318: Mo Rùn Geal Òg
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Mo Rùn Geal Òg
Dè an t-òran Gàidhlig as fheàrr leibh? Am measg an fheadhainn as fheàrr leam fhìn, tha am fear ainmeil a bhuineas do linn nan Seumasach, Mo Rùn Geal Òg. Sin am fear a tha a’ tòiseachadh, “Och, a Theàrlaich Òig Stiùbhairt, ’s e do chùis [a] rinn mo lèireadh…”
Saoilidh mi gu bheil an t-òran seo cho cumhachdach ri gin a chaidh a sgrìobhadh a-riamh a chuireas an aghaidh cogadh. ’S e òran-gaoil a th’ ann, oir tha am boireannach a sgrìobh e a’ moladh bòidhchead a cèile – agus mar a bhios i ga ionndrainn gu mòr oir tha e a-nise marbh. Tha i ag ràdh, “Bu tu ’m fear mòr bu mhath cumadh, od mhullach gud bhrògan, bha do shlios mar an eala, ’s blas na meal’ air do phògan.”
Ach ciamar a chuireas an t-òran an aghaidh cogadh? Uill, seo a’ chiad rann agus chì sibh:
Och a Theàrlaich Òig Stiùbhairt,
’S e do chùis rinn mo lèireadh,
Thug thu bhuam gach nì [a] bh’ agam
Ann an cogadh nad adhbhar;
Cha chrodh is cha chaoraich
Tha mi [a’] caoidh ach mo chèile.
Ged a dh’fhàgte mi ’m aonar
Gun sìon san t-saoghal ach lèine,
Mo rùn geal òg.
’S dòcha gur e an ceathramh loidhne as làidire a chuireas beachd a’ bhoireannaich an cèill. Ann an cogadh nad adhbhar. ’S ann airson Theàrlaich a bhathar a’ sabaid – chan ann airson math na coimhearsnachd no na daoine aca fhèin. Tha fhios gu robh mòran de mhnathan na Gàidhealtachd dhen bheachd gu robh iad air a bhith na b’ fheàrr dheth mura robh Teàrlach Òg Stiùbhart air nochdadh a-riamh air cladach na h-Alba.
’S i Cairistìona Fhearghasdan, no NicFhearghais, a sgrìobh an t-òran. Bhuineadh i do Chunndainn ann an Siorrachd Rois. A rèir aithris, bha Cairistìona pòsta aig fear Uilleam Siosalach à Srath Ghlais. Is esan a bha a’ cumail bratach nan Siosalach aig Blàr Chùil Lodair. Eadhon nuair a bha arm nan Seumasach air an ratreut, lean na Siosalaich orra, a’ sabaid. Mu dheireadh bha iad gan dìon fhèin ann an sabhal agus bha Uilleam aig an doras. Chum e a h-uile saighdear dearg aig an robh claidheamh a-mhàin air falbh. ’S e duine calma a bh’ ann.
Ach fhuair buidheann de shaighdearan dearga air mullach an t-sabhail. Bha gunnaichean aca agus loisg iad air Uilleam. Fhuair e bàs mu dheireadh, le seachd peilearan ann.
A rèir beul-aithris, chruthaich Cairistìona an t-òran nuair a bha i a’ leantainn ciste Uilleim aig a thiodhlacadh. Thathar ag ràdh gun do bhuail i ruitheam an òrain le a làmhan air mullach na ciste. ’S dòcha nach eil sin fìor, agus tha ceistean ann fhathast mun òran. Mar eisimpleir, tha e annasach gur e an t-Eilean Sgitheanach an t-aon àite a th’ air ainmeachadh ann, seach Srath Ghlais no Siorrachd Rois …“ ’S iomadh bean a bha brònach, eadar Trondairnis is Slèite…”
Tha cuid ag ràdh gun do theich Cairistìona gu càirdean anns an Eilean Sgitheanach an dèidh Blàr Chùil Lodair, agus gur e sin as coireach. Chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach an e an fhìrinn ghlan a th’ againn mu eachdraidh an òrain – ach faodaidh sin a ràdh gur e òran air leth a th’ ann ris am bu chòir don a h-uile duine èisteachd mus beachdaich iad air an taic a thoirt do chogadh sam bith an là an-diugh.
Faclan na Litreach: Cairistìona NicFhearghais: Christina Fergusson; Cunndainn: Contin; biodagan: daggers; ceàrdach: smithy; Siosalach: Chisholm; Srath Ghlais: Strathglass; ratreut: retreat; bratach: flag; dìon: defend; sabhal: barn; peilearan: bullets; tiodhlacadh: funeral; Blàr Chùil Lodair: Battle of Culloden .
Abairtean na Litreach: dè an t-òran Gàidhlig as fheàrr leibh?: what Gaelic song do you like best?; a bhuineas do linn nan Seumasach:which belongs to the time of the Jacobites; Mo Rùn Geal Òg: my fair young love; ’s e do chùis [a] rinn mo lèireadh:it is your cause that distressed me; cho cumhachdach ri gin: as powerful as any; a chuireas an aghaidh cogadh: which opposes war; bòidhchead a cèile: her husband’s beauty; mar a bhios i ga ionndrainn gu mòr: how she misses him greatly; bu tu ’m fear mòr bu mhath cumadh: you were the [a] big man of good shape; od mhullach gud bhrògan: from your top to your shoes (mullach might originally have been muineal, neck); bha do shlios mar an eala: your side was like the swan; ’s blas na meal’ air do phògan: the taste of honey on your kisses; thug thu bhuam gach nì [a] bh’ agam: you took from me everything I had; ann an cogadh nad adhbhar: in a war for your cause; cha chrodh is cha chaoraich [a] tha mi [a’] caoidh ach mo chèile: it is not cattle and not sheep that I grieve but my husband (cha chrodh is an alternative to chan e crodh); gun sìon san t-saoghal ach lèine: without anything in the world but a shirt; a chuireas beachd X an cèill:which expresses X’s opinion; mura robh X air nochdadh a-riamh: if X had never appeared: bha a h-athair na ghobha: her father was a blacksmith; aig an robh claidheamh a-mhàin: who had only a sword; gun do bhuail i ruitheam an òrain air mullach na ciste: that she hit the rhythm of the song on the top of the coffin; ’s iomadh bean a bha brònach, eadar Tròndairnis is Slèite: many a wife was sad, between Trotternish and Sleat.
Puing-chànain na Litreach: Ged a dh’fhàgte mi ’m aonar: literally this is “though I would be left on my own (nam aonar)”. This may be a corruption of ged a dh’fhàgadh mi (though I was left). Both of these are passive forms of the verb fàg, fàgail. Another version of the song gives “on là a dh’fhàg e mi ’m aonar” in which the verb is active, rather than passive, and refers to her dead husband (“from the day he left me alone”).
Gnàthas-cainnt na Litreach: Chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach an e an fhìrinn ghlan a th’ againn: we can’t be sure that it is the full truth we have. An fhìrinn ghlan: the complete truth.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 14
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn