ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

899: Uilleam Elphinstone, Easbaig Obar Dheathain (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Saoilidh mi gu bheil seann togalaichean Oilthigh Obar Dheathain uabhasach fhèin brèagha. Bha mi ann as t-samhradh, a’ leughadh à leabhar a sgrìobh mi. Am measg nan oileanach anns an èisteachd bha tè à Bulgairia, tè às an Fhraing agus fear às a’ Ghearmailt. Bha e math a bhith a’ faicinn eadar-nàiseantachd na Gàidhlig anns an latha an-diugh!

Co-dhiù, ghabh mi ùine coiseachd timcheall nan seann togalaichean. Taobh a-muigh Caibeal Cholaiste an Rìgh, chunnaic mi ìomhaigh umha a bha mòr agus brèagha. Bha e follaiseach gun robh i a’ comharrachadh gaisgeach air choreigin. Ach cha b’ e ceatharnach a bh’ ann. Bha an ìomhaigh a’ riochdachadh pears-eaglais. Easbaig.

ʼS e seann Easbaig Obar Dheathain a th’ air a chuimhneachadh anns a’ charragh-chuimhne – fear Uilleam Elphinstone a rugadh ann an ceithir cheud deug, trithead ʼs a h-aon (1431). ʼS e a chuir air bhonn Oilthigh Obar Dheathain.

Ach bha rud car annasach ann. Thug mi sùil air an sgrìobhadh timcheall air, a bh’ air a shnaigheadh ann an umha. Bha e doirbh a leughadh ach bha e a’ coimhead coltach dhòmhsa gur e seann Ghàidhlig a bh’ ann – Gàidhlig a bhuineadh do na meadhan-aoisean ʼs dòcha.

Bhuineadh Elphinstone do Ghlaschu. Tha fhios gun robh Gàidhlig fhathast anns a’ bhaile sin anns a’ chòigeamh linn deug. Ach chan eil mi cinnteach an robh Gàidhlig aige fhèin mar chainnt.

Mar sin, carson agus ciamar a tha Gàidhlig air a’ charragh-chuimhne a tha ga chomharrachadh? Uill, thig mi gu sin an ceartuair. An toiseach, feumaidh mi rudeigin a ràdh mu dheidhinn Elphinstone fhèin, oir ʼs e duine ainmeil a bh’ ann.

Fhuair Elphinstone a chuid foghlaim ann an Oilthigh Ghlaschu a bh’ air ùr-fhosgladh. Cha robh ach ceithir oilthighean ann am Breatainn aig an àm sin – Oxford is Cambridge ann an Sasainn agus Cill Rìmhinn is Glaschu ann an Alba. Bha Uilleam na shagart ann an Glaschu. An uair sin, fhuair e obair mar òraidiche ann an lagh na h-Eaglaise anns an Fhraing, ann an Oilthigh Pharis. Dh’fhuirich e bliadhnaichean anns an Fhraing, an toiseach ann am Paris, agus an uair sin ann an Orléans, far an robh e cuideachd a’ teagasg anns an oilthigh.

Nuair a bha e mu cheathrad bliadhna a dh’aois, thill e a dh’Alba. An toiseach bha e ann an Glaschu, ag obair eadar an t-oilthigh agus a’ Chathair-eaglais. Deich bliadhna an dèidh sin, bha urram easbaig air a bhuileachadh air – Easbaig Rois. Bha e cuideachd na bhall-pàrlamaid. Ach ghluais e a dh’Obar Dheathain airson a bhith na Easbaig sa bhaile sin anns a’ bhliadhna ceithir cheud deug, ochdad ʼs a trì (1483).

Cha robh Elphinstone a-mhàin an sàs ann an gnothaichean na h-Eaglaise. Bha e ainmeil airson a chuid eòlais air an lagh, agus a sgilean mar neach dioplomasach. Mar sin, chuir Rìgh na h-Alba, Seumas III, e gu ruige an Fhraing agus Sasainn airson Alba a riochdachadh anns na cùirtean riaghlaidh.

Ach ʼs e an obair a bu mhotha a bh’ aige anns na bliadhnaichean sin a bhith a’ cur oilthigh air bhonn ann an Obar Dheathain. Aig an àm sin, cha robh ann an Obar Dheathain ach baile beag. Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain mar a stèidhich Elphinstone oilthigh ann, agus mar a fhuair e carragh-cuimhne le Gàidhlig sgrìobhte air.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: : eadar-nàiseantachd: internationalism; ìomhaigh umha: bronze image; ceatharnach: warrior; Cill Rìmhinn: St Andrews; cathair-eaglais: cathedral; dioplomasach: diplomatic.

Abairtean na Litreach: Oilthigh Obar Dheathain: The University of Aberdeen; a’ leughadh à leabhar a sgrìobh mi: reading from a book I wrote; am measg nan oileanach anns an èisteachd: among the students in the audience [lit. listening]; Caibeal Cholaiste an Rìgh: King’s College Chapel; a’ comharrachadh gaisgeach air choreigin: marking some hero or other; a’ riochdachadh pears-eaglais: representing a churchman; a th’ air a chuimhneachadh anns a’ charragh-chuimhne: who is remembered in the monument; ʼs e a chuir air bhonn X: it’s himself that established X; bha e doirbh a leughadh: it was difficult to read ; bha e a’ coimhead coltach dhòmhsa gur e seann Ghàidhlig a bh’ ann: it was appearing to me that it was old Gaelic; a bhuineadh do na meadhan-aoisean: that belonged to the middle ages; an robh Gàidhlig aige fhèin mar chainnt: if he spoke Gaelic himself ; fhuair X a chuid foghlaim: X got his education; a bh’ air ùr-fhosgladh: that had newly opened; bha Uilleam na shagart: William was a priest; òraidiche ann an lagh na h-Eaglaise: a lecturer in church law; cha robh X a-mhàin an sàs ann an gnothaichean na h-Eaglaise: X was not only involved in church matters; gu ruige an Fhraing agus Sasainn airson Alba a riochdachadh anns na cùirtean riaghlaidh: to France and England to represent Scotland in the courts of government.

Puing-chànain na Litreach: a bh’ air a shnaigheadh ann an umha: that was carved in bronze. Why is it air a shnaigheadh and not air a snaigheadh? It is because sgrìobhadh is a masculine noun (as are almost all nouns ending in -adh). A bh’ air a shnaigheadh means literally ‘that was after its carving’. The ‘a’ is a possessive pronoun and being third person masculine it causes lenition of the noun it commands – thus shnaigheadh rather than snaigheadh.

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha urram easbaig air a bhuileachadh air : he was given the honour of being made a bishop.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 595

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean