iad agus bheir mi an t-ainm Beurla dhuibh cuideachd an turas seo: creamh, no wild garlic, sòbhrach, no primrose, ròs, rose, neòinean, daisy, fraoch, heather (fhuair sibh sin tha mi an dùil), biadh-eunain, wood sorrel, agus feada-coille. Nise tha mi a’ dèanamh dheth gur e feada-coille am wood sorrel cuideachd – Oxalis acetosella. Carson a thagh Mac Mhaighstir Alasdair dà ainm airson an aon luis anns an aon dàn? Uill, ’s dòcha ri linn-sa gun robh an dà ainm sin a’ ciallachadh dà lus eadar-dhealaichte. Ma tha fios aig duine agaibh air sin, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.

Bha aon lus eile ainmichte ann an Òran an t-Samhraidh – crios Chuchulainn. Crios Chuchulainn. A bheil sibh eòlach air? Tha an t-ainm Beurla snog gu leòr – ’s e sin meadowsweet. Ach tha an t-ainm Gàidhlig fichead turas nas fheàrr! A bheil sibh eòlach air Cuchulainn? Chan eil? Feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn sin anns an ath Litir!

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: dàn: poem; dùthchasach: native, indigenous.

Abairtean na Litreach: As fheàrr gu càineadh o linn Bhabel: the best for criticising since the time of Babel; as torrannaiche gleus: has the most resounding potential; gu rann no laoidh: [the best] for stanza or lay; a tharraing gaoth tro bheul: that wind has ever drawn through mouth; na aon teanga Eòrpach [a] dh’aindeoin bòst nan Greug[ach]: than any European language despite the boasts of the Greeks; an robh am bàrd dha-rìribh?: was the poet in earnest?; gnothaichean àrsaidh: antiquarian matters; chuir e air adhart a bheachd: he proposed [his opinion]; cànan nan Innseanach Darianach: the language of the Darien Indians; moiteil às: proud of; ri beagan fealla-dhà: having a bit of fun; ged a bhiodh e doirbh sin aithneachadh: although it would be hard to recognise that; feuch gum bi sibh gan aithneachadh: to see if you can recognise them; a’ ciallachadh dà lus eadar-dhealaichte: meaning two different plants; crios Chuchulainn: meadowsweet [lit. Cuchullin’s belt]; fichead turas nas fheàrr: twenty times better.

Puing-chànain na Litreach: Am beul nam bàrd ’s nan èisg: in the mouth of the poets and satirists. Did you think èisg here referred to fish? That is an easy mistake to make because iasg is a funny word grammatically. Although there is a plural form (generally èisg but iasgan in one or two places – and na h-Iasgan is the Gaelic for the zodiac sign Pisces) the singular form is usually employed as a collective. “The fish shop” is bùth an èisg, using the genitive singular. So with the genitive plural article (nan) appearing with èisg it might have been a clue that we are dealing here with (an old) genitive plural form of the noun èisg (nominative plural èisgean ) meaning a “satirist”.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ri [a] linn-sa: in his day (emphatic).

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 119

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word