ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

509: Manadh air an Titanic

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Rugadh Pàdruig Moireasdan ann an Griomasaigh ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a naoi (1889). Air an latha mu dheireadh dhen Chèitean naoi ceud deug ’s a h-aon-deug (1911), bha e ag obair air bòrd bàta ann am Beul Feirste. Agus chunnaic e le a shùilean fhèin an soitheach mòr, an Titanic, a’ dol air bhog. Tha mi a’ dol a leigeil le Pàdruig innse na thachair air an latha sin, an ìre mhath na fhaclan fhèin. ’S e an t-ainm air an stòiridh aige Manadh air an Titanic.

An suidheachadh air an robh sinne ag obrachadh air a’ bhàta: nuair a bha sinn ga nighe sìos sa mhadainn, bha sinn an uair sin a’ gabhail biadh sinn fhìn ’s bha an còrr dhen latha againn gu ceithir uairean feasgar. Dh’fhaodamaid a dhol a chadal no dhol gu tìr....

Ach an latha seo – latha leainseadh na Titanic – cha deach duine a leabaidh no gu tìr. Bha sluagh a’ bhail’ uileag a’ tionndadh sìos gu bruaich na h-aibhneadh. B’ e sin an taobh air an robh sinn dhen abhainn cuideachd: ’s ann air an taobh mu ar coinneamh a bha an gàrradh-iarainn far an deach is’ a thogail agus ’s ann às a bhiodh i a’ slaighdeadh a-mach dhan tè a bha gu bhith na màthair dhi – an cuan mòr.

Bha iad cho tiugh mu choinneamh a’ ghàrraidh ’s a’ bhàta, sìos taobh na h-aibhneadh. Bha sinne shìos ann a shiud cuideachd... a dhà no trì an siud ’s a dhà no trì an àit’ eile. Bhathar a’ feitheamh gun fhacal airson greis mhath de dh’ùine, a’ cluinnteil glagadaich taobh eile na h-aibhneadh agus a’ faicinn gluasadan sluaigh agus mòran de shluagh air gach taobh dhen ghàrradh a bharrachd air na bha staigh ann...

Agus chuala sinn an seo ann am Beurla “There she goes! There she goes!” Bha dìreach a’ chiad ghluasad aice, a’ dol gu na seirbheis airson ’n do rinneadh i.

Bha dà bhodach bheag Èireannach, fear aca cha mhòr nach robh e a’ suathadh na mo ghualainn dheas. Bha companach an tacsa ris-san air an taobh a deas dheth, pìob ghoirid chrèadhach am beul gach fir aca ’s currac dà-bhil’ orr’. Chan eil cuimhn’ a’m dè ’n seòrsa clò ach ’s e clò a bha sna seacaidean a bh’ orra, ge b’ e dè bha sna briogaisean.

Dh’fhalbh am bàta sin cho sèimh ’s cho brèagha ri dad a b’ urrainn dhòmhsa no dhan sgiobadh againn fhaicinn. Chaidh i dhan mhuir. Chuir na cuideaman stad, chuir iad stad oirre nuair a bha i air flod. Ach thionndaidh am bodach beag a b’ fhaisge dhòmhsa ri chompanach ’s thug e a phìob às a bheul. Thuirt e mar seo:

“Mark my word, Pat,” ars’ esan, “she’ll be an unlucky ship.”

’S bha i sin, an Titanic, ’s b’ e siud an latha a chaidh a leainseadh. Bha sinn’ a’ bruidhinn ùineachan is ùineachan nuair a thill sinn air ais dhan bhàt’ againn fhìn. B’ e siud an còmhradh againn airson làithean: gu dè chunnaic am bodach. Saoil an robh ciall aige no toinisg aig an rud a thuirt e ri chompanach,

“Mark my word, Pat, she’ll be an unlucky ship.”

’S ann mì-shealbhach a bha i.

Ma tha ùidh agaibh anns na stòiridhean aig Pàdruig Moireasdan, chuir Comann Coimhearsnachd Ghriomasaigh cruinneachadh tarraingeach dhiubh ann an clò a-rithist o chionn ghoirid. ’S e an t-ainm air an leabhar Thugam agus Bhuam. Agus sin e bhuams’ an-dràsta.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Beul Feirste: Belfast; manadh: omen, supernatural warning; slaighdeadh: sliding; tiugh: thick [densely packed]; glagadaich: chatter.

Abairtean na Litreach: Rugadh Pàdruig Moireasdan ann an Griomasaigh: Peter Morrison was born in Grimsay; le a shùilean fhèin: with his own eyes; a’ dol air bhog: being launched; ga nighe sìos sa mhadainn: washing her down in themorning; dh’fhaodamaid a dhol a chadal no dhol gu tìr: we could go to sleep or go on [to] land; latha leainseadh na Titanic: the day of the Titanic’s launch; bha sluagh a’ bhail’ uileag [uile] a’ tionndadh sìos gu bruaich na h-aibhneadh: the entire population of the city were going down to the river bank; mu ar coinneamh a bha an gàrradh-iarainn far an deach is’ a thogail: opposite us was the shipyard where she was built; dhan tè a bha gu bhith na màthair dhi – an cuan mòr: to the thing that was going to be her mother – the great ocean; bhathar a’ feitheamh gun fhacal: it was awaited silently; gu na seirbheis airson ’n do rinneadh i: to the service for which she was made; cha mhòr nach robh e a’ suathadh na mo ghualainn dheas: he was almost touching my right shoulder; bha companach an tacsa ris-san: he had a companion beside him; ’s currac dà-bhil’ [dà-bhileach] orr’: [with] a twin-peaked [deerstalker’s] cap on them; ’s e clò a bha sna seacaidean: the jackets were tweed; ge b’ e dè bha sna briogaisean: whatever their trousers were [happened to be made of]; bha sinn’ a’ bruidhinn ùineachan is ùineachan: we were speaking for a long time; saoil an robh ciall aige no toinisg aig an rud a thuirt e: I wonder if he made sense or if there was sense in what he said.

Puing-chànain na Litreach: pìob ghoirid chrèadhach [ann]am beul gach fir aca: [with] a short clay pipe in the mouth of each of them. Gach commands a noun in the singular so “both [individuals] of them” would be gach fear aca. But fear is here in the genitive or possessive case. As it is singular, it takes the form fir (eg bonaid an fhir, the man’s hat, bonaid fir, a man’s hat). Many Gaelic speakers today would say ann am beul gach fear aca but Pàdruig Moireasdan’s Gaelic was of an older variety and would cling more closely to traditional grammatical usage.

Gnàthas-cainnt na Litreach: nuair a bha i air flod: when she was floating (the Gaelic term may be derived from Old Norse, rather than English).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 205

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean