FaclairDictionary EnglishGàidhlig

43: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (2)

Gaelic Gàidhlig

Rugadh am bàrd, Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, ann an Gleann Urchaidh ann an Earra-Ghaidheal ann an seachd ceud deug, is ceithir ar fhichead (1724). ’S e a’ chiad phìos a sgrìobh e, a th’ againn fhathast, Òran do Bhlàr na h-Eaglaise Brice.

Ghabh Blàr na h-Eaglaise Brice àite anns an Fhaoilleach, seachd ceud deug, dà fhichead ’s a sia (1746) nuair a bha Donnchadh ceithir bliadhna fichead a dh’aois. Thachair e nuair a bha arm a’ Phrionnsa a’ tilleadh gu tuath as dèidh a bhith ann an Sasainn. Chaidh an latha leis na Seumasaich, ach bha Donnchadh air an taobh eile ann am Mailisi Earra-Ghaidheal, a’ sabaid airson Rìgh Deòrsa. Chanainn gu robh e air a bhith na bu thoilichte còmhla ris a’ Phrionnsa.

Ach ’s ann airson òrain-ghaoil agus òrain-nàdair a tha Donnchadh ainmeil, seach bàrdachd-cogaidh. Sgrìobh e corra phìos mu bhean, “Màiri bhàn òg”. Tha do phòg mar ùbhlan gàraidh, ’s tha do bhràighe mar an neòinean, is rudan taitneach mar sin.

Agus ann an dàn eile:

Do chneas mar an èiteag

Glè ghlan, fallain,

Corp seang mar chanach an t-slèibh…

Chì sibh gu robh Donnchadh a’ cleachdadh iomhaighean co-cheangailte ri nàdar agus, a bharrachd air gaol, ’s e nàdar a bu mhotha a ghluais e gu bàrdachd. Bha e ag obair bliadhnaichean mar choilltear airson Iarla Bhràghad Albann neo, mar a chanadh na Gàidheil ris, Mac Cailein ’ic Dhonnchaidh. Dh’obraich e cuideachd do Mhac Cailein Mòr, Diùc Earra-Ghaidheal.

Nuair a bha e ag obair do Mhac Cailein ’ic Dhonnchaidh, chuir e seachad mòran tìde ann an dà àite a bha e a’ dol a dheanamh ainmeil le bhàrdachd – Beinn Dòrain agus Coire Cheathaich. Tha ceathach a’ ciallachadh ceò. Coire Cheathaich, neo Coir’ a’ Cheathaich – Coire a’ Cheò – the misty corrie.

Is toigh leam an dàn aige, air a bheil “Coire Cheathaich” mar ainm, airson trì adhbharan. Tha e làn fhaclan brèagha is tha e a’ ruith gu math mar bhàrdachd. Tha e cuideachd a’ sealltainn cho mòr ’s a bha gràdh Dhonnchaidh do dh’àrainneachd na Gàidhealtachd. Agus an treas rud: tha e a’ dol leis a’ bheachd agam fhìn gu bheil sinn a’ toirt cus spèis anns an latha an-diugh do na mullaichean, is nach eil sin a’ toirt spèis gu leòr do na coireachan. Chanainn fhìn gu bheil na coireachan am measg nan rudan as motha a tha a’ sònrachadh àrainneachd na h-Alba…

’S e Coire Cheathaich nan aighean siùbhlach

An coire rùnach is ùrar fonn,

Gu lurach, miadh-fheurach, mìn-gheal, sùghar

Gach lusan flùir bu chùbhraidh leam…

Ach bu toigh le Donnchadh na mullaichean cuideachd. An t-urram thar gach beinn aig Beinn Dòrain, sgrìobh e mun bheinn a b’ fheàrr leis, Na chunnaic mi fon ghrèin, ’s i bu bhòidhche leam… Agus ged a dh’fhàg e Earra-Ghaidheal, agus ged a chuir e seachad iomadach bliadhna ann am baile mòr Dhùn Eideann, baile air an robh e gu math measail, cha do bhris e a-riamh na ceanglaichean spioradail a bh’ aige do thìr nam beann.

Bha e trì fichead ’s a h-ochd-deug nuair a sgrìobh e Cead Deireannach nam Beann, mu dheidhinn Bèinn Dòrain:

B’ e sin an sealladh èibhinn

Bhith ’g imeachd air na slèibhtibh

Nuair bhiodh a’ ghrian ag èirigh

’S a bhiodh na fèidh a’ langanaich.

Sgrìobh Donnchadh Bàn marbh-rann dhà fhèin – airson duine a bhiodh na sheasamh air a lic, agus am bàrd marbh, fon fhòid. Gabh mo chomhairle ’s bi glic, sgriobh e, cuimhnich tric gun tig am bàs. Uill, thàinig am bàs air Donnchadh ach dh’fhàg e dìleab phrìseil dhuinn as a dhèidh, dìleab a bhios beò fhad ’s a mhaireas cànan nan Gàidheal.

Faclan na Litreach: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir: Duncan Ban MacIntyre; Gleann Urchaidh: Glen Orchy; Mailisi Earra-Ghaidheal: the Argyll Militia; Rìgh Deòrsa: King George; taitneach: pleasant,nice; gaol: love; coilltear: forester; gràdh: love,fondness; aighean siùbhlach: wandering hinds; rùnach: beloved; ùrar fonn: fresh delight; lurach: lovely; miadh-fheurach: abounding in meadow grass; mìn-gheal: soft and fair; sùghar: succulent; marbh-rann: epitaph; fon fhòid (or fon fhòd): buried (lit. under the turf); dìleab phrìseil: a precious legacy.

Abairtean na Litreach: Blàr na h-Eaglaise Brice: The Battle of Falkirk (Falkirk is an Eaglais Bhreac); arm a’ Phrionnsa: the Prince’s army; chaidh an latha leis na Seumasaich: the day went with the Jacobites; tha do bhràighe mar an neòinean: your bosom is like the daisy; do chneas mar an èiteag: your skin like the precious white stone; corp seang mar chanach an t-slèibh: [your] slender body like the bog-cotton; iomhaighean co-cheangailte ri nàdar: images connected to nature; gu bheil sinn a’ toirt cus spèis an latha an-diugh do na mullaichean:that we give too much esteem today to the summits; a tha a’ sònrachadh àrainneachd na h-Alba: which characterize the environment of Scotland; gach lusan flùir bu chùbhraidh leam:every little flowering plant which was pleasantly fragrant (to me); an t-urram thar gach beinn aig X: esteem above all other mountains to X; ’s i bu bhòidhche leam: she was the most beautiful to me (beinn is feminine); Cead Deireannach nam Beann: Last Farewell to the Bens; b’ e sin an sealladh èibhinn: that was the delightful view (èibhinn can mean more than just “funny”); gabh mo chomhairle ’s bi glic: take my advice and be wise; cuimhnich tric gun tig am bàs; remember often that death will come; fhad ’s a mhaireas cànan nan Gàidheal: as long as the language of the Gael survives.

Puing ghràmair na Litreach: bhith ’g imeachd air na slèibhtibh: to be journeying on the hills, moors. Today we would say air na slèibhtean. The –(a)ibh ending is the old dative plural, now only generally found in poetry, songs, old stories and proverbs; it has died off in modern usage. You will come across it in such phrases as guma slan do na fearaibh (health to the men) and bha na h-eòin air na crannaibh(the birds were on the trees). Another dative in the Litir is lic (air a lic). This is the singular dative of the feminine noun leac,a slab of stone, in this case on the author’s grave. Duncan Bàn wrote air mo lic, not air mo leac and this slenderization still occurs today, although no longer universally. Air a lic means “on his grave-slab”.

Gnàthas-cainnt na Litreach: tha e a’ dol leis a’ bheachd agam fhìn: it concurs with my own opinion. Chan eil mi a’ dol leat idir (I do not agree with you at all.)

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean