ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

906: 'Iain Spàinnteach (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Spàinnteach, Iain MacDhòmhnaill à Cnòideart. Air an t-siathamh latha deug dhen Ghiblean, seachd ceud deug, ceathrad ʼs a sia (1746), sheòl e fhèin is oifigearan Èireannach a-mach à Dunkirk, anns an Fhraing. Bha iad a’ dèanamh air Alba. Bha iad a’ dol a thoirt taic do na Seumasaich.

An do mhothaich sibh don cheann-latha? An latha a sheòl iad, b’ e sin Latha Blàr Chùil Lodair. Nuair a ràinig Iain agus buidheann de dh’oifigearan Èireannach Loch a’ Bhraoin, bha ar-a-mach nan Seumasach seachad. Bha na fineachan air sgaoileadh. Bha bràthair athair Iain marbh. Agus bha am Prionnsa fhèin am falach.

Nuair a chuala iad mu Bhlàr Chùil Lodair, thill an caiptean Frangach don Fhraing. Ach chuir e Iain MacDhòmhnaill agus oifigear Èireannach gu tìr le mìle gu leth not airson a’ Phrionnsa. Bha an t-airgead ann an màileid. Bha Iain a-nise ann an dùthaich ʼic Coinnich. Chaidh e gu taigh aig fear air an robh ‘Cailean Dearg’. Thug iad deoch-slàinte don Phrionnsa.

Ach bha an taigh a’ sìor-lìonadh le daoine. Bha Iain a’ gabhail dragh mun airgead aige agus thug e sùil air a’ mhàileid grunn tursan. Ach chan fhac’ e gun robh càil às an rathad.

Chaidh a’ mhàileid a chur air each. Dh’fhalbh iad gu Ach Dà Dhòmhnaill agus taigh aig MacCoinnich eile, nephew do Chailean Dearg. ʼS ann an uair sin a fhuair iad a-mach gun robh cuideigin air briseadh a-steach don mhàileid le sgian, agus mìle not a ghoid.

Thill Iain agus an t-oifigear Èireannach, an Caiptean Lynch, gu taigh Chailein Deirg. Dh’iarr Iain air Cailean an t-airgead a thilleadh dha. Cuimhnicheamaid nach robh Iain ach ochd bliadhn’ deug a dh’aois. Ach ʼs e saighdear a bh’ ann agus bha e deiseil is deònach an gunna aige a chur gu feum.

Bha eadar fichead is trithead duine còmhla ri Cailean Dearg, ge-tà. Bha iad uile armaichte. Thuirt Cailean nach robh càil a dh’fhios aige mun airgead. B’ fheudar do dh’Iain agus Lynch falbh air ais a dh’Ach Dà Dhòmhnaill.

Chaidh iad an uair sin a choinneachadh ri Camshron Loch Iall agus feadhainn a bha dìleas don Phrionnsa. Bha còig ceud not fhathast aig Iain airson a’ Phrionnsa. Thug e an t-airgead seachad agus lean e fhèin is Lynch orra a Chnòideart. Mu dheireadh, fhuair Lynch air ais don Fhraing ann an soitheach Frangach.

Sa gheamhradh às dèidh sin, thill Iain gu dùthaich ’ic Coinnich – e fhèin is fear eile – feuch faighinn a-mach dè thachair don mhìle not. Bha e ann an Toirbheartan nuair a thachair e ri fear a bha a’ gabhail cuairt a-muigh. Dh’inns am fear eile dha mu mar a chaidh mìle not a ghoid bho dhithis oifigearan Seumasach a’ bhliadhna roimhe. B’ iad na mèirlich Cailean Dearg agus dithis eile.

Dh’aidich am fear gun robh e an làthair nuair a thachair a’ mhèirle. Bha e air comhairle a thoirt do Chailean Dearg an dithis oifigearan – fear Èireannach agus fear MacDhòmhnaill – a mharbhadh.

‘A bheil fios agad cò ris a tha thu a’ bruidhinn?’ thuirt Iain.

‘Ri caraid agus fear dhen chinneadh agam fhèin,’ fhreagair am fear eile.

‘Ist a bhleigeird!’ thuirt Iain. ‘Is mise am fear MacDhòmhnaill sin!’ Agus innsidh mi dhuibh de thachair an uair sin nuair a bheir mi an eachdraidh gu crìch an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Cnòideart: Knoydart; sheòl e: he sailed; Blàr Chùil Lodair: The Battle of Culloden; Loch a’ Bhraoin:Loch Broom; am falach: in hiding; màileid: portmanteau; dùthaich ʼic Coinnich: MacKenzie country; Ach Dà Dhòmhnaill:Dundonell; cuimhnicheamaid: let’s remember; armaichte: armed; Camshron Loch Iall: Cameron of Locheil; mèirlich: thieves.

Abairtean na Litreach: Air an t-siathamh latha deug dhen Ghiblean: on 16th April; an do mhothaich sibh don cheann-latha?: did you notice the date?; bha ar-a-mach nan Seumasach seachad: the Jacobite rebellion was over; bha na fineachan air sgaoileadh: the clans had scattered; thug iad deoch-slàinte don Phrionnsa: they drank the Prince’s health; bha an taigh a’ sìor-lìonadh: the house was continually filling; thug e sùil air a’ mhàileid grunn tursan:he examined the portmanteau several times; gun robh cuideigin air briseadh a-steach don mhàileid le sgian:that somebody had broken into the portmanteau with a knife; dh’iarr Iain air Cailean an t-airgead a thilleadh dha:John asked Colin to return the money to him; bha e deiseil is deònach an gunna aige a chur gu feum:he was ready and willing to use his gun; b’ fheudar do X falbh air ais: X had to go back; lean e fhèin is Lynch orra a: he and Lynch continued to; feuch faighinn a-mach dè thachair don mhìle not: to try to find out what happened to the thousand pounds; ann an Toirbheartan nuair a thachair e ri fear a bha a’ gabhail cuairt a-muigh: in Torridon when he met a man who was out taking the air; gun robh e an làthair: that he was present; bha e air comhairle a thoirt do: he had advised; cò ris a tha thu a’ bruidhinn: who you are speaking to; fear dhen chinneadh agam fhèin: one of my own clansmen; ist a bhleigeird: be quiet, you scoundrel.

Puing-chànain na Litreach: MacCoinnich eile, nephew do Chailean Dearg: another MacKenzie, a nephew of Red Colin. With relation to nieces and nephews, Gaelic is more specific than English and doesn’t have a generic term ie we would say for a nephew in this case mac bràthair Chailein or mac piuthar Chailein depending on the relationship. But as Spanish John’s account is in English, he doesn’t specify the exact relationship, so I have employed the generic English term. The same applies to ‘uncle’ and ‘aunt’. In the text we have Bha bràthair athair Iain marbh. This translates as ‘John’s paternal uncle was dead’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: chan fhac’ e gun robh càil às an rathad: he didn’t see that there was anything amiss.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 602

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean