ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

897: Seinn na Pìoba

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

O chionn beagan seachdainean, chunnaic mi film air an robh ‘Colours of the Alphabet’. Bha e mu dheidhinn foghlam sgoile ann an Zambia agus mar a bhios gu leòr de chloinn a’ faighinn an cuid foghlaim tro chànan nach tuig iad aig an toiseach. Bha mòran de na sgoilearan à dachannan anns an robh Soli ga bruidhinn. Ach bha dà chànan air an cleachdadh san sgoil – Njyanja agus a’ Bheurla Shasannach.

Thuirt fear de na tidsearan aig an robh Soli mar chànan dachaigh nach robh Soli freagarrach, co-dhiù aig ìre na h-àrd-sgoile, oir cha robh faclan aca airson leithid ‘fallopian tube’.

Bha mi a’ meòrachadh air suidheachadh na Gàidhlig. A bheil facal againn fhìn airson ‘fallopian tube’? Uill, tha. A bheil e agaibh? Pìob-uighe. Gu litreachail, ‘egg tube’. Pìob-uighe. Tha e a’ dèanamh ciall, nach eil? Gheibhear e an dà chuid anns an Fhaclair Bheag no anns an t-Seotal – a tha le chèile rim faighinn air an eadar-lìon.

Dè mu dheidhinn ‘oviduct’ ma-thà? Dè a’ Ghàidhlig a th’ air sin? Uill, an aon rud – pìob-uighe. Canaidh sinn ‘fallopian tube’ airson oviduct ann am mamailean.

Tha pìob a’ nochdadh ann am pàirtean eile dhen bhodhaig. Mar eisimpleir – a’ phìob-sgòrnain – sin a’ Ghàidhlig air trachea no windpipe. Pìob-sgòrnain. Pìob-dheas‘the right bronchus’. Agus a’ phìob-chlìthe left bronchus.

Bidh dotairean is nursaichean a’ cur pìob-fhuail gu feum. Tha fual a’ ciallachadh ‘urine’. Tha pìob-fhuail a’ ciallachadh ‘catheter’.

Bha MacIlleBhàin dhen bheachd gun tàinig am facal pìob bhon Laidinn. Tha e a’ coimhead coltach gun robh e co-cheangailte ri fuaim a dhèanadh ionnsramaid-chiùil. Mar sin, tha e nàdarrach ‘pìob’ a ghabhail air ionnsramaid, leithid pìob-mhòr nan Gàidheal – the great Highland pipes. Bidh sibh mothachail gu bheil e singilte – agus boireanta – ann an Gàidhlig. A’ phìob-mhòr.

Tha a’ phìob-bheag ann cuideachd – the small pipes. Tha diofar sheòrsaichean dhiubh ann. Agus ʼs fhìor thoigh leam a’ phìob-uilinn aig na h-Èireannaich. Sin na ‘elbow pipes’ no ‘uil(l)eann pipes’. Tha a’ mhala air a chur a dh’at le gluasad na h-uilinn agus ʼs e sin as coireach ri a h-ainm.

Ciamar a chanas sinn ri cuideigin ann an Gàidhlig, ‘Do you play the bagpipes?’ Dh’fhaodadh tu a ràdh: Am bi thu a’ cluich na pìoba? Ach, leis an fhìrinn innse, bhiodh sin car mì-nàdarrach. Tha e nas nàdarraiche a ràdh, ‘Am bi thu a’ seinn na pìoba?’ Seadh, tha seinn a’ ciallachadh ‘play an instrument’. Anns an t-seann Ghàidhlig, b’ e sin prìomh chiall an fhacail. Ann an Gàidhlig na h-Èireann, cleachdaidh iad seinn anns an dòigh sin fhathast.

Cleachdaidh, is sinne ann an Alba fhathast. Bha mi ag èisteachd ri fear an latha eile a’ bruidhinn mu chuideigin a bha ‘a’ seinn na fìdhle’. Agus seo agaibh seanfhacal mu ‘seinn’ agus ‘pìob’: Bheireadh tu cho fada a’ gleusadh do phìob ʼs a bheireadh fear eile a’ seinn port ‘you’d take as long to tune your pipe as another man would to play a tune’. Tha e a’ seasamh airson ‘you’re nothing but hot air – all talk and no action’. Bheireadh tu cho fada a’ gleusadh do phìob ʼs a bheireadh fear eile a’ seinn port.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: a’ meòrachadh air: contemplating; pìob-uighe: fallopian tube, oviduct; mamailean: mammals; pìob-sgòrnain: trachea; car mì-nadarrach: somewhat unnatural.

Abairtean na Litreach: mar a bhios gu leòr de chloinn a’ faighinn an cuid foghlaim: how many children receive their education; tro chànan nach tuig iad aig an toiseach: through a language they don’t understand to begin with; à dachannan anns an robh Soli ga bruidhinn: from homes in which Soli is spoken; co-dhiù aig ìre na h-àrd-sgoile: at least at the level of the high school; a tha le chèile rim faighinn air an eadar-lìon: which are both to be found on the internet; an aon rud: the same thing; ann am pàirtean eile dhen bhodhaig: in other parts of the body; bidh dotairean is nursaichean a’ cur pìob-fhuail gu feum: doctors and nurses use a catheter; fuaim a dhèanadh ionnsramaid-chiùil: the noise a musical instrument would make; bidh sibh mothachail: you will be aware; ged a tha sinn ga dhèanamh iolra ann am Beurla: although we make it plural in English; tha a’ mhala air a chur a dh’at le gluasad na h-uilinn: the bag is inflated by movement of the elbow; ʼs e sin as coireach ri a h-ainm: that’s responsible for its [fem] name; am bi thu a’ seinn na pìoba?: do you play the bagpipes?; prìomh chiall an fhacail: the primary meaning of the word; bha mi ag èisteachd ri fear an latha eile: I was listening to a guy the other day; a’ seinn na fìdhle: playing the fiddle.

Puing-chànain na Litreach: Gheibhear e an dà chuid anns an Fhaclair Bheag no anns an t-Seotal: it will be obtained ie found in the Faclair Beag or An Seotal. The passive future form is obtained by adding a terminal (e)ar to the root of the verb. This would give us faighear in this case. However faigh ‘get’ is one of the ten irregular verbs and it behaves irregularly. Thus gheibh is used as the root here while faigh is used for the interrogative or negative form ie am faighear e ‘will it be got?’ and chan fhaighear e ‘it will not be got’. I hope you use Am Faclair Beag (www.faclair.info ) and An Seotal (www.anseotal.org.uk). If not, look them up today – they are very useful.

Seanfhacal na Litreach: Bheireadh tu cho fada a’ gleusadh do phìob ʼs a bheireadh fear eile a’ seinn port:you’re all talk and no action’.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 593

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean