O chionn ghoirid bha mi ann an dà dhachaigh mhòr stàiteil a tha ceangailte
    ri chèile. ʼS e fear dhiubh Caisteal Bhrothaigh – Brodie Castle –
    ann am Moireibh. ʼS e am fear eile Stourhead air crìochan
    Wiltshire is Somerset ann an Sasainn. Tha iad ceangailte ri chèile le
    ailtire.
    Tha Stourhead brèagha. Tha an leas àlainn, le craobhan mòra ann, agus
    faoin-thogalaichean ri taobh loch. Chaidh a thogail às ùr tràth anns an
    ochdamh linn deug. Agus bʼ e an t-ailtire a dhealbhaich e – fear Cailean
    Caimbeul a bha na Albannach. Rugadh e ann an Caisteal Bhrothaigh ann an sia
    ceud deug, seachdad ʼs a sia (1676).
    Bhuineadh Cailean do na Caimbeulaich leis an robh Caisteal Challadair.
    Fhuair e oideachadh ann an lagh ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Ach dh’fhàg e
    an dreuchd aige, agus Alba, airson a bhith na ailtire ann an Sasainn.
    Choisinn e cliù dha fhèin an sin, agus dh’fhuirich e an còrr de a bheatha
    ann an Sasainn agus san Eadailt. Bha e gu mòr a’ leantainn ailtireachd
    Andreas Palladio, ailtire Eadailteach. Bha Palladio dìleas do stoidhle nan
togalaichean clasaigeach anns an Ròimh agus sa Ghrèig. Canaidh daoine    ‘Palladian’ ris an stoidhle aige.
Dh’fhàs an Caimbeulach ainmeil. Sgrìobh e an leabhar    Vitruvius Britannicus, a chaidh fhoillseachadh ann an seachd ceud
    deug is còig-deug (1715). Bha e mu dheidhinn ailtireachd, agus na riochdan
    clasaigeach a b’ fheàrr leis a’ Chaimbeulach. Chaochail Cailean ann an
    seachd ceud deug, fichead ’s a naoi (1729). Cha do mhair an dreuchd aige
    mar ailtire fada, ach bha e cliùmhor nuair a chaochail e.
    Ge-tà, cha robh a bheatha às aonais connspaid. Fhuair e obair mar
    Leas-àrd-shuirbhidhear aig a’ Bhòrd Obrach Rìoghail. Nuair a bha e san
    dreuchd sin, rinn e sgrùdadh air staid Thaigh nan Cumantan ann an Lunnainn.
    Mhol an aithisg aige gun dèante obair mhòr air an togalach, oir bha e ann
    an droch staid. Ach chaidh fios a sgaoileadh gun robh an Caimbeulach air a
    bhith ri foill, agus e an dùil an cùmhnant fhaighinn
    airson obair-càraidh air an togalach – nach robh ann an staid cho dona ’s a
    bha e a’ cumail a-mach!
    An latha a bha mi ann an àite-breith a’ Chaimbeulaich – Caisteal Bhrothaigh
    – bha fèill dhibhe is bhìdh ann. Chaidh mi a’ choimhead
    air stàile far an robhar a’ reic mil-dheoch. Sin deoch-làidir a thathar a’
    dèanamh le mil. Ann am Beurla, mead.
    Bha mi-fhìn is a’ bhean agam a’ bruidhinn ri chèile ann an Gàidhlig mun
    deoch. Bha sinn air beulaibh an duine a bha ga reic. Gu fortanach, bha sinn
    air a bhith modhail – oir bhruidhinn an duine rinn ann an Gàidhlig!
    Tha Crìsdean Mac a’ Mhaoilein air a bhith a’ dèanamh mil-dheoch fad beagan
    bhliadhnaichean. Tha e stèidhichte ann an Cill Mhìcheil ann an Siorrachd
    Pheairt, le ionad-obrach ann am Blàr Ghobharaidh. Tha e a’ faighinn na
    meala aige ann an Srath Àrdail faisg air an dachaigh aige, agus tha e a’
    grùdadh na dibhe ann an dòigh nàdarrach, stèidhichte air rannsachadh a rinn
    e air na dòighean-obrach àrsaidh air feadh ceann a tuath na Roinn Eòrpa.
    Chòrd e rium coinneachadh ris, agus e làn Gàidhlig. Agus bha an deoch aige
    math cuideachd!