155: Eileamaid cheimigeach air a bheil ainm Gàidhlig
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Eileamaid cheimigeach air a bheil ainm Gàidhlig
Halò a-rithist. Tha ceist agam dhuibh an toiseach an-diugh. Dè an eileamaid – tha mi a’ ciallachadh eileamaid cheimigeach – air a bheil ainm Gàidhlig – no leth-Ghàidhlig co-dhiù? Chan e hàidraidean no helium a th’ ann. Feumaidh sibh cumail a dol tro liosta nan eileamaidean. Innsidh mi dhuibh dè th’ ann aig deireadh na Litreach.
Air an deireadh-sheachdain sa chaidh bha mi a’ meòmhrachadh anns na beanntan. Uill, chan eil àite nas fheàrr na sin airson a bhith a’ meòmhrachadh, a bheil? ’S e a bu mhò a bh’ air m’ aire, a bharrachd air bòidhchead an àite, ceist mu chnuic is clachan. Gu mionaideach, dè a’ Ghàidhlig a chuireamaid air roche moutonnée?
Ma tha beagan Frangais agaibh, bidh fios agaibh gur ann às a’ chànan sin a thàinig na faclan roche moutonnée, agus gu bheil iad a’ ciallachadh “clach chaorach”. ’S e a th’ ann clach mhòr, a chaidh a dhèanamh mìn le deigh ann an Linn na Deighe. Uaireannan bidh sgrìoban oirre a chaidh fhàgail le clachan a bha a’ gluasad leis an deigh. A’ coimhead air a’ chloich bho astar, tha i a’ coimhead car coltach ri caora. Mouton, ann am Frangais.
Cha robh càil ann am Beurla airson a leithid agus ghabhadh a-steach am facal-iasaid bho na Frangaich, mar a ghabhadh avalanche agus cirque agus crevasse. Agus a’ Ghàidhlig coire cuideachd – a nochdas ann am Beurla mar corrie.
Ach feumaidh mi aideachadh nach cuala mi a-riamh Gàidhlig airson roche moutonnée. Cha robh na seann daoine a’ coimhead air clachan anns an aon dòigh ’s a tha luchd-saidheans an-diugh. Gu dearbh, bha ainmean àraidh air clachan fa leth agus ’s ann mar sin a tha e fhathast anns na beanntan far an robh mi. ’S aithne dhomh grunn chlachan ann a sin air a bheil ainmean, mar gum biodh, “pearsanta”, a tha ag innse sgeulachd mu eachdraidh na cloiche agus eachdraidh an àite.
Chan eil sin a’ ciallachadh, ge-tà, nach eil faclan Gàidhlig ann a dhèanadh an gnothach nuair a tha sinn a’ bruidhinn air dìleab Linn na Deighe. Bha mi a’ campachadh gu h-àrd, faisg air loch ris an canar Loch nan Cnapan. Timcheall an locha, cha mhòr gu bheil talamh rèidh sam bith ann, oir tha e làn chnapan. Bha fear còmhla rium aig nach eil Gàidhlig agus dh’fhaighnich e dhiom, “Dè a’ Bheurla a th’ air cnapan?”
“Uill,” thuirt mi ris, “chanadh am faclair knolls no hillocks, ach saoilidh mi shuas an seo, leis gun deach am fàgail le abhainn-deighe, gur dòcha gur e drumlin am facal as fheàrr ann am Beurla.” Tha drumlin eadar-dhealaichte bho roche moutonnée leis gur e a th’ ann stuth – clachan – a chaidh a ghluasad bho àite eile agus a chaidh a leigeil leis an abhainn-deigh.
Tha faclan eile ann cuideachd a sheasadh an àite “cnapan”, leithid tomannan, tolmanan is tulaichean, ach anns an iar-thuath tha facal ann – mulcan – a tha a’ ciallachadh cnoc beag air a dhèanamh de chlachan a chaidh fhàgail le abhainn-deighe. Agus tha mi a’ dèanamh dheth gur e drumlin am facal Beurla as fheàrr a th’ ann mar eadar-theangachadh air mulcan.
An tuirt mi “facal Beurla”? Uill, tha am faclair Beurla agam ag innse dhomh gur ann à Gàidhlig na h-Eireann a thàinig drumlin, no co-dhiù a’ chiad phàirt dheth – bhon fhacal druim – air a bheil sinn fhèin gu math eòlach ann an Alba.
Agus mus dìochuimhnich mi, feumaidh mi tilleadh don eileamaid air a bheil ainm Gàidhlig. Strontium – a chaidh ainmeachadh airson Strontian neo Sròn an t-Sithein, ann an Loch Abair.
Faclan na Litreach: eileamaid cheimigeach: chemical element; hàidraidean: hydrogen; sgrìoban: scratches, striations; astar: distance; luchd-saidheans: science; dìleab: legacy; a’ campachadh: camping; cumanta: common; eadar-theangachadh: translation; Suidhe Bhrianuilt: Brianuilt’s Seat; Bealach an t-Suidhe: the Pass of the Seat.
Abairtean na Litreach: bha mi a’ meòmhrachadh anns na beanntan: I was meditating (pondering, contemplating) in the mountains; ’s e a bu mhò a bh’ air m’ aire:what was most on my mind; ceist mu chnuic is clachan: a question about hills and stones; dè a’ Ghàidhlig a chuireamaid air X?: what would we call X in Gaelic?; a chaidh a dhèanamh mìn ann an Linn na Deighe: which was made smooth in the Ice Age; ghabhadh a-steach am facal-iasaid: the loan-word was taken in; feumaidh mi aideachadh: I must admit; bha ainmean àraidh air clachan fa leth: individual stones (rocks) had particular names; ’s aithne dhomh grunn chlachan: I know a few stones; air a bheil ainmean, mar gum biodh, “pearsanta”: which have, as it were, “personal” names; timcheall an locha cha mhòr gu bheil talamh rèidh sam bith ann: around the loch there is hardly any flat land; a chaidh a leigeil leis an abhainn-deighe: which was deposited by the glacier; a sheasadh an àite “cnapan”: which would stand in the place of “cnapan”; air a bheil sinn fhèin gu math eòlach ann an Alba: which we ourselves know well in Scotland; mus dìochuimhnich mi: before I forget; a chaidh ainmeachadh airson: which was name for (after).
Puing-ghràmair na Litreach: faisg air loch ris an canar Loch nan Cnapan:close to a loch called the Loch of the Knolls. The point I want to make here is about the genitive plural form of cnap,ie of the knolls. It is the same as the nominative plural form, cnapan.In some previous Litrichean, we have looked at words which pluralise by slenderisation eg balach to balaich, bodach to bodaich. In these cases the genitive plural reverts to the nominative singular form eg beachd nam balach, baile nam bodach. But in most words, and certainly those of only one syllable in the nominative singular form, where the pluralisation occurs, not with slenderisation, but with the addition of a terminal –an (or –annan or –(a)ichean), the genitive plural is identical to the nominative plural. Thus we get nan cnapan. Other examples would be càr (car), càraichean (cars), nan càraichean (of the cars); gille (lad), gillean (lads), nan gillean (of the lads); doras (door), dorsan (doors), nan dorsan (of the doors). The genitive plural without the article is lenited. Thus, in the Litir, we have tha e làn chnapan (it is full of knolls).
Gnàthas-cainnt na Litreach: [chan eil sin a’ ciallachadh nach eil faclan Gàidhlig ann] a dhèanadh an gnothach: [that doesn’t mean there are no Gaelic words] which would do the job.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn