830: An Tèine Mòr (6)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
An Tèine Mòr (6)
Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh – ‘An Gobha agus an Droch Fhear’ – a tha a’ mìneachadh mar a thàinig an Teine Mòr, no Teine Sionnachain, gu bith.
‘Tha iad ag ràdh,’ thuirt an gobha ris an Droch Fhear, ‘gun tèid agadsa air thu fhèin a chur ann an riochd sam bith a thogras tu.’
‘Tha sin fìor,’ ars an Droch Fhear.
‘Cha chreid mi e gus am faic mi e,’ thuirt an gobha. ‘Mas urrainn dhut, cuir thu fhèin ann an riochd bonn airgid.’
Sa mhionaid, chuir an Droch Fhear e fhèin ann an riochd bonn airgid. Thog an gobha am bonn. Sparr e gu teann cruaidh na sporan e. B’ e an treas iarrtas aige air an t-seann duine liath nach fhaigheadh bonn a-mach às an sporan aige ach a-mhàin nan togadh a làmh fhèin e. Bha an Droch Fhear a-nise an sàs aige. Bha e a’ sgreadail ’s a’ sgreuchail mar gur e muc a bh’ ann. Ach cha d’ fhuair e a-mach às an sporan.
Ach dè bha an gobha a’ dol a dhèanamh leis an Droch Fhear? Chuir e roimhe an sporan a phronnadh leis na h-ùird air an innean. Dh’iarr e air dithis ghillean làidir a b’ aithne dha am pronnadh a dhèanamh. Thilg iad an sporan pronn don teine, agus dh’fhalbh an Droch Fhear na shradagan a-mach air an luidhear.
Ach, le bàs an Droch Fhir, thòisich cùisean air a dhol an aghaidh a’ ghobha. Bha an sprèidh aige a’ faighinn bàs. Ged a rinn e curachd as t-earrach, cha robh toradh a b’ fhiach anns a’ bhàrr aige as t-fhoghar. Bha e air òr is airgead a chur ma seach ann an cisteachan is sluic. Ach, nuair a dh’fhosgail e na cisteachan ’s na sluic, cha robh annta ach buachar eich!
Chaidh cùisean an aghaidh a theaghlaich cuideachd. Bha a’ chlann gu lèir leisg agus làn droch bheusan. Nuair a dh’eug a bhean, bhiodh an gobha a’ falbh o dhoras gu doras na chripleach truagh, ag iarraidh na dèirce.
Mar bu shine ’s mar bu truaighe a bha e a’ fàs, ’s ann a bu mhiosa a bha a nàdar a’ dol. Cha robh beannachd Dhè no dhaoine air a cheann. On a bha e gun charaid, is gann a bha duine ann a bheireadh fasgadh na h-oidhche dha. Mu dheireadh, fhuaradh a chorp marbh ann an seann tobhta. Cha chuireadh na daoine ann an cladh e. Thilg iad a chorp ann an sloc faisg air bruaich na h-aibhne.
Nuair a dh’fhàg e an saoghal, chaidh e gu dìreach a dh’ionnsaigh an droch àite. Nuair a ràinig e an doras, cò choinnich e ach a sheann charaid.
‘Thàinig thu mu dheireadh,’ ars an Droch Fhear, ‘ach cha ghabh mise a-steach thu. Tha mi a’ fadadh teine nach mùchar a-chaoidh nad bhroilleach. Tha mi ag òrdachadh dhut a bhith ag imeachd sìos is suas air an talamh gu latha a’ bhreitheanais. Cha bhi fois oidhche no tàmh latha agad. Bidh thu nad chulaidh-ghràin dhut fhèin agus nad chulaidh-eagail do gach creutair beò a chì thu.
’S ann mar sin a thàinig an Teine Mòr gu bith. Ma chì sibh e, cuimhnichibh air eachdraidh a’ ghobha agus mar a dh’fhuiling e a chionn ’s gun do rinn e bargan leis an Droch Fhear.
Faclan na Litreach: Teine Mòr, Teine Sionnachain: will-o-the-wisp; sprèidh: livestock; dh’eug: died; beannachd: blessing; cladh: cemetery.
Abairtean na Litreach: gun tèid agadsa air thu fhèin a chur ann an riochd sam bith a thogras tu: that you can disguise yourself as anything you want; cha chreid mi e gus am faic mi e: I won’t believe it until I see it; ann an riochd bonn airgid: in the form of a coin; sparr e gu teann cruaidh na sporan e: he thrust it with vigour into his purse; ach a-mhàin nan togadh a làmh fhèin e: unless his own hand picked it up; a’ sgreadail ’s a’ sgreuchail: screaming and screeching; chuir e roimhe an sporan a phronnadh leis na h-ùird:he decided to pulverise the purse with the hammers; dh’iarr e air dithis ghillean làidir a b’ aithne dha am pronnadh a dhèanamh:he asked two strong lads he knew to do the pulverising; na shradagan a-mach air an luidhear: as sparks up the flue; curachd as t-earrach: planting in the spring; cha robh toradh a b’ fhiach anns a’ bhàrr aige as t-fhoghar: his crops in autumn weren’t worth a bean; na cisteachan ’s na sluic: the kists and pits; cha robh annta ach buachar eich: there was nothing in them but horse dung; làn droch bheusan: full of bad character; na chripleach truagh: as a poor cripple; ag iarraidh na dèirce: seeking alms; fhuaradh a chorp ann an seann tobhta: his body was found in an old ruined building; a dh’ionnsaigh an droch àite: to the bad place; cha ghabh mise a-steach thu: I won’t let you in; ag imeachd sìos is suas air an talamh gu latha a’ bhreitheanais: going back and forth on the land till judgement day; cha bhi fois oidhche no tàmh latha agad: you will have no peace night or day; mar a dh’fhuiling e a chionn ’s gun do rinn e bargan leis an Droch Fhear: how he suffered because he made a pact with the Devil.
Puing-chànain na Litreach: Tha mi a’ fadadh teine nach mùchar a-chaoidh nad bhroilleach:I’m kindling a fire that will never be extinguished in your chest. Mùchar is the future passive form of mùch, mùchadh ‘extinguish’. Cha mhùchar an gaol a th’ agam ort ‘the love I have for you will never be stifled’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Bidh thu nad chulaidh-ghràin dhut fhèin agus nad chulaidh-eagail do gach creutair beò a chì thu: you’ll be an object of hatred for yourself and an object of fear for every living creature that sees you.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 526
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn